Back To Home Page

Stàilinn Shidni

Elizabeth Beaton

Tha eachdraidh a’ Ghàrradh Stàilinn an Sidni
na sgàthan air dòigh-beatha
muinntir Cidhe Whitney.
Eachdraidh air obair uasal,
sàr chaidreamh
agus strìth nan clasaichean,
air uidheaman ’s air sgilean ’s air thubaistean
air dhuilgheadasan àrainneachd,
agus air sgìre gnìomhachais.

A' togail a' Ghàrraidh
A' togail a' Ghàrraidh
The Whitney Pier Historical Society.

Bho 1900, tha buaidh air a bhith aig gnìomhachas na stàilinn air eaconamaidh is caithe-beatha shòisealta Cheap Bhreatainn air fad, ach air Sidni gu h-àraid. Ach sann air Cidhe Whitney a bu mhotha bha bhuaidh a thaobh na stàilinn. Gu dearbh, bha ceangal daingeann eadar an stàilinn agus mar a dh’fhàs an Cidhe gu bhith na bhaile mòr gnìomhachais; troimh ’n linn, thug àrdachadh is ìsleachadh a’ ghnìomhachais buaidh chinnteach air a chuid adhartais.

Se H.M. Whitney, an tionnsgalach a Boston, a b’ athair do ’n obair stàilinn ann an Sidni; bha esan air ceann Companaidh Tìreachais a’ Ghuail a bha ri mèinneadaireachd an Ceap Bhreatainn bho 1893. Se àite fìor mhath a bh’ ann an Ceap Bhreatainn airson gnìomhachais stàilinn, oir bha achaidhean guail mun cuairt is suim de chloich-aoil, bha iarann tarsainn Caolas Chabot aig Wabana an Tìr Nodha  agus bha acarsaid fhosgailt airson an stuth a chur air falbh aon uair is gun robh e deiseil. Thòisich Companaidh Tìreachais an Iarainn is an Stàilinn (DISCO), fo riaghladh H.M. Whitney, air a’ Ghàrradh a thogail ann an 1899. Chaidh a’ chiad chuid a dhòrtadh air an 31 là dhen Dùbhlachd, 1901.

Fhuair Gàrradh Shidni ainm anns a’ bhad a thaobh teicneolas ùr Amaireaganach agus bha othail mhòr mu dheidhinn air feadh Amaireaga a Tuath. Ann an Teachdaire Halafags an 1901, thuirt A.J. Moxham, am fear-stiùiridh coitcheann, seo mu dheidhinn obair na stàilinn: “A thaobh obair na stàilinn, tha inbhe aig Canada a nis a tha nas fhearr na làidir, tha i tearainte.”


Ionad glanaidh a' ghuail
Ionad glanaidh a' ghuail , 1910.
Unknown. 77-69-203. Beaton Institute, Cape Breton University.

Anns na deicheadan na dhèidh sin, a thaobh gnìomhachas trom, se Sidni a bu mhotha ann an Roinnean na Mara agus sann aca bha aon de na trì gàrraidhean iomlan ann an Canada.
Feadh an fhicheadamh linn, fhuair muinntir na stàilinn an Sidni ainm airson adhartas teicneoileach. Se Cùrsa mall-fhuarachaidh Mackie anns na 30an a b’ ainmeile, ach bha mòran eile ann mar a bha “tuyere” no cìochag shònraichte anns an fhùirneis shèidich ana-leaghaidh a thug fear-uidheam Seòras Peutan a-mach. An 1956, dhòirt muinntir na fùirneis 49,000 tonna stàilinn gun lasachadh, agus cha do rinneadh a leithid bho ’n uair sin an àite sam bith eile.
Tha ’n Gàrradh stàilinn dìreach ri taobh Cidhe Whitney air taobh a deas Acarsaid Shidni. Nuair a b’ fhearr cùisean, bha ceud togalach ann, air 500 heactair fearainn. Bho 1901, seo na nithean bu mhotha thàinig bhuaithe: iarann, ungannan is bileidean air leth-ghiullachd, rèilichean (a’ tòiseachadh an 1905) ueir is tarraingean (a’ tòiseachadh an 1901) agus lannan (a’ tòiseachadh an 1918)

