Gual an Ceap Bhreatainn: mar a chaidh Gnìomhachas is Inimrich am meud
Taigh Tasgaidh nam Mèinnearan an Ceap Bhreatainn
Luchd obrach air beulaibh Bùth Inneal
The Cape Breton Miners' Museum.
Nuair a ràinig bliadhnaichean mòra a’ ghuail is an stàilinn is an cuid ionmhais air Ceap Bhreatainn, thachair an t-àrdachadh sluaigh bu mhotha bha riamh anns an eilean.
An 1889, cha robh ann an Sidni ach ionad beag gnìomhachais is rianachd dhan dùthaich mun cuairt, ach an 1891, dà bhliadhna na dhèidh sin, bha e aig ìre 74 a thaobh àireamh sluaigh an Canada. Deich bliadhna na dhèidh sin an 1901, bha Sidni aig àireamh 28 agus Glasbaigh aig 46, an coimeas ri àiteachan eile an Canada. Nuair a bha cinneas a’ghuail is an stàilinn air tighinn gu ceann an 1911, bha Sidni aig àireamh 21 agus Glasbaigh aig 22 ann am meudachd bhailtean an Canada. Ann am fichead bliadhna, bha àireamh an t-sluaigh air a dhol am meud 40 sa cheud.
Roimh an fhicheadamh linn, cha robh obair nam mèinn ach caran cumhang agus mì-chomasach. Se obair ràitheil a bh’ ann a bha tàladh dhaoine far na dùthcha an Ceap Bhreatainn agus Tìr Nodha as t-earrach agus a bha faicinn nan dearbh dhaoine sin a’ tilleadh dhachaigh sa gheamhradh. Leis na bha air an tarraing a-steach an toiseach, chi sinn mar a bha meudachadh na sgìre ghnìomhachail na mheadhain fàsachaidh air an dùthaich. A bharrachd air muinntir Cheap Bhreatainn, se muinntir Thìr Nodha bu dòcha bhith ri mèinneadaireachd.
Seann chidhe lòdaidh am Morien, na 1880an.
The Cape Breton Miners' Museum.
Mar a bhathar a’ toirt fa-near cho riatanach sa bhiodh gual anns a’ ghnìomhachas ùr, cha b’ fhada gus an do bhrosnaich obair a’ ghuail, is na bha na chois, àireamh an t-sluaigh agus leasachadh a chuid cultair. Nuair a chruthaicheadh Comann Tìreachais a’ Ghuail an 1893 agus Comann Tìreachais an Iarainn is an Stàilinn an 1909, bha gnìomhachas a’ ghuail is an stàilinn a nis air lìnn ùr a ruighinn; agus co-shìnte ris an seo, bha cinneas is mòran inimrich follaiseach, mar thoradh air an sin.
Comann Tìreachais a’ Ghuail a’ sireadh Chanàidianich Ùra
Buidheann fhear air beulaibh Oifis Comann a' Ghuail.
The Cape Breton Miners' Museum.
Anmoch anns na 1890an agus tràth anns an linn ùr, bha Ministear an Taobh-Astaigh, an Ridire Clifford Sifton, gu dìchiollach a’ cur an cèill iomairt airson tuilleadh dhaoine a thàladh mar luchd-obrach dhan dùthaich. Chaidh mòran an dùthchannan cèin a tharraing a-steach ri lìnn iomairt fasdaidh a ’ Chomainn Thìreachais. Bhiodh fir-thagraidh bho ’n Chomann glè thric suidhichte aig laimrigean cudthromach le sanais mar seo:
Tha Comann Tìreachais a’ Ghuail an Sidni, Canada, Amaireaga a Tuath a’ gealltainn obrach a phàigheas eadar $2.00 is $5.00 san latha. Feumaidh luchd-imrich a dhol tro Trieste agus an làmh a chur ri cùmhnantan an sin a thaobh obrach is duais. Bidh $50 air a phàigheadh bho thoiseach airson an fharaidh.
Mar thoradh air iomairtean mar sin, chaidh àireamh luchd-imrich am meud gu 60 sa cheud ann an cuid de bhailtean, eadar 1891 agus 1911. Eadar 1900 is 1910, thàinig 52.5 sa cheud a-steach gu Glasbaigh agus 51.6 sa cheud gu Mèinnean Shidni.
Nach eil fhios gun robh cothrom obrach a’ tàladh luchd imrich ùr gu Ceap Bhreatainn. Ach bha cùisean air feadh an t-saoghail cuideachd a’ toirt buaidh air an seo, oir bha sùil aig cuid gum biodh an dachaigh ùr na meadhain air faighinn cùidhteas cruaidh-chàs nan dùthchannan fhèin.
Dachaigh chumanta mèinneir, Mèinnean Shidni.
