Back To Home Page

Rathad Iarainn SL

Brian Campbell, with A.J.B. Johnston

Artar Townsend, Rathad Iarainn SL.
Artar Townsend, Rathad Iarainn SL.
The S&L Railway Museum.

Bha Rathad Iarainn Shidni is Louisburg, coltach ris na rèilichean a bha iad a’ cur sìos tarsainn na dùthcha, a’ leantainn cùrsa chama-lùbach troimh eachdraidh Cheap Bhreatainn. Fad corr is leth cheud bliadhna, bha Rathad Iarainn SL ainmeil agus cudthromach ann an saoghal an eilein. Fad sheachd dheicheadan, thug an SL taic agus cuideachadh do dh’iomairtean, do ghnìomhachas agus do mhuinntir oisean an ear-thuath an eilein. Bha uair a bha e cho trang ri lòd-rèile sam bith eile an Canada, rud a bha ’g àicheadh an fhar-ainm—“Slaodach is Leisg.” Bhiodh e giùlain deich mhìltean tonna guail gu puirt aiseig agus b’e sin a phrìomh dhleasdanas agus an euchd bu mhotha a choilion e. Aig an aon àm, bhiodh ceudan de luchd-obrach gnìomhachais a’ gluasad air ais is air adhart air an rèile a dh’obair. Feadh nam bliadhnaichean sin, bhiodh an SL cuideachd a’ beantainn ri beatha mhìltean ann an Ceap Bhreatainn, iadsan aig nach robh ach fìor bheagan gnothaich ri gual no ri gnìomhachas. Daoine dol air latha ceannaich, a thrusadh shuidheagan, a choimhead mun cuairt no ghabhail cuairt, air an rathad gu dannsa no gu càirdean—bha iad uile cur an SL gu feum. Fad 70 bliadhna, bha loidhne chama-lubach an SL mar aon snàithlein a bhiodh a’ fuaigheal sgìrean na coimhearsnachd ri chèile.

Èideadh is lainntear an stiùireadair air an trèin, an Judique Flyer.
Èideadh is lainntear an stiùireadair air an trèin, an Judique Flyer.
The Orangedale Railway Museum.

Anmoch san 19 linn agus aig toiseach an 20 linn, thug na ròidean iarainn barr a thaobh còmhdhail air mòr-thìr Amaireagaidh a Tuath. Bha seo fìor an Ceap Bhreatainn mar an ceudna. Mar a bha uidhir eile de ghnìomhachas an Ceap Bhreatainn, bha na ciad ròidean iarainn an urra gu mòr ri obair a’ ghuail. Bha seo mar an ceudna fìor a thaobh an SL. Bha feum air siostam còmhdhail a bhiodh èifeachdach airson na bha de ghual na thorran an Ceap Bhreatainn. Bha sin a’ ciallachadh ròidean iarainn agus bàtaichean gu ìre mhòir. An toiseach, se fiodh a bh’ anns na rèilichean agus se eich a bha tarraing. Le ùine, ghabh rèilichean stàilinn àite nam feadhainn fhiodha, agus thug innealan smùide ciall ùr do chumhachd an eich. Cha b’ fhada gus an robh e soilleir gum biodh feum air lionradh de ròidean iarainn eadar na mèinnean agus na puirt.


Seumas Dòmhnallach, innleadair, 1939.
Seumas Dòmhnallach, innleadair, 1939.
The S&L Railway Museum.

Thòisich iad ag obair air an loidhne eadar Comar Niorrabhaigh (Reserve) is Louisburg an 1874. Nuair a chuireadh crìoch air rèile Louisburg agus a thogadh port aiseig air taobh an ear-dheas na h-acarsaid aig Slios na Cala, bha tobhtaichean an t-seann bhaile daingnich gu mòr fo sgàile rathad-iarainn SL. Aig ceann na loidhne, thog an Comann tigh-òsda beag, taigh einnsein, ceàrdach agus dà thaigh dùbailte airson an luchd-obrach. Mu dheireadh thall, ri lìnn an rathad iarainn, bha nis ceangal ann ri Sidni fhèin agus ris na mèinnean mòra air an achadh-ghuail. Seach gun robh cothrom ruigheachd a nis air acarsaid Louisburg, a bhiodh gu beagnaich as aonais deighe, rachadh agad mu dheireadh thall air gual is bathar eile a chur a-mach fad na bliadhna. Cha do mhair a’ chiad SL ach ùine ghoirid. An 1883, ghabh teine coille troimh ’n sgìre agus chaidh a’ mhòr-chuid de dhrochaidean fiodha is shorchain a mhilleadh air loidhne Louisburg. Cha b’ urrainn dhan teine tighinn aig àm bu mhiosa. Bha margaidean guail sìos agus cha robh airgiod ann airson rudan a chàradh. Mar sin, thug urraidhean na loidhne an casan leotha.