Mu 1905, bha 400 àmhainn ghual-fhiodha far-stuth Otto-Hoffman ann; ceithir fùirneisean sèidich a ghabhadh còmhla os làimh 1200 tonna; deich fùirneisean claon le cagailtean 50 tonna; muileann uinge 35 oirleach; muileann shlat is rèile; bùth-uidheam; ceàrdach agus gàrradh dealain. Anns a’ ghàrradh ùr-nodha seo, bha mòran de ’n t-saothair throm a bha aig aon àm an lùib teicneolas an iarainn is na stàilinn air a chur a bith—leithid obair  spaide is obair le barra. Anns an uidheam ùir a bha ’m broinn a’ Ghàrraidh stàilinn, bha crannan smùide no dealain, dorsan innealach agus gach seòrsa càr is uidheam giùlain a’ siubhal air siostam farsaing de rèilichean. Ach na dhèidh sin, bha obair làimhe is obair-inneil taobh ri taobh anns a’ Ghàrradh cho fad sa mhair e. Bhathar a’ glanadh nam fùirneis le làimh is a’ togail bhèilichean ueir—“obair daimh”—agus bha an t-saothair throm seo an urra ri neart agus spionnadh an luchd-obrach.


Ionad Teine nan Àmhainnean Ghual-fhiodha
Ionad Teine nan Àmhainnean Ghual-fhiodha
The Whitney Pier Historical Society.

An 1909, chaidh DISCO a-steach còmhla ri Companaidh Tighearnais a’ Ghuail gu bhith na Chompanaidh Tighearnais na Stàilinn (BESCO) Mu 1920, bha Gàrradh Shidni, Comann Stàilinn Iompaireachd Bhreatainn (BESCO) a nis air a dhol am meud gu mòr. Chuir iad muileann uinge ris an 1903, muileann rèile an 1904, muileann shlat is chrann an 1910 agus muileann lann an 1918. Anns na bùthan-cuidiche, bha fùirneis is ceàrdach is bùth-inneal. Chuir iad fùirneis shèidich ùr ris, maille ri dà àmhainn ghual-fhiodha an àite na bh’ann. Fad na h-ùine seo, bha muinntir na stàilinn an Sidni a’ fiachainn iomadh teicneolas, a’ sìor shireadh giollachd a bhiodh freagarrach air an t-seòrsa iarainn is guail a bha ri fhaighinn anns an àite. Thàinig iad gu cò-dhùnadh gum b’e chagailt fhein a b’fhearr, ged a bhiodhte fiachainn iomadh seòrsa iompaichear Bessemer. An 1929, chaidh an companaidh air ais gu DOSCO.

Shoirbhich leis a’Ghàrradh feadh an dà Chogaidh Mhòir. Feadh a’ Chiad Chogaidh, bha Sidni cudthromach ann an iomairt stàilinn nan slige agus far-stuth nan àmhainn ghual fhiodha. An 1918, thòisich muileann lannach, ach stad sin cho luath is a sguir an cogadh;  thòisich e rithist ri linn an Dara Cogaidh, agus chaidh roinn na cagailt a mheudachadh. Ach, as dèidh an dara Cogaidh, bha creach an Ìsleachaidh Mhòir follaiseach nuair a thionndaidh beairteas a’ Chogaidh gu bochdainn; bha e soilleir nach robh comas aig uidheam àrsaidh DOSCO air cumail ri fairpisich ùra na stàilinn an Ontario.

Anns na 1940an, chuir teine às do Chompanaidh Tighearnais na Tearra ri taobh an Subway, agus chuir seo ri dol-sìos nam margaid airson far-stuth a’ ghual-fhiodha as dèidh an Dara Cogaidh.

Cinneasachadh uinge leth cheud tonna aig Stàilinn Shidni, 1950
Cinneasachadh uinge leth cheud tonna aig Stàilinn Shidni, 1950
The Whitney Pier Historical Society.