The Cape Breton Miners' Museum
Bha mòran a Lebanon a’ sireadh faothachaidh bho àinneart riaghlaidh nan Turcach, dìreach mar a bha muinntir Ùgrain a’ fàgail an dùthcha chionn sàrachaidh fo rianachd Phòland. Thàinig a’ mhòr chuid as an Ùgrain an 1904, 1907 agus 1912 a dh’obair anns a’ gharradh stàilinn agus cuid eile gu obair a’ ghuail an Glasbaigh is Dominion. Thàinig cuid a Lithuania a bha seachnadh an airm, a’ mhòr chuid dhiubh an 1906 a dh’obair ann am Mèinnean Shidni. An taobh an Ear na Roinn Eòrpa, fhuair Iùdhaich cothrom air geur-leanmhain is droch-dhìol agus an t-arm a sheachnadh. Thàinig a’ mhòr chuid dhiubh eadar 1906 agus 1912 agus thuinich mòran aig Cidhe Whitney far an do theann iad ri beagan gnìomhachais.
A dh’aindeoin an dìchioll agus an dòchas san t-saoghal ùr, cha robh an turas gu sgìre gnìomhachais Cheap Bhreatainn daonnan furasda. An coimeas riutha-san a thàinig far na dùthcha an Ceap Bhreatainn is Tìr Nodha, se cùisean doirbh a bha feitheamh orra-san as an Roinn Eòrpa agus na h-Innsean an Iar; bha barrachd trioblaid aca-san a’ gabhail ri dachaigh is obair ùir na bha aig an co-obraichean a Canada. Anns an t-Sultain 1904, dh’ainmich an Gasait Làborach gun robh mòran de na mèinneirean a thàinig a-steach gu Ceap Bhreatainn mi-thoilichte agus gun robh iad air gluasad air ais dhachaigh, no mach dhan Iar.
Duilgheadasan Eatnaic agus Rèiteach Thùsail
Seach gum feumadh an sgìre fhèin agus an luchd imrich mar an ceudna cùisean a shocrachadh, bha roinn de chòmhstrith cinnidh a’ dol air n-adhart san àm. Bha eagal air mòran ann an Ceap Bhreatainn gun cuireadh sluagh choigreach an dòigh beatha an cunnart. Bha gnìomhan fòirneart is eucoir cumanta. Bha am media, fo bhuaidh an luchd-leughaidh, ag aithris am beachdan agus a’ craobh-sgaoileadh bharail a bha an aghaidh nan inimreach. Glè thric, bha co-choslachadh follaiseach mar a bha ainmean cèin a’ gabhail blas na Beurla: chaidh LeFargue gu LeForte, Grinevicius gu Green agus Porrier gu Perry.
Inntreadh gu Mèinnean 3 agus 11
The Cape Breton Miners' Museum.
Seach gun robh uidhir Ghàidheal ann am bailtean mèinne nuair a thòisich am meudachadh, se Gàidhlig a bha a’ mhòr chuid a’ cleachdadh anns na mèinnean. Anns a’ chiad deichead de ’n 20 linn, sheas an cànan agus an cultar an aghaidh ionnsaighean co-choslachaidh, ach ghèill iad mu dheireadh thall do ’n bheachd ( a bh’ aig uaislean na Beurla mar bu trice) nach b’ fhiach a’ Ghàidhlig. Leis an sin, agus leis cho luath sa bha bailtean a’ dol ri gnìomhachais, chaidh a’ Ghàidhlig sìos anns na bailtean agus mu dheireadh thall, air an dùthaich fhèin an Ceap Bhreatainn.
Mu 1920, bha a’ chòmhstrìth a chleachd a bhith ameasg bhuidhnean eatnaic a nis a’ teannadh ri sìoladh. Bha seo mar thoradh air an tuilleadh bacaidh a bha Roinn Inimrich Chanada a’ cur air comann guail a bhith toirt a-steach choigreach a dh’obair; mar an ceudna, nuair a thòisich a’ Chiad Cogadh an 1914, chuir seo maill air cinneas sluaigh is gnìomhachais.
Pàtrain Tuineachaidh agus Aonadh Sòisealta
Mèinn mì-laghail aig àm na Stailc, 1925.
The Cape Breton Miners' Museum.
Bha Comann Tìreachais a’ Ghuail dualach a bhith fasdadh bhùidhnean de na h-aon daoine anns a’ mhèinn agus mar sin, bhiodh iad a’ tuineachadh còmhla ann am “badan eatnaic”. Tha meudachd an raon-ghuail dùmhail cò dhiùbh an Ceap Bhreatainn, agus bha seo cuideachd a’ ciallachadh gum biodh pàtrain tuineachaidh cò-chruinn.
