Gnìomhachas tùsail an Isle Madame
Comann Eachdraidh Isle Madame
Tha Isle Madame paisgte eadar fasgadh tìr-mòr na h-Albann Nuaidhe agus Eilean Cheap Bhreatainn. Tha an t-eilean 20 cilemeatair an leud agus 14 air fhaid. Seo na ceithir sgìrean as motha a th’ air an eilean: Arichat, Arichat an Iar, D’Escousse agus Petit-de-Grat. Chionns gun robh deagh acarsaidean ann agus cothrom aig daoine air toradh a’ chuain, se iasgach an gnìomhachas a thug barr an sgìre Isle Madame. Thug mòran à Isle Madame a’ mhuir orra—nan iasgairean, nam marsantan agus nan sgiobairean. Mar thoradh air an luingearachd, nochd iomadh seòrsa gnìomhachas eile air a’ chladach—ceardaichean, garraidhean-luingeis, factaraidhean agus bùithean.
Gnìomhachas an Teaghlach Robin.
Stòr Robin air an t-Sraid Mhòir an Arichat.
Don Boudrot and the Isle Madame Historical Society
Thàinig an teaghlach Robin à St. Héliers an Searsaidh ann an Eileanan a’ Chaolais; sin far an robh Philip, am fear bu shine de thriùir bhràithrean, na mharsanta saoibhir anns an iasgach. Anns na 1760an, cuide ri Iain is Tearlach, a bhràithrean a b’ òige agus dithis eile às an teaghlach Pipon, cheannaich Philip “Flùr na Mara”, brig anns an robh 45 tonna. Chualas gun robh an trosg cho pailt an Amaireaga a Tuath agus bhrosnaich seo iad; bha iad an dùil brath a ghabhail air na bh’ air fhàgail de dh’obair an èisg an Louisburg.
A’ seòladh a-mach à Canso, lorg Iain is Tearlach bàgh mòr dhan deas, a’ dol gu acarsaid an Camas Chedabucto. An seo, an Acarsaid Arichat, lorg is dh’ainmich Tearlach Eilean an t-Searsaich agus seo far an do dheilbh e plana airson iasgach a chur air bhonn. Cheannaich gnìomhachas eile a bh’ aca, Robin, Collas is an Comann, sia bàtaichean iasgaich eile airson an cur gu Eilean an t-Searsaich. Chaidh a’ chabhlach am meud gu àireabh 30 soitheach agus is ann bho ’n sgioba a thuinich an seo a shìolaich mòran de na Acàdainich Fhrangach a gheibhear an Isle Madame an diugh.
Stòr G.J. LeBlanc an Arichat.
Don Boudrot and the Isle Madame Historical Society.
Mu 1790, ghluais an comann dhan ear gu taobh a deas na h-acarsaid, air fearann a bh’ aig Àdhamh Arsenault, aig Cyril Boudreau na dhèidh-san, agus a tha an diugh aig Griogar Boucher. Chaidh stòr a chur air bhonn chum feumalachd nan iasgair agus an teaghlaichean. Gu mì-fhortanach, bha cosgais na dh’fheumadh iad airson tighinn beò na b’ àirde nan cuid dhuaisean; bha fiachan aig a’ chomann mar sin daonnan air a’ chuid bu mhotha de ’n luchd obrach. Cha robh seo mar iongnadh, oir cha robh an luchd obrach a’ cosnadh ach eadar 35 is 50 sgillin airson latha anns am biodh deich uairean a dh’fhaid. Cha bhiodh cead pòsaidh aig iasgair sam bith a bheirte nall a Searsaidh mura fàgadh e a bhean san Roinn Eòrpa.; ann an suidheachadh mar sin, gheibheadh fear sia mìosan fòrlaidh mu choinneimh gach dà bhliadhna seirbheis.
Se an trosg a b’ fhearr le daoine. Bhiodh fiorm Thearlaich Robin a’ ceannach an truisg airson a shailleadh agus a thiormachadh. Bhiodh an t-iasg an sin air a dhinneadh ann am barrailtean a bhiodh furasd’ an cur gu ruige nan Innsean an Iar no gu margaidean an Amaireaga a Deas. Bhiodh na soithich Shearsach a’ tighinn le bathar gu Isle Madame agus a’ lòdadh an sin le iasg tioram agus a’ deanamh cùrsa air na margaidean gu deas. Thogadh stòr Robin an 1795 agus an 1903, chaidh a fhlodadh far taobh a deas na h-acarsaid chun na Sràid Mhòir an Arichat. Bha Labhran Mury a Arichat an Iar air ceann gnothaich agus eadar neart dhaoine is each, chuireadh crioch air an obair gun dragh sam bith. Bha an stòr am meadhain na togalaich agus sgiath air gach taobh dheth; air an lobhtaidh, bhiodh aodach is anart. Dhùin aitreabh Robin an 1911 agus chaidh a’ mhòr chuid de ’n uidheam is de ’n bhathar a chur gu ruige Chéticamp. Nuair a dhùin an stòr mu dheireadh thall an 1913, chaidh a cheannach leis an Sgiobair Tòmas Boudreau agus se a bhean a bha ga ruith.
An Arichat
Stòr Iain Jean an Arichat.
