Back To Home Page

Clann Ghill Easbaig a Sidni a Tuath

Raghnall Dòmhnallach, Comann Eachdraidh Shidni a Tuath

Dealbh an Àrd-sheanair T. D. Mac 'Ill Easbaig. Dealbh an Àrd-sheanair T. D. Mac 'Ill Easbaig.
Unknown. 78-875-2625. Beaton Institute, Cape Breton University.

Chaidh a’ chiad thuineachadh maireannach a stèidheachadh air taobh a tuath Acarsaid Shidni ann an 1785; seo nuair a rinn eilthirich an dachaighean ùra air a’ Bhàr a Tuath de ’n acarsaid, iadsan a chleachd a bhith fuireach ann an tìreachais Bhreatainn air Cladach an Atlantaig. Shoirbhich leis a’ mhuinntir seo anns an dùthaich ùr thorrach, ann an tuathanas is togail bhàtaichean agus iasgach. Anns na 1830 an, nuair a thàinig leasachadh air na cidheachan guail, dh’fhàs baile Shidni a Tuath gu luath agus thàinig e gu bhith na phrìomh bhaile puirt ann an Amaireaga a Tuath. Ann an 1870, an Canada, cha robh ach Halafags, Montreal is Baile Mòr Chuibeig air thoiseach air a’ bhaile puirt thrang seo a thaobh luchdachadh thunnachan. Ann an 1885, chaidh Sidni a Tuath a chò-chorpachadh mar bhaile air leth.

Anns an fhicheadamh linn, thàinig Sidni a Tuath gu bhith mar chridhe Eilean Cheap Bhreatainn a thaobh bhàtaichean seòlaidh, eadar cabhlaich iasgaich, chogaidh, dhìon agus ghuail air feadh an t-saoghail. An 1898, thagh Companaidh Reid-Tìr Nodha am baile mar phort-aiseig gu Talamh an Èisg, agus bha fèill nan ceud bliadhna aca an 1998. Chaidh Oifis Càball an Aonaidh Shiar a stèidheachadh an 1875 agus dhaingnich sin inbhe Shidni a Tuath mar phrìomh ionad conaltraidh eadar an Roinn Eòrpa is Amaireaga a Tuath agus mar dheagh àite gnìomhachais an àm soirbheachaidh is adhartais.

Cha robh bun-stèidh na b’ fhearr air an Taobh Tuath a thaobh gnìomhachais na muinntir Chloinn Ghill Easbaig. Thàinig cuid de ’n teaghlach a-steach a Chanada mar Dhìlsean na h-Iompaireachd Aonaichte as dèidh Cogadh Amaireagaidh; thàinig iad gu Sidni a Tuath agus Na Mèinnean a Èirinn, Albainn agus na Stàitean, taobh siorramachd Cholchester. Bha an cinneadh gu lèir ri ’m faighinn anns gach dreuchd air feadh an t-saoghail. Ann an seadh phoilitigeach, bha ochdnar de Chloinn Ghill Easbaig a Colchester ann am Mòrdhail na Roinne agus anns a’ Phàrlamaid. Bha Thòmas Dickson Mac Ghill Easbaig anns a’ Chomhairle Reachdail agus Ghnìomhach ann a Halafags; nuair a thugadh a-mach Cò-chaidreachas, chuir an Ridire Iain A. Dòmhnallach e dhan Seanaid far an robh e gus an do chaochail e an 1890.


Taigh Gòbhraidh, àite T.D. Mhic 'Ill Easbaig Taigh Gòbhraidh, àite T.D. Mhic 'Ill Easbaig
Unknown. 78-28-1778. Beaton Institute, Cape Breton University.

Rugadh Tòmas Mac Ghill Easbaig an Onslow, faisg air Truro, ann an 1813 agus chaidh e dhan sgoil an seo agus gu Acadamaidh Phictou a bha cho ainmeil a thaobh foghlaim. Seo an sgoil a bha sluagh de Chlèirich òga a ròghnachadh chum am fèin-leasachaidh anns an t-saoghal. Ghluais esan cuide ri bhràthair Blowers gu Sidni a Tuath goirid as dèidh ceumnachadh agus ghabh e dìreach anns a’ ghnìomhachas, an toiseach ann an gàrradh-luing farsaing air an t-Sraid Mhòir, Rathad Iarainn na Mara, Sidni a Tuath. Bhathar a togail shoithich an seo air chùmhnant; bàrcaichean, scunairean, brigeachan agus an tè bu mhotha, an Clarendon anns an robh 1074 tonna agus a chaidh ainmeachadh air Rùnaire nan Dùthchannan Cèin am Breatainn. Se am prìomh shaor-luinge, Uilleam Nesbitt, a bha os cionn na h-obrach seo agus bha grunn cheudan air am fasdadh anns a’ ghàrradh aig uair sam bith, saoir-luinge, calcairean, riogairean, saoir-sheòl, goibhnean agus luchd-obrach de gach seòrsa.