Chi duine eiseamplair air an seo ann an sgìre Sterling an Glasbaigh far an robh daoine dubha gu beagnaich. Mar an ceudna, se muinntir Tìr Nodha a bha ag obair agus a’ tuineachadh faisg air an Dara Mèinn an Glasbaigh. Se Comann Tìreachais an Iarainn is an Stàilinn a thug air adhart Cidhe Whitney an sgìre Shidni agus bha mòran choigreach, gu h-àraid Iùdhaich is daoine dubha as na h-Innsean an Iar, a’ fuireach ann an taighean a’ Chomainn an sin. Bhiodh daoine a’ socrachadh na b’ fhasa anns na nàbachdan cruinn seo, oir cha bhiodh os an cionn ach aon bhuidheann oifigeil agus dh’fhaodadh iad cumail aca fhèin.
Mar a thigeadh gach buidheann eatnaic ùr, bhiodh iad anns a’ bhad a’ fiachainn ri an eaglais fhèin a chur suas. Se ceangal spioradail is sòisealta bh’ anns a’ chreideamh, a’ neartachadh dàimh eadar dhaoine a fhuair togail cho-ionnan.
Dealbh mèinneir, (40an--60an)
The Cape Breton Miners' Museum.
B’ e na Gàidheil Chaitligeach bu lìonmhoire: gu dearbh, sin an creideamh a bu chumhachdaiche. An Reserve, bha 77.6, an Dominion bha 70.5 agus an Waterford Ùr bha 68.7 sa cheud. B’ e na Clèirich an dàrna buidheann bu treise ann an iomadh baile agus bha an creideamh seo cuideachd a’ buntainn ris na Gàidheil.
Anns na 1920an, thàinig comainn bhràithreil agus thròcaireach cuideachd air lòm anns na bailtean mèinne. Leithid Òrdan Àrsaidh nan Eireannach, na h-Oddfellows, Ridirean Cholumbus agus an Loidse Dhìleas Bhuidhe. Bha dreuchd shònraichte aig na Comainn sin ann am beatha shòisealta an t-sluaigh, ag eagrachadh agus a’ cur air adhart fàlain, cèilidhean, cleasan agus spòrs do na buill agus do ’n t-sluagh gu lèir.
Bha comainn cuideachd air an cruthachadh a rèir nàiseantachd nan daoine. Chuir na Breatannaich am Mèinnean Shidni air chois “Comann Sòisealta, Litreachail, Freasdalach Chlann Bhreatainn”, comann a bha sireadh “leasachadh spioradail, moralta, inntinneil agus sòisealta” do ’n bhallrachd. Chuir teaghlaichean Acàidianach ann a Waterford Ùr is Mèinnean Reserve air bhonn meuran de “La Société’ L’Assomption” agus chaidh aca air clas dà-chànanach a shuidheachadh ann an sgoiltean a’ bhaile. An 1918, ann an sgìre Sterling an Glasbaigh, stèidhich mèinneirean dubha meur de “Chomann Leasachaidh Coitcheann nan Daoine Dubha” agus “Co-bhann Coimhearsnachd Afraiceach.”
A’ bhuil a bh’ ann
Dusan de bhuill Aonaidh.
The Cape Breton Miners' Museum.
Thàinig mòran luchd-imrich agus an teaghlaichean anns na 1890an, agus mar sin, mu na 1920an, bha Ceap Bhreatainn a’ cinntinn na dhachaigh no eadhoin mar nàiseantachd. Nuair a thòisich a’ Chiad Chogadh, chuireadh casg air an àrdachadh-sluaigh mhìorbhuileach a chunnacas anns na 1890an agus na 1900 an. Mu’n àm seo, bha dòigh beatha a’ ghnìomhachais air tighinn gu buil; chaidh ceanglaichean is cur-seachadan ùra a chur air bhonn ann an spòirs, an ceòl agus ann an comainn choimhearsnachd. A bharrachd air an seo, chaidh comainn-chiùird is stòraichean co-oibreachaidh a stèidheachadh, agus rinn seo saoghal nan coigreach agus nan dùthchasach na b’ fhasa.
Ged a chaidh inimrich sìos, bha obair a’ ghuail fhathast a’ fasdadh mòran agus bhitheadh fad iomadh bliadhna ri teachd. Thòisich an inimrich sa chiad àite, airson luchd-obrach a chumail ri gnìomhachas a’ ghuail an Ceap Bhreatainn, nuair a bha e sìor chinntinn; bhiodh e toirt buaidh air sluagh is pàtrain tuineachaidh, air cultar is air dùthchas an Eilein fada na dhèidh sin.
Se Taigh Tasgaigh nam Mèinneirean a thug dhuinn an dealbh seo air buaidh an Inimrich agus Gnìomhachas a’ Ghuail an Ceap Bhreatainn.
© 2009 Cape Breton Miners’ Museum.
Download a PDF version of this story. [file size = 412 KB]
© C@P Society of Cape Breton County, 2009