Mu mheadhain na 1950an, ghabh companaidh Bhreatannach Hawker-Siddeley an Gàrradh os làimh agus abair othail as na h-àmhainnean ùra ghual-fhiodha Kopper-Becker agus as na fùirneis shèidich agus as a’ chagailt ùr-leasaichte. Ach cha robh na riaghladairean ùra idir deònach air seann teicneòlas a’Ghàrraidh ath-bheothachadh na b’ fhaide nuair a bha margaidean stàilinn air feadh an t-saoghail a’ dol sìos; agus gu h-àraid, nuair a chuir Riaghaltas na h-Albann Nuaidhe a-mach aithisg ag radh: “Chan eil buannachd sam bith, no dùil ris, ann an Sidni a chùm gnìomhachas na stàilinn, agus tha call ann a thaobh cho fad sa thathar bho mhargaidean.”


Di-haoine na Duibhe, 13 de’n Dàmhair, 1967, thuirt Hawker-Siddeley gun robh iad a’ dùnadh a’ Ghàrraidh. Tha a’ chasaid a thachair ri linn seo ann am beul-aithris gnìomhachais an Ceap Bhreatainn. Thàinig mnathan is fir is clann, oileanaich, seinneadairean, a’chlèir agus eadhoin muinntir phoilitigeach cruinn a shàbhaladh na stàilinn.

Se bhuil a bh’ ann gun tàinig SYSCO am follais, comann fo riaghaltas na h-Albann Nuaidhe. Na dhèidh seo, chunnacas teicneolas gun fheum, stailcean, luchd-obrach air an leigeil ma sgaoil agus ùrachadh gheallaidhean. Mu dheireadh thall, an 1987, thòisich an t-ùrachadh agus an caomhnadh an SYSCO; na dhèidh sin, chaidh na h-àmhainnean ghual-fhiodha, an fhuirneis shèidich agus a’ chagailt a dhùnadh sìos buileach. Seo a’ chrìoch aig gnìomhachas iomlan na stàilinn ann an Sidni.

Se muileann-beag le mu thimchioll 900 luchd-obrach a th’ air a bhith an SYSCO bho chionn 1990. Tha soirbheachadh an crochadh air margadh nan rèile thall thairis, agus ri amladh teicneolais muilne agus sàr luchd-obrach stàilinn.

Tràth an1992, ghairm riaghaltas na h-Albann Nuaidhe an dùil ri SYSCO a phrìbheideachadh.


Luchd Obrach na Stàilinn

Luchd-obrach am Bùth nan Inneal, 1950; Comann Tìreachais an Iarainn is an Stàilinn, Sidni, Albainn Nuaidh.
Luchd-obrach am Bùth nan Inneal, 1950; Comann Tìreachais an Iarainn is an Stàilinn, Sidni, Albainn Nuaidh.
The Whitney Pier Historical Society.

Se an luchd-obrach an neart a b’ fhearr a bha riamh aig a’ Ghàrradh Stàilinn an Sidni. Bha an àireamh a b’ àirde, mu 6000, ag obair feadh bhliadhnaichean an dà Chogaidh Mhòir. Bha boirionnaich ag obair ann fad na h-ùine, mar bu trice ri obair chlèireach. Ach, aig àm an Dara Cogaidh, bha mu thimchioll 700 boirionnach ag obair anns gach gnìomhachd ann. Tha luchd-obrach na stàilinn ainmeil a thaobh an dìlseachd agus an sùim anns an obair a bu dualach a bhith cunnartach, obair a leòn agus a mharbh cuid agus a thug buaidh air slàinte gach neach a bha riamh ag obair ann.

Nochd dàimh an luchd-obrach tràth san linn, a thaobh gach duilgheadas ionmhasail a bh’ aig DISCO agus seach gun do chuir iad romhpa duaisean ìsleachadh an 1903. Chuireadh an aghaidh seo gu làidir agus an ath bhliadhna, dh’eagraich Comann Obrach na Roinne stailc neo-shoirbheachail. Thugadh a-steach an t-àrm agus chaidh cur às de ’n aonadh, a bharrachd air gun deach duaisean a leagail.

