Back To Home Page

Gnìomhachas a Tuath

Community Learning Association North of Smokey

Seo na sgìrean a tha tuath air Beinn Smòcaidh: Iongainis, Camas Gorm, Acarsaid Nìll /An Acarsaid Ùr, Rubha Bàn, Allt nan Smalag, Cala Deas, Ceap Nòr, Camas Aspaidh, Cnap Siùcair, Gleann Rathad a’ Chamais, Camas Naoimh Labhrain, Baile Naoimh Màiread, Rubha Dubh, Camas na Fèola agus Eilean Naoimh Phòil. Tha naidheachd a’ Ghnìomhachais a Tuath a’ toirt dhuinn dealbh air iasgach an lunaisg, air obair coille agus air mèinneadh—gnìomhachais a bha soirbheachadh aon uair anns na sgìrean fad-às sin an ceann a tuath Cheap Bhreatainn.

Cabhlach shoithichean lunaisg  far Inbhir pheotharain, 1945.
Cabhlach shoithichean lunaisg far Inbhir pheotharain, 1945.
The North Highlands Community Museum.

Iasgach an Lunaisg

Bhiodh iad ri iasgach an lunaisg anns na sgìrean tuath air Smòcaidh bho na 1930an gu ruige na 1980an. Bha an lunasg cho pailt is gum biodh bàtaichean a’ tighinn a dh’iasgach a Yarmouth agus cho fad air falbh ri na Stàitean. Bhiodh an seàsan a’ tòiseachadh anmoch san Iuchar agus a’ ruith gu anmoch san t-Sultain, uaireannan dhan Dàmhair.

Bha iasgach an lunaisg air aon de na gnìomhachais bu mhotha bha tuath air Smòcaidh anns na 1930an is na 1940an, oir se dòigh shochaireach a bh’ ann air airgiod a chosnadh aig an àm ud dhe ’n bhliadhna; chosnadh iasgairean barrachd airgid ris an seo na chosnadh iad ris a’ ghiomach. A rèir Leonard Jackson, duine sam bith aig an robh bàta san àm, bhiodh e ris an lunasg. Chaidh càirdean Leonard a-mach 12 mìle, chuir iad seachad 3 latha ag iasgach, ghlac iad 9 èisg agus reic iad iad air 43 sgillin am pùnnd.

Faodaidh e bhith gum bi suas ri 6 troighean ann an lunasg às an Atlantaig a Tuath, nuair a thèid an ceann is an t-earball a ghearradh dheth. Tha suas ri troigh gu leth sa cheann agus  suas ri 4 troighean sa chlaidheamh; mar sin, bidh 11 troigh gu leth anns a’ mhòr-chuid dhiubh, mar is trice. Tha suas ri 300 punnd anns gach iasg nuair a thèid an glanadh.

Se maide 15 troighean a dh’fhaid a bh’ anns a’ mhurghadh a bhiodh aca ri iasgach an lunaisg; chanadh iad am pòla ris gu tric agus bha e ceangailte ri gad iarainn ris an abradh iad iarann lili. Bha an t-iarann lili air a chuir ri dealg bhig mheatailt ris an robh ròp ceangailte. Bhiodh buideal no àrca ceangailte ris an ròp a bheireadh cothrom dhaibh an t-iasg a leantainn. Bhiodh triùir ris an cainte fir-faire air an suidheachadh anns na croinn airson sùil a chumail à-mach airson an èisg. Nuair a bhiodh e tilgeadh a’ mhurghadh, dh’fheumadh deagh chuimse bhith aig an fhear a bhiodh air an stann, se sin sorchan a bhiodh a-mach air toiseach an t-soithich; mura bitheadh, gheibheadh an t-iasg air falbh. Aon uair ’s gun d’ rachadh an t-iasg a bhualadh, dh’fhalbhadh e leis an àirc fhad ’s a bhiodh na fir a deasachadh tuilleadh ròpa dhan ath fhear. Rachadh sgoth a leagail as an t-soitheach agus dh’iomradh iasgair a-mach chun an èisg;  bhiodh e follaiseach ri linn na h-àrca agus an iomais bàis. Na shuidhe gu sàbhailte an deireadh na sgothaidh, rachadh aig an iasgair air an lunasg a tharraing a-steach leis an ròpa; bhiodh an t-àrc air an ròp agus rachadh e thairis air rolair anns an toiseach. Mar bu trice, cha bhiodh an soitheach fad’ air falbh bho ’n sgothaidh.