Don Boudrot and the Isle Madame Historical Society
Iomadh bliadhna as dèidh do dh’ Iain Robin tighinn gu Arichat an toiseach, thàinig grunn dhaoine a bha an sàs an gnìomhachas a thuineachadh ann. Nam measg bha an Sgiobair Clement Hubert, Iain Jean Mòr agus Iain Janvrin agus bha iad uile an sàs anns an iasgach agus ann am bùithean.
Chaidh àireamh an t-sluaigh am meud mean air mhean seach mar a bha cùisean an toiseach, dar a thug Iain Robin na ciad theaghlaichean a nall. Se Huguenots Fhrangach a bh’ anns na h-inimrich ùra seo a Searsaidh ann an Eileanan a’ Chaolais agus tha cuid de dh’ainmean mar Beaudrot, Hubert, Jean, Fixott, Gruchy, Dorey, Janvrin, DeCartaret agus Robin fhathast an Arichat an diugh. Rinn eilthirich a Breatann an rathad gu Arichat cuideachd.
Bhuineadh a’mhòr-chuid de na Breatannaich is na Huguenots Fhrangach do’n Eaglais Shasannaich Bha dà bhuidheann Chaitligich Fhrangach ann, iadsan a theich nuair a thuit Louisburg agus na h-Acàidianich Fhrangach a thill gu Arichat as dèidh an Fhuadaich an 1755.
Nuair a bha luingearachd fìor thrang ameasg soirbheachaidh na 19 linn, bha Arichat is Arichat an Iar glè adhartach. An 1980, b’ e an IGA aig LeBrun an gnìomhachas bu shine an Arichat. Chaidh a chur air bhonn an 1863 mar LeBrun Earranta le Jean M. LeBrun a Breville san Fhraing. Bhiodh Iain Jean a’ cumail a’ ghnìomhachais a’ dol mar Jean, DeCartaret & Levesconte, dìreach an iar air aitreabh LeBrun. Bha am fiorm a’ coimhead ri cidhe farsaing uisge-domhainn dìreach fo an cuid oifisean agus cuideachd ri bathar—rud nach robh mi-chumanta do dh’iomadh marsant’ èisg san àm. Bha trì bùithean mòra aig an teaghlach Donabhan, aon dhiubh corr is 80 troigh a dh’fhaid. Seo cuid de na fir is na mnathan eile aig an robh bùithean an Arichat feadh nam bliadhnaichean:- Morton S. Binet, Maxime Forest, Seoras J. Anndra, Daibhidh Power, Tearlach W. Goyetche, a’ bhean-phòsta Sìleas Benoit agus an Sgiobair C.D. Terrio.
Tha e inntinneach sùil a thoirt air cuid de phrìsean a bh’ air nithean cumanta an 1912: Bòtannan leathair fhear — $3, a’ phrìs ìseal, $1:35
Brògan bhan — $1:60, a’ phrìs ìseal, $1:35
Bòtannan nam feadhainn òga — 95 sgillin
12 slat de shàr-anart dhreasaichean — $1:15
Bha prìs àirneis à Comann Vernon an Truro mar a leanas: dreasair fiodha le 3 dràthraichean is sgàthan — $6: 75
Bòrd ionnlaid le dràthair is clòsaid — $3:00
Dreasair “Bana-phrionnsa” le dà dhrathair is sgàthan — $10:00
Gheibheadh tu pocan mòr shuiteis mheasgte an stòr Robin, Jones & Whitman air 5 no 10 sgillin. Bu choir ainmeachadh gun robh duaisean an ama a cheart cho ìseal; bhiodh fir a’ faighinn 20 sgillin san uair agus ag obair deich uairean san latha aig Comann Pacadh Èisg Phortland a bha dìreach an iar air ceardach LeNoir an Arichat.
An D’Escousse
Tràth anns na 1900an, chuir marsantan Searsach air bhonn gnìomhachais an D’Escousse aig an aon àm is a bha obair a’ chidhe a’ sìor mheudachadh. Leis mar a bha D’Escousse mu choinneimh a’ chladaich, bha e a’ soirbheachadh mar bhaile puirt agus bha iomadh stòr is gnìomhachas ann a bha glè fhaisg air gach cidhe air a’ chladach. Bhiodh nithean mar tì is briosgaidean a’ tighinn ann am barrailtean mòra agus rachadh iad sin fhosgladh agus am bathar a chur ann an toimhsean eile. Glè thric, bhiodh an soitheach ro mhòr airson tighinn gu cala agus bheirte dhiubh an lòd agus rachadh sin a thoirt gu tìr ann an sgothaidh. Bhiodh deigh air uachdar na h-acarsaid sa gheamhradh agus bhiodh an lòd air a leigeil às air an deigh. Dh’fheumadh marsantan a dhol a-mach le each is cairt a thogail an cuid bathar. Uaireannan, dh’fheumadh marsantan cuid a’ gheamhraidh fhaighinn as t-fhoghar, mus tigeadh an deigh a-steach. Chuir marsantan mar De Cartaret, Levesconte agus Moireasdan air bhonn bùithean a bhiodh ris an seo.
An D’Escousse, bha stòr cumanta aig fiorm Levesconte agus bha iomadh togalach aca far am biodh iad a’ sailleadh èisg. Rachadh an t-iasg a chur air clàir agus rachadh a thiormachadh as t-samhradh; an sin, bheireadh soithich air falbