Back To Home Page

Muileann Càrdaidh Cais—Obair an Aodaich an Ceap Bhreatainn

Vicki Quimby

“Thigeadh daoine le ’n cuid clòimhe agus bha inneal aca airson a chàrdadh, agus thigeadh a’ chlòimh a-mach na rolagan. Bhiodh seo na b’fhasa dha na mnathan a bhiodh ri snìomh” (Hilda Nic Dhòmhnaill, Iris Cheap Bhreatainn, 12, td. 15).

Aig a' Chlachan Ghàidhealach Aig a' Chlachan Ghàidhealach
Highland Village Museum/An Clachan Gàidhealach; The C@P Society of Cape Breton County.

Feadh cuid mhath dhen naoidheamh linn deug, se saothair riatanach a bh’ ann an obair anairt is aodaich, ach saothair a bha tarraing ùine dha na mnathan anns na dachaighean air an dùthaich an Ceap Bhreatainn. Se obair-làimhe aig an dachaigh bu mhotha bha dol, le innealan leithid càrdan, cuibhlean snìomh, fearsaidean agus beairtean.

Bha an càrdadh riatanach. Mus tèid a’ chlòimh a shnìomh gu snàth airson fighe bhior no bheairt, feumar a càrdadh, se sin, a cur na rolagan, deiseil airson snìomh. Se spaidean fiodh le fiaclan meatailt an sàs ann an leathar a bh’ anns na càrdan. Bha a’ chlòimh air a cìreadh eadar na fiaclan meatailt, beag air bheag; agus mar a bha an cìreadh a’ dol air n-adhart, bha a’ chlòimh air a gluasad bho aon chàrd chun na tèile gus am biodh na freumhagan uile a rèir a chèile. Bha thu an uair sin a’ tionndadh an aghaidh ’s mar a bha, agus bhiodh rolag air a cur dheth, se sin, air a leigeil far na càirde. Bha an gluasad seo a’ dol air n-adhart a rithist ’s a rithist gus am biodh rolagan gu leòr ann airson snìomh.

Mar a bha an linn a’ dol air n-adhart, thòisich innealan ri tighinn a-steach do ’n ghnìomhachas air an dùthaich. Bha muilnean bleith agus sàbhaidh agus uidheaman spealaidh air an tarraing le eich a’ caomhnadh saothair fhada chruaidh an àm bleith, sàbhaidh no spealaidh. Bhiodh muilnean càrdaidh cuideachd a’ caomhnadh mòran saothrach do ’n teaghlach. Chuireadh muileann a-mach ann an uair an uaireadair uidhir rolagan sa b’ urrainn boirionnach a dheanamh fad latha le càrdan làimhe. Bha na rolagan na bu chothromaiche ann an tiughad na gin a dheante le làimh, agus ghabhadh iad snìomh na bu luaithe a thaobh sin.


Air an rathad gu Gleann an Dathadair. Air an rathad gu Gleann an Dathadair.
Albert MacLeod, Publisher. 87-515-17045. Beaton Institute, Cape Breton University.

Ann an Cunntas 1851, chithear gun robh sia muilnean càrdaidh is fighe ag obair ann an àiteachan eadar-dhealaichte air feadh an eilein. Bha Muilnean Ghlinn an Dathadair faisg air Màbu air cuid de ’n fheadhainn a b’ ainmeile aig an àm; bha dath agus luadh ri ’m faotainn cho math ri càrdadh. Mu 1891, bha 21 muileann càrdaidh is fùcaidh ag obair an Ceap Bhreatainn. Bha muileann càrdaidh Cais ann an Camas nan Èireannach air aon diubh. Se cumhachd uisge bu mhotha bhathar a’ cur gu feum agus bhiodh muilnean sàbhaidh, bleith agus sgèileag cò-cheangailte riutha.

Thugadh an t-uidheam càrdaidh bho pheàtant ann an 1784 agus cha do dh’atharraich e mòran bho ’n bhliadhna 1773: tha grunn dhrumaichean cuibhleach de chaochladh mheudachd ann an uidheam càrdaidh. Tha iadsan air an còmhdach le leathar anns am bheil fiaclan uier, coltach ris an stuth a bh’ anns na càrdan làimhe. Mar a thèid a’ chlòimh troimh ’n uidheam, nì na siolandairean sin grèim oirre air aon seòl agus leigidh iad as i na aghaidh sin agus bidh na freumhagan air an cìreadh gu mìn.

Bha Muileann Mhoireasdain faisg air Pàirce Wentworth.Chan eil an diugh ach cian chuimhne air muileann a bha poblach aig aon àm.  Bha Muileann Mhoireasdain faisg air Pàirce Wentworth.Chan eil an diugh ach cian chuimhne air muileann a bha poblach aig aon àm.
Morrison's Mill, 193-? Unknown. 80-798-4978. Beaton Institute, Cape Breton University.

Tha trì pàirt anns a’ mhuileann. Tha an spioladair aig an toiseach. Tha an siolandair an sin a’ falach druma fhiaclach a thaisicheas agus a dh’fhuasglas a’ chlòimh ghlan. Se na càrdan brisidh a tha am meadhain a’ mhuilinn. Anns an uidheam seo, thèid a’ chlòimh a ghluasad gu cuibhlean biathaidh a chuireas i dhan tulgair agus air adhart chun an t-siolandair mhòir. Giùlainidh am fear sin a’ chlòimh air adhart chun nan siolandairean beaga ris an abrar na h-obraichean agus na rùsgairean. Bheir a’ chiad obraiche air falbh a’ chlòimh agus thèid a tilleadh air n-ais dhan t-siolandair mhòr leis a’ chiad rùsgair. An sin, bheir an siolandair mòr a’ chlòimh dhan ath obraiche agus rùsgair, agus mar sin air n-adhart. Bidh an sreath rolairean air an aon t-seòl ach a’ gluasad aig diofar astair ri linn diofar meudachd, leathann is cumhang. An uair sin, bidh fancaidh a’ taiseachadh na clòimhe air an t-siolandair mhòr le dealgan fada chum ’s gun toir an sgaradair dheth i agus mu dheireadh thall, bheir an cìreadair a’ chlòimh far an sgaradair.

Se cha mhòr an aon uidheam a th’agad anns na càrdan crìche, a’ chuid mu dheireadh de ’n mhuileann, ach gu bheil fiaclan nas mìne unnta. Mar an ceudna, rachadh aca air lìonadh chuibhrig a dheanamh an àite rolagan.

Rinn Frang Cash dara ceannach air a’ mhuileann ann an 1883; se fear-imrich Eireannach a bh’ ann a thuinich ann an Camas nan Eireannach an Ceap Bhreatainn tràth anns na 1800an. Cheannaich e an uidheam bho Shiosalach ann an Loch Lòmainn, agus se E.C. Cleveland ann a Worcester, Massachussets a thog i. Bha seo air a cur thuige an toiseach le cumhachd uisge bho bhalla-casg a chaidh a thogail suas gu 21 troigh a dh’àird. An dèidh sin, chaidh einnsean gas ris an abradh iad aona-lùinnsear a thoirt a-steach nuair nach biodh uisge pailt gu leòr. Chaidh an gnìomhachas a leasachadh ri ùine le muilnean sgèileag, sàbhaidh agus bleith.


Chuireadh innealan a' mhuilinn chàrdaidh a-mach ann an uair uidhir rolag sa dheanadh bean fad latha le càrdan làimhe. Chuireadh innealan a' mhuilinn chàrdaidh a-mach ann an uair uidhir rolag sa dheanadh bean fad latha le càrdan làimhe.
Highland Village Museum/An Clachan Gàidhealach; The C@P Society of Cape Breton County.

Bhiodh muinntir an àite a’ cur an cuid clòimhe do ’n mhuileann air na ròidean agus air a’ bhàta. Dh’fheumadh a’ chlòimh a bhith air a nighe glan mus cuireadh iad air falbh i agus bhiodh cuid eadhoin ga dath. B’ ann anmoch dhen t-samhradh agus as t-fhoghar bu trainge bhiodh am muileann nuair a rachadh còrr is mile punnd clòimhe a chàrdadh ann am mìos. Bhiodh cuid gach neach air a càrdadh air leth agus air a tomhas aig a’ cheann thall airson cosgais. Ann an 1880, se trì sgillin am punnd a bh’ oirre; mu 1900, bha coig sgillin oirre; agus, mu 1933, bha i ochd sgillin am punnd.

Ghabh Tòm, mac Fraing, os làimh an iomairt bho1921 gu ruige 1946. Mu ’n àm seo, cha robh uidhir a theaghlaichean a’ snìomh na clòimhe agus cha robh fèill air rolagan. As dèidh sin, cha deach am muileann a chur a’ dol ach air iarrtas.

Bhiodh Tearlach, mac Thòm, ag obair còmhla ri athair anns a’ mhuileann agus bha esan deònach gum biodh am muileann càrdaidh air a ghlèidheadh los gum faigheadh ginealaich ri teachd eòlas air. Thug e am muileann gu fialaidh dhan Chlachan Ghàidhealach.

Thàinig an aiste seo am follais anns An Rubha, 9, Àir.1, td 9. An Geamhradh, 2005-6.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 388 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map