A' chiad lunasg a chaidh a thoirt a-steach gu Inbhir Pheotharain, 1914. 
A' chiad lunasg a chaidh a thoirt a-steach gu Inbhir Pheotharain, 1914. The North Highlands Community Museum.

Ged a bha a’ mhòr chuid nam màl ag obair anns na 1930an agus na 1940an, bha acarsaid Inbhir Pheotharain gu h-àraid riaslach. Bhiodh an acarsaid seo cho dùmhail le bàtaichean iasgach agus gum faodadh daoine coiseachd bho aon taobh chun an taobh eile air deic nan soitheach. Cha robh e na iongnadh bàtaichean gypsum fhaicinn agus eadhaoin an Aspy aig acair an cala air choireigin.

Se Seòras Burton aon de na h-iasgairean lunaisg a b’ fhearr a bha riamh anns an sgìre. Bha na sinnsir de ’n bheachd gum b’ e cearban a bh’ ann an lunasg agus mar sin, cha do dh’fhiach iad riamh ri ghlacadh. Nuair a bha Seòras ag iasgach am Massachussets, chunnaic e daoine ris an lunasg agus chuir e roimhe fiachainn air, nuair a thill e dhan Chamas. Thug e leis dhachaigh murghadh, chaidh e mach dhan Chamas agus bhuail e lunasg. Mhìnich e an uair sin dhan t-seann fheadhainn dè bha anns an iasg agus gun robh iad blasda. As dèidh sin, bhiodh iad ag cur an èisg air deigh ann am bocsaichean agus gan cur a ruige nan Stàitean air an Aspy.

Bàtaichean lunaisg an Inbhir Pheotharain, 1914.
Bàtaichean lunaisg an Inbhir Pheotharain, 1914.
The North Highlands Community Museum.

Rugadh Eòs Curtis an 1922 agus thòisich esan ag iasgach an lunaisg san t-Sultain 1937 nuair a bha e 15. Bhiodh Jerry Dùghlach is Ed Zwicker anns an aon t-soitheach ris. Cha robh Eòs riamh ris an lunasg agus dh’fhoighneachd e dhaibh ciamar a dh’aithnicht’ e. Thuirt iadsan ris sùil a chumail air dà rud a bhiodh a-mach as an uisge; an ite dhroma agus it’ an earbaill. Thug Ed air Jerry a dhol suas dhan stann a dh’ fhiachainn air an iasg, ach chaill e chiad fhear, oir bha a’ ghrian na aghaidh agus chaidh a dhalladh. Mar bu trice, bhiodh ad àraid air na h-iasgairean air an robh bile mhòr, gorm gu h-ìseal;  chaomhnadh seo an sùilean bho dhearrsadh na grèine air an uisge. Seach nach do dh’ amais Jerry air an iasg, ghairm Ed air Eòs agus sin dar a ghlac e a’ chiad lunasg; fhuair iad 3 uile gu lèir an latha sin. Fear de ’n fheadhainn mu dheireadh air an do rug Eòs, bha 707 punnd ann.

Bha ainm aig Ailean is Aonghas Mac Ill Eòlain cuideachd mar iasgaireanan lunaisg. Bha iadsan ag iasgach cuide ri Peadar Kanary far an Angus L, soitheach 48 troigh. Bhiodh iad ag iasgach a-mach a Inbhir Pheotharain ach rachadh iad suas cho fad ri Scataraidh an coinneamh an lunaisg.