Thug Tòmas is Blowers Mac Ghill Easbaig fainear gum biodh bàtaichean smùide a’ tighinn air lòm agus ghluais iad an gnìomhachais bu chudthromaiche gu mèinneadh a’ ghuail, a’ gabhail os làimh agus ag obrachadh Mèinn Ghobhraidh am Bàgh nam Mart a bharrachd air roinn-sheilbh a bhith aca ann an grunn mhèinnean air feadh Cheap Bhreatainn. Bha Tòmas cuideachd na fhear-ionaid airson Banca na Marsantachd agus na dhèidh sin airson Banca na h-Albann Nuaidhe. (Bha a mhac Tearlach na neach-stiùiridh ann na dhèidh seo.) Bha Clann Ghill Easbaig cuideachd anns an luingearachd agus ghabh iad an lùib an lìonraidh air feadh an t-saoghail, a’ mhòr chuid a thaobh guail ach a thaobh lòdan eile mar an ceudna. Chaidh a’ mhalairt seo a leasachadh nuair a bha Tòmas na Chonsal na Roinne airson nan Stàitean agus na fhear-ionaid airson Lloyds an Lunnainn.


Bàt-iasgaich, Port Morien. Bàt-iasgaich, Port Morien.
Beaton Institute, Cape Breton University.

An 1856, chaidh Tòmas MacGhill Easbaig a chur dhan Chomhairle Reachdail san Roinn, sin an Seòmar Uachdrach neo-thaghte. An 1860, chaidh àrdachadh dhan Chomhairle Ghnìomharrach anns an Riaghaltas Ath-leasaichte aig Eòsaph Howe. Thug e dà bhliadhna còmhla ri Howe, agus an sin, dh’fhàg e an cabanait gus tuilleadh saothair a chur ri gnìomhachais an teaghlaich. Se fear-gnìomhachais a bh’ann sa chiad àite, agus bha e creidsinn gum biodh Cò-chaidreachas a cinntinn a chuid ghnìomhachais fhèin, ged nach tachradh seo gu ceann bliadhna na dhà. Nuair a fhuair e cuireadh dhan t-seanaid an 1867 bho ’n Ridire Iain A, bhiodh seo dualach dhà, ged a b’ àbhaist dhà bhith ann am Pàrtaidh an Àth-leasachaidh a bha an aghaidh cò-chaidreachas. Chan eil mòran fiosrachaidh mu na rinn e an Ottawa, ach cha do chuir obair an t-seanaid maill sam bith air a chuid ghnìomhachais fhèin agus lean e fhèin sa bhràithrean agus an teaghlaichean air soirbheachadh.

An1890, air an 18mh dhen Dàmhair, bha An Fhianais Chlèireach a’ caoidh bàis Thòmais mar “bhall cho urramach agus cho cumhachdach sa bh’ aig an eaglais. Na obair phoilitigeach, choilean e gach dleasdanas gu h-uasal agus gu comasach, mar bu dual do ’n teaghlach.” Bha Tòmas MacGhill Easbaig na stèidheadair air Eaglais Chlèirich an Naoimh Anndra ann am Mèinnean Shidni, agus ghabh e pàirt chudthromach ann an togail na h-eaglais agus na maoineachadh airson rian-obrachadh. Cha robh sin ach seòl eile air an iomadh pàirt a ghabh e ann an seirbheis coimhearsnachd.

Tha Rathad Chloinn Ghill Easbaig agus Cidhe Chloinn Ghill Easbaig a’ comharrachadh dleasdanas an teaghlaich ann an leudachadh gnìomhachais an Sidni a Tuath anns an 19 linn. Air Rathad a’ Chladaich, tha Taigh Gobhraidh, far am b’ àbhaist Blowers MacGhill Easbaig a bhith fuireach, fosgailte fhathast mar àite spaideal airson aoidheachd is bidh.

Se Raghnall Dòmhnallach à Comann Eachdraidh Shidni a Tuath a sgrìobh an cunntas seo air Clann ’IllEasbaig an Sidni a Tuath.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 388 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map