A dh’aindeoin cho goirid sa mhair an SL fhèin, bha buaidh mhaireannach aige air gnìomhachais a’ ghuail an Ceap Bhreatainn. Dhearbh e gun gabhadh gual a chur a-mach sa gheamhradh agus chuidich seo ann a bhith cumail na mèinnean a’ dol barrachd ùine. Ged nach robh an Louisburg ach baile beag iasgaich thuige seo, chaidh a thoirt a-steach gu linn a’ ghnìomhachais; chaidh seo fhoghlam ann an dòigh a bha caran annasach, tro eachdraidh a’ phuirt a b’ àbhaist a bhith cho trang san 18 linn. Bha margaid a nis aig daoine agus shoirbhich leotha gu ìre. Aig a’ cheann thall, chuir an teine a chuir as don rathad iarainn an 1883 cuideachd ceal air a’ chiad SL. Cha bhiodh phoenix ag èiridh as an luaithe, cò dhiùbh fad dheich bliadhna.

Nuair a chuireadh crìoch air rathad iarainn an SL gu Louisburg an 1895, thachair gun do chòmhlaich seo ri dèit a bha cudthromach ann an seann eachdraidh a’ bhaile—cuirm-chuimhne a’ Chuartachaidh an 1745. Chaidh an rathad iarainn fhosgladh le mòran greadhnachais is mòrchùis; bhiodh e duilich do rathad iarainn mhalairteach a leithid a chur an cèill a rithist. Bha  SL1895 glè ao-coltach ris an fhear a bh’ ann roimhe sin. Bho ’n fhìor bhun, chaidh an SL a thogail agus uidheamachadh ann an dòigh air an robh coltas maireannach. Bha an t-slighe ùr eadar Sidni is Louisburg 37 mìle a dh’fhaid agus bha e teann air a’ mhòr-chuid de mhèinnean ann am Bagh nam Mart is Camas Ghlasbaigh.


An Luchd Obrach

Sgioba rèile SL an Glasbaigh, nan suidhe air ''Speedy.''
Sgioba rèile SL an Glasbaigh, nan suidhe air ''Speedy.''
The S&L Railway Museum.

Cha robh crìoch air giullachd a’ bhun-rathaid agus an rèile. Bha an SL air a roinn na sgìrean mar a bhiodh rathad iarainn sam bith eile a thaobh giullachd is leasachaidh. An toiseach, bha 18 roinnean ann. Ri ùine, chaidh an àireamh sìos gu còig. Mar bu trice, bhiodh fòrman is sgioba choignear anns gach roinn airson a dheanamh cinnteach gum biodh na rèilichean air an cumail an deagh òrdan. Bha gach sgioba a’ leantainn gnàth-chùrsa gach latha, a’ toirt sùil air an rèile air fad chum is gum biodh na rèilichean, am bun-rathad agus na suidsichean uile ag obair gu dòigheil.

An toiseach, bhiodhte ris an sgrùdadh far càr-làimhe nam pliuthan thulgach, air an robh daoine cho eòlach anns na seann dealbhan sàmhach. As dèidh seo, an àite saothair làimhe, thàinig speedy a-steach, se sin càr a bha siubhal air gas. A rithist, se truc le rothan stàilinn cùl-tharraingeach a bhiodhte a’ cleachdadh airson daoine is goireasan a thoirt chun an àit’ obrach. Bhiodh am bun-rathaid air a dhìgeadh airson deagh dhrèanadh, bhiodh ballaiste cloiche, saidhbheirean is gadan fiodh’ ùra air an cur a-steach agus mìle rud àbhaisteach eile, mar bu mhotha bha dh’fheum orra. Ach rachadh sin uile a chur air chùl an àm èiginn, leithid far-rèile, tuil, beum-lighe no sneachda trom.