Anns na 1970an, ma dh’fhaoidte gun do rinn eagal a’ mhearcair cron air iasgach an lunaisg; ach se soithich nan driamlach fada a chuir ceal air. Tha ’n driamlach fhada ag obair car mar a tha inneal tràlaidh; tha dubhain is maghar air an driamlaich agus glacaidh iad gach nì, eadhoin èisg bheaga. Cha do rinn am murghadh uidhir cron air an iasgach sa rinn an driamlach fhada. Tha cuid am beachd gun do dhùin iasgach an lunaisg mar thoradh air an driamlaich fhada a bh’ aig bàtaichean cèin agus nach d’ fhuair muinntir Chanada ceartas ri linn eagal a’ mhearcair. Nuair nach robh cead an lunasg a reic an Canada, bha sin ceadaichte anns na Stàitean. An diugh, tha bacadh air iasgach an lunaisg ann an Camas Naoimh Labhrain, ach tha làn chead air taobh a-muigh Rubha ’n Airgid.


Obair Coille

Clach mhuilinn aig Muileann Mhurchaidh is Eardsaidh Dhòmhnallaich san Intearbhal Mhòir.
Clach mhuilinn aig Muileann Mhurchaidh is Eardsaidh Dhòmhnallaich san Intearbhal Mhòir. The North Highlands Community Museum.

As t-fhoghar, nuair a bhiodh an t-iasgach is obair baile seachad, rachadh iomadh fear Tuath air Smòcaidh dhan choille. A rèir Sheumais Stockley: “Sin a bha cha mhòr a h-uile duine ris.” Chionns gun robh feum air fiodh airson teas is togail thaighean is bhàtaichean, bha obair coille glè chudthromach anns gach coimhearsnachd. Ged a chaidh seo sìos feadh nam bliadhnaichean, bidh cuid fhathast ris an t-seann dòigh beatha seo. Rinn Seumas Stockley dealbh air mar a thòisich obair na coille an Ionganais nuair a bhiodh fir a’ siubhal air feadh Cheap Bhreatainn a’ sireadh obrach anns a’ choille. Tha cuimhn’ aige gum biodh e fhèin is Eanraig is Tearlach Stockley agus Aonghas Laing uile gearradh connaidh air Beinn na h-Aitinn, faisg air Drochaid Moraig. Theireadh iad gun gearradh Aonghas Laing na bu luaithe agus na b’ fhearr na duine sam bith—se esan a thug bàrr.

Muileann Ruairidh Mhic Leòid an Inbhir Pheotharain .
Muileann Ruairidh Mhic Leòid an Inbhir Pheotharain .
The North Highlands Community Museum.

Bha cuid Tuath air Smòcaidh aig an robh lair-shàbhaidh is inneal airson fiodh a ghearradh. Bhiodh iadsan a’ falbh bho àite gu àite, a’ gearradh connadh a’ gheamhraidh ann am faid a bhiodh freagarrach dhan stòbh. Gu math tric, chan fhaigheadh iad sian de dhuais ach dìnnear is suipear, oir bha caidreamh dlùth san sgìre agus bhiodh daoine a’ toirt an aired ha chèile. Bhiodh iad a’ nochdadh fàbhar da chèile an àite airgid. Nuair nach biodh an t-seirbheis seo ann, dh’fheumadh na fir an connadh a ghearradh le sàbh crois agus a sgoltadh le tuagh. Bha saothair mhòr co-cheangailte ri deisealachadh a’ chonnaidh mu choinneamh a’ gheamhraidh.

Muileann Iain Mhic Leòid an Ceap Nor sa gheamhradh.
Muileann Iain Mhic Leòid an Ceap Nor sa gheamhradh.
The North Highlands Community Museum.

A bharrachd air an fhiodh a ghearradh, dh’fheumadh iad cuideachd a chruachadh suas anns an t-sabhal aon uair is gun robh e tioram. A rèir Beitidh Stockley; “Tha fios gum b’ e miorbhail a bh’ anns na ciad muilnean-sàbhaidh do na fir sin a b’ àbhaist a bhith sracadh nam bòrd le sàbh-sluic, oir cha ghabh saothair mar seo tuigsinn. An toiseach, rachadh an stoc a leagail le tuagh; an sin, rachadh a snaidheadh leis an tuagh chum a dheanamh cuimseach còmhnard air gach taobh. An sin, rachadh na logaichean a tharraing dhan t-sloc agus bhiodh iad air an sàbhadh nam bòrd an sin; mu dheireadh thall, rachadh an tarraing gu làrach an taighe no an t-soithich a bhathar a togail.” Nuair a nochd na muilnean-sàbhaidh, bha fear cha mhòr anns gach sgìre Tuath air Smòcaidh, eadhoin far nach robh ach beagan a’ fuireach—leithid taobh tuath an Uillt Dhuibh, anmoch anns na 1800an.