An t-Arm aig Gàrradh Stàilinn Shidni.
An t-Arm aig Gàrradh Stàilinn Shidni , 1923.
Unknown. 83-6299-13599. Beaton Institute, Cape Breton University.

Ged a bha grunn aonaidhean “ciùird” ann (mar na saoir is na clachairean) cha deach oidhirp dhàna sam bith a dheanamh chum aonadh coitcheann a chur air bhonn gu ruige na 1920an nuair a bhathar a’ bagradh duaisean ìsleachadh a rithist. Tha cuimhne air stailc 1923 le poilis is ueir bhiorach is teantaichean an airm aig a’Ghàrradh. Chunnacas àrd-chath is chaidh gunna-inneil a chur suas chum na bha sa Ghàrraidh a ghlèidheadh.

A’ chiad 30 bliadhna, rugadh cò dhiùbh leth de ’n luchd-obrach taobh a-muigh Chanada agus bha an obair air a roinn a rèir sin fad cuid mhòr de ’n fhicheadamh linn. Chò-dhuin Coimisean Uairean is Saothrach an 1910 “gun robhar ag gabhail barrachd brath air an luchd-obrach bho ’n taobh a-muigh agus bho Thìr Nodha na bhathar air muinntir an àite fhèin.” Bhiodh “am fear fuadain” glè thric ris an obair bu shuaraiche—ris na h-àmhainnean ghual-fhiodha, no an fhùirneis shèidich no ri “obair daimh”—a’ glanadh nam fùirneis no togail bhèilichean ueir.


Seoc Mac Anndra, Iain Berezuk, 14 Sràid Farris; bha iad ag obair aig a' Ghàrradh Stàilinn
Seoc Mac Anndra, Iain Berezuk, 14 Sràid Farris; bha iad ag obair aig a' Ghàrradh Stàilinn
The Whitney Pier Historical Society.

Chionns nach robh cothrom aig luchd imrich air obair ealanta, bha iad mar sin air am bacadh bho na h-aonaidhean suidhichte anns a’ Ghàrradh. Ri linn sin, rinneadh dearmad agus dìmeas air an eachdraidh ann an gluasad na saothrach. Bhathar de ’n bheachd nach biodh ùidh aig an luchd-obrach ann an eagrachadh agus cur an aghaidh suidheachadh an cuid obrach. Bhathar a’ coimhead air an ceannardan mar “choigrich chunnartach” aig an robh ceanglaichean ri Bolshevism.

Thig ’s cruinnich d’ aodach is teich air falbh
Chan eil iarraidh oirnn an seo,
Thèid sinn far an tèid ceudan gach là
Fo acras is eu-dòchas;
Thèid sinn a shireadh dùthcha
Far bheil mil is bainne sruthadh
Thig ’s cruinnich d’ aodach is dean air Sidni
Oir dh’innis Morris Ùr sin dhomh!

Naidheachdan Làitheil Bail an Naoimh Eòin, 1903, sgrìobhte le fear a Tìr Nodha agus e air a rathad gu Sidni air an t-soitheach Kyle

Se ’n fhìrinn a th’ann gun do ghabh an luchd-imrich pàirt a bha tapaidh agus cudthromach ann an gluasad na saothrach bho ’n thòisich an Gàrradh.

Seic Tìreachas Earranta an Iarainn is an Stàilinn à 1957.
Seic Tìreachas Earranta an Iarainn is an Stàilinn à 1957.
The Whitney Pier Historical Society.