Bhiodh sgioba air ghairm fad 24 uairean. Nam biodh an obair tuilleadh ’s doirbh do dh’aona sgioba, bhiodh feadhainn à roinnean eile air an iarraidh a-steach a chuideachadh.  Tha cuimhn’ aig feadhainn a bh’ air an SL air dìon-shaothair iomadh latha mus faighte trèinichean air ais a’ siubhal. Bhiodh stoirm sneachda “gàbhaidh doirbh”, mar a thuirt seann rèileadair.


Taghaidhean lainntear aig taigh tasgaidh an Rathad Iarainn an Orangedale.
Taghaidhean lainntear aig taigh tasgaidh an Rathad Iarainn an Orangedale.
The Orangedale Railway Museum.

Se saothair eile bh’ ann a bhith togail nan einnsean is nan càraichean a rachadh far nan rèilichean. Dh’fheumadh tu sgil agus foighidinn ris. An toiseach, se “obair daimh” a bh’ ann gu beagnaich, am freasdal ghoireasan a bhiodh caran seann fhasanta. Bhiodh buidhnean dhaoine a’ dìreachadh an rèile le gàimhleagan stàilinn. Bhiodh na spìcean air an cur fodha le ana-bhuille nam fear a’ tarraing air an òrd-mhor; buille a bhuineadh don rathad-iarainn a cheart cho cinnteach ri glagadaich nan rothan stàilinn. An diugh, thèid a’ mhòr-chuid de ’n obair sin a dheanamh le inneal nan spìc.

An clag a bh' air a chleachdadh air an Judique Flyer.
An clag a bh' air a chleachdadh air an Judique Flyer.
The C@P Society of Cape Breton.

Bhiodh muinntir nan rèile ri dòighean innleachdach airson an obair a choilionadh. Glè thric, chuireadh iad einnsean eile gu feum airson tè a rachadh far na rèile a ghluasad air ais. Bhiodh an einnsean mhòr air a dinneadh is air a putadh, coltach ri muc-mhara mhòr;
rachadh cnagan a chur fo na rothan gus an d’ rachadh aca air a cur air ais, mean air mhean, air an rèile. Se obair chunnartach is shàraichte bh’ ann, far am faodadh aon mhearachd a bhith cunnartach no mairbhteach.

Gu h-àraid sa gheamhradh, cha robh e ro fhurasda an sgioba a ghairm a-mach a dh’obair. Tha cuimhn’ aig Lachlainn Dòmhnallach, seann innleadair SL, mar a bha esan na ghille-gairm aig an rathad iarainn nuair a bha e òg. Dh’fheumadh esan coiseachd troimh sgìre Chidhe Whitney a’ gairm a-mach an sgioba. Dh’fheumadh e brògan-sneachd uaireannan. Bha riaghailt aig a’ Chomann gum feumte liost sìnead an luchd-obrach a chur suas air bòrd-ghairm, agus nuair a bhiodh fòrman a’ cur sgioba ri chèile bhuaithe sin, chuireadh e mach gille-gairm a leigeil fios thuc’ uile. 


Cainnt

SL#8, leis an fhar-ainm 'Inneal Pòcaidh', leasaichte chum carbadan guail a shuidheachadh.SL#8, leis an fhar-ainm "Inneal Pòcaidh", leasaichte chum carbadan guail a shuidheachadh.
The S&L Railway Museum.

Le ùine, thug obair nan rèile am follais a’chuid briathrachais fhèin, dìreach mar a thug iomadh ceaird eile. Do ’n fheadhainn nach robh eòlach, bha dìomhaireachd an cois  rudan mar “shifting links, sliding blocks, cross heads agus equalizing beams.” Ach, bha feadhainn a bh’ air rathad iarainn na smùide eòlach gu leòr air briathran mar seo nan obair làitheil.