Mèinneadh

Innteartan gu mèinnean cailce an Inbhir Pheotharain.
Innteartan gu mèinnean cailce an Inbhir Pheotharain.
The North Highlands Community Museum.

Chan eil mèinneadh idir tuath air Smòcaidh an diugh, ach aig aon àm, bha iomadh seòrsa a’ dol air n-adhart  anns an sgìre. Se mèinneadh gypsum a bu chumanta. Se sàl a bha cruthachadh gypsum, clach bhog, bhàn no soilleir ghlas. Their muinntir an àite gu bheil na lòdan cailc cho dùmhail an seo chionns gum b’ e bàgh a bh’ ann an Inbhir Pheotharain, milleinean bliadhna air ais.

Se cuaraidh na cailc aig Cladach Whitty, Crois-rathad a’ Chladaich mar a theirte, sin am mèinn a bh’ ann an Ionganais. Thòisich iad air togail airson na mèinn chailc aig Cladach Ionganais anns a’ Chèitein, 1924. Dh’fheumadh an Aspy gearradh troimh dheigh anns an robh còrr is troigh a mheud, chum samant a thoirt air tìr. As dèidh sin, thòisich Victor Donovan air drioladh agus chaidh iomadh togalach a chur suas; taigh cumhachd, taighean pronnaidh, taigh inneal agus oifis. Chaidh rèilichean cuideachd a chur sìos airson nan càraichean a bhiodh a’ giùlain na cailce. Se Comann Samant Chanada à Montreal a thòisich air mèinneadh aig Cladach Ionganais. Bha suas ri 100 duine air am fasdadh le duaisean diofraichte; bha luchd-obrach a’ faighinn 27 sgillin san uair, muinntir driolaidh 33 sgillin,  agus bha fear an inneal-phronnaidh a’ faighinn 54 sgillin san uair.

Bhiodh tuill air an deanamh sa chreig agus dynamite air a chur unnta chum na cailc fhuasgladh bho ’n chnoc. Aon uair is gun robh a’ chailc saor, bhiodh sluasaidean dealain a’ lòdadh nan càraichean-rèile a bhiodh a’ giùlain na cloiche chun a’ phronnadair.  Bhiodh a’ chailc air a sèideadh bho ’n phronnadair na chruachan no na phòcaidean. Fòdhpa sin, bha coig amair ann an clais samant agus bha crios-siubhail a’ ruith troimhe. Nuair a bhithte a’ lòdadh soithich le cailc, bhiodh iad a’ fosgladh aon amar ma seach, chum is nach biodh cus cloiche air a’ ghiùladair. Nuair a bhiodh amar fosgailte, thuiteadh a’ chailc as a’ phòcaid agus rachadh sin a ghiùlan air a’ chrios chun an t-sorchain; bha sin coltach ri cidhe mòr, far am biodh na soithich air an lòdadh. Bha feadan air ceann an t-sorchain a rachadh sìos am broinn a’ bhàta.


An 1925, thachair sgiorradh nuair a chaidh an t-amar cearr fhosgladh. Chaidh Walter Whitty agus Maurice Williams a mharbhadh nuair a dh’fhosgladh amar a còig ann am mearachd; bha iadsan nan seasamh air, agus thuit iad. B’ fheudar dhaibh leantainn air an obair chum nan corp a lorg, agus thachair sin an ceann còrr is trì uairean; bha seo na chuimhneachan air cho cunnartach sa dh’fhaodas mèinneadh a bhith.

Chan eil air fhàgail de ’n mhèinn aig Cladach Ionganais ach na seann làraich air an fhonn, na sgorran cailce agus na maidean ballaist a tha fhathast anns an uisge far am b’ àbhaist dhaibh a bhith lòdadh nam bàtaichean cailce.