Gu dearbh, nuair a rinn na poilis oidhirp air dithis Eadailteach a chur an glas-làimh an 1900 seach gun robh iad a’ riasladh ri fòrman, b’ e sin aon de na ciad tursan air a bheil iomradh againn air an-fhois eadar an luchd obrach is na ceannardan. An 1903, chaidh na h-Eadailtich air stailc airson obair na b’ fhearr agus àrdachadh duais. Nuair a dh’ fhiach an companaidh ri luchd-obrach ùr a thoirt a-steach, chruinnich na h-Eadailtich “nan dà phiogaid le caogad fhear anns gach tè; bha iad air an àrmachadh le cuaillean, piocaidean, sluasaidean is slatan iarainn agus bha bratach dhearg aig aon fhear.” Chuir am poilis as a chèile na piogaidean, a’ gabhail dhaibh le cuaillean agus a’ cur fear no dhà an sàs. Chaidh cuid de na h-Eadailtich a ‘dhubhadh’ agus dh’fhàg iad Sidni airson ghàrraidhean am meadhoin Chanada.

 


Seann dealbh de dhaoine aig a' Ghàrradh Stàilinn.
Seann dealbh de dhaoine aig a' Ghàrradh Stàilinn.
The Whitney Pier Historical Society.

Thug luchd-obrach Slàbhaig cuideachd leotha am beachdan cumanta air ceartas is deamocrasaidh as an t-seann dùthaich. Chaidh cuid a thearbadh bho Eaglais Chaitligeach an Ugràin anns na 1920an. Ach, ghabh cuid dhiubh seo pàirt easgaidh ann an Eaglais Ghnàthach an Ugràin agus bha mòran nam buill ann an Teampall Saothrach an Ugràin.As dèidh stailc 1923, chaidh grunn de cheannardan Slàbhaig a dhubhadh agus chaidh cuid fhuadach dhachaigh ri linn an Ìsleachaidh.
Ged nach robh mòran Iudhach ag obair anns a’ Ghàrradh stàilinn, thug iad taic innteachail do ghluasad na saothrach troimh bhuidhnean ionnsachaidh a bhiodh ceannardan obrach a’ cur an cèill. Se “muinntir 1905” a bh’ ann an cuid dhiubh, ie. ghabh iadsan pàirt ann am bun-os-cionn 1905 an Ruisia. Feadh an Ìsleachaidh, rinn marsantan Iudhach mòran chum fèin-spèis na muinntir a bha as aonais obrach a ghlèidheadh.

Nuair a nithear coimeas ri luchd-obrach stàilinn an àiteachan eile, tha muinntir Shidni cha mhòr aig an aon ìre a thaobh stailcean, ged a fhuair iad ainm a thaobh am mìleantachd.

“Bho’n Chidhe,chagair! Iomhaighean a sgìre ioma-chultaral” air a chlò-bhualadh an 1993 le Comann eachdraidh Cidhe Whitney; seo far an dàinig an aiste seo am follais an toiseach


Ath-Fhacal

Bho Obair Tro Thìm

Dh’atharraich cùisean gu mòr a thaobh SYSCO, Gàrradh Stàilinn Shidni agus na sgìrean sin mun cuairt, leithid Sidni is Cidhe Whitney bho 1993 nuair a thàinig na h-aistidhean sin am follais an toiseach sa “Bho’n Chidhe, a chagair!” Bha làmh aig iomadh rud ann an cur às do ghnìomhachas na stàilinn an Ceap Bhreatainn, leithid atharrachadh an teicneolais agus margaidean an t-saoghail. Feadh na 1990an, rinn Riaghaltas na h-Albann Nuaidhe oidhirpean air an Gàrradh a reic ri muinntir phrìmheideach, Min Metals a Sìna nam measg, ach cha deach le aon dhiubh aig a’ cheann thall. Bho 2001 gu 2004, thugadh an Gàrradh as a chèile agus chaidh cuid a leagail, nam measg—am muileann uinge, stòbhaichean an Fhùirneis Shèidich 3 agus 7 agus an tùr fuarachaidh Liquid Air. San àm ri teachd, tha feum air leasachadh àrainneachd aig Pònaichean Tearra Shidni agus bruidhinn mu dheidhinn planaichean airson feumalachd an àite. Airson tuilleadh leughaidh agus eachdraidh tro cheanglaichean mu ghnìomhachas na stàilinn aig Cidhe Whitney, thoiribh sùil air roinn an stuth cho-ionnan.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 428 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map