Seach gum feumadh gach roinn de’ n SL uairean fada a chur seachad còmhla iomadh uair (ma dh’fhaoidte gum biodh na h-aon daoine ag obair còmhla fad dheicheadan)—nach eil fhios gum biodh dàimh obrach eatorra, coltach ri càirdeas teaghlaich. Bhiodh magaireachd is bigireachd aotrom a’ dol air n-adhart a h-uile latha mar phàirt de ’n chàirdeas seo. Bha far-ainm air gach neach. Agus mar an ceudna, bha naidheachd aig gach neach. Bhiodh cuid a’ cur rannan èibhinn ri chèile airson fearas-chuideachd do chàch, leithid Earrdsaidh Mac a Phiocair is Eòs R. Dòmhnallach a rinn duanag nuair a leig Mac a’ Phiocair bhuaithe obair as dèidh a bheatha chur seachad aig an rathad iarainn, an dà chuid, aig SL agus DEVCO.


Farewell

ARCHIE MACVICAR, November 29, 1968

My last run for DEVCO I remember quite well,
Joe R. he was driving and going like hell.
We had 202 the pretty and Red Van
And Alex-Nick was the CON-DUC-TOR-MAN.

I felt a bit blue but didn’t let on
We had Charlie Dickson, and we had Donald John,
When we started our workout, ‘twas snowing quite hard.
The shop first said Angie and then the Coal Yard.

When you finish the Coal Yard, there’s no time for soup:
O’Neil’s has no empties, get a train off the loop.
Wherever I wander, and wherever I go,
I will always remember the High and the Low.

I gave up my turn and I’m done using sand,
I’m heading for Louisbourg, the best in the land.
I’m going on pension and happy for that
And I’m asking you Gillis, LOOK AFTER THE CAT.

Now time is a-passing, I must end this rhyme;
The day’s work is over, we’re in just on time.
I gave my lunch can to Kenny, for myself kept the quart,
God bless you all and the DONALD REPORT.

Response:

THE S&L BOYS, November 30, 1968

No more stories, no more lies
For all that’s left of us poor working guys.
We’re going to miss you and miss you a lot
We’ll see you at Christmas and I hope have a shot.


An C.G. Swan, a thogadh aig Mèinnean Shidni an 1886.
An C.G. Swan, a thogadh aig Mèinnean Shidni an 1886.
The S&L Railway Museum.

Bho thoiseach gu deireadh, bha an SL an crochadh ri gnìomhachais a’ ghuail. B’ ann a dh’aona ghnothach  airson gual a tharraing gu port geamhraidh Louisburg a chaidh a chruthachadh. Nach eil fhios gum biodh buaidh aig ìsleachadh malairt a’ ghuail as dèidh an Dara Cogaidh air an SL. Aig a’ char a b’fhearr, cha robh bathar agus daoine a’ toirt a-steach ach cairteal de ’n ionmhas. An 1960—nuair a bha ròidean na b’ fhearr agus mòran a bharrachd chàraichean is thrucaichean ri làimh—thuit an t-àireamh sin gu trì sa cheud. Bha e soilleir nach biodh piseach air an rathad iarainn mur a biodh gnìomhachais a’ ghuail a’ soirbheachadh.

Ann a 1963, as dèidh suas ri 70 bliadhna àraid a’ tarraing luchd-obrach is luchd-fàlain is luchd-cheannach, chaidh stad air seirbheis luchd-siubhail an SL. Còig bliadhna na dhèidh seo, thug Riaghaltas Chanada a-mach lagh a chruthaich DEVCO. Cha robh guth air rathad iarainn a chumail gu Louisburg. An àite sin, chaidh an SL a ghabhail a-steach mar mhion phàirt de roinn a’ ghuail aig DEVCO. Thugadh Rathad Iarainn DEVCO mar ainm air. An ceann beagan mhìosan, chaidh na rèilichean a thogail agus an reic mar smodal. Mu dheireadh thall, bha turas an SL troimh eachdraidh Cheap Bhreatainn air tighinn gu crìch.

Thàinig na h-earrannan seo am follais an toiseach ann an Lorgan air an Dùthaich; Eachdraidh an SL le Brian Caimbeul agus A.J.B. MacIain. Chaidh a chlò-bhualadh an 1995 le Clò Oilthigh Cheap Bhreatainn.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 424 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map