Sann an Inbhir Pheotharain a bha tuilleadh mèinneadh a’ tachairt, far an robh cuaraidh cailce eadar 1933 agus 1954. Dhùin a’ chuaraidh aig àm an Dara Cogaidh; ach bha mèinneadh na cailc a’ fàs na bu duilghe mu ’n àm sin. Tha cuimhn’ aig Lilian Nic Fhionghuin air àm na mèinn chailce an Inbhir Pheotharain; “Bha e coltach ri baile mòr an uair sin; bha e cho beòthail.  Dh’fhalbh iad,  agus cha robh sian air fhàgail.”

Bhiodh Jack Fitzgerald ri iomadh seòrs’ obrach aig diofar amannan anns a’ chuaraidh; bhiodh e ris an òrd-phronnaidh, an coimpreasair agus sluasaid an diesel; bha e cuideachd na fòrman cuaraidh. Tha e ’g radh gun robh dà sgioba ag obair aig a’ chuaraidh a dh’oidhche ’s a latha bho earrach gu foghar. Tha cuimhn’ aige gum b’ e 45 a bhiodh aca air an toll dynamite, chionns gum b’ e sin an uilinn air an d’ rachadh e dhan talamh. Tha cuimhn’ aige cuideachd gum biodh iad a’ cleachdadh eich is chairtean an toiseach airson na cailc a ghluasad chun a’ phronnadair; as dèidh sin, bhiodh iad a’ cur trucaichean Euclid gu feum. Tha Jack ag radh gum biodh daoine dol a dh’obair anns a’ chuaraidh chionns gun robh cothrom aca air duais chunbhalach a thoirt a-steach agus gun robh na duaisean na b’ fhearr na bhiodh iad air a’ bhaile.  Tha e ’g radh gum biodh daoine cho fad air falbh ri Cheticamp a’ tighinn a dh’obair aig a’ chuaraidh.


Iomadh seòrsa cailc a fhuaireadh am Màbu.
Iomadh seòrsa cailc a fhuaireadh am Màbu.
The C@P Society of Cape Breton.

An 1954, bha mèinneadh agus cur a-mach na cailc’ a’ fàs na bu duilghe. Leis na bha de làthaich anns an acarsaid, cha b’ urrainn daibh lòd làn a chur anns na soithich agus dh’fhàs an gnìomhachas cho daor. Bha a’ chailc a’ fàs gann cuideachd. Bha e fo ’n chuan agus a’fàs na bu duilghe a mhèinneadh. Tha Wendall ag radh: “Chaidh cuid air ais gu tuathanas, ach chaidh a’ mhòr-chuid air ais a dh’iasgach no dh’fhalbh iad leis a’ chuaraidh.” Nuair a dh’fhalbh a’ chuaraidh gu Milford faisg air Shubenacadie, lean cuid à Inbhir Pheotharain agus à sgìrean mun cuairt.

Tha cuimhn’ aig Lilian Nic Fhionghuin: “Bha e uamhasach nuair a dh’fhalbh comann na cailce agus a chaidh iad gu Shubenacadie. Dh’fhalbh mòran as an dèidh nuair a dh’fhàg iad; thòisich an fheadhainn gun chothrom sam bith eile air iasgach. Bha mòran air an cuid bhailtean fhàgail airson na cuaraidh; chaidh bailtean fearainn fàs agus bhiodh daoine ceannach an cuid lusan aig an stòr.”

An Inbhir Pheotharain is mun cuairt, bha buaidh chudthromach aig mèinneadh na cailc air cultar is dòigh beatha. Dh’atharraich gnè na coimhearsnachd. Ged a bhiodh gàrraidhean beaga aig daoine agus is docha beathach no dhà, cha mhòr nach d’ thàinig àiteachas gu crìch buileach nuair a thàinig comann na cailce gu Inbhir Pheotharain. Se baile fearainn MacEvoy an aon fhear mòr a bh’ air fhàgail an sgìre Cheap Nor nuair a thog comann na cailce air falbh.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 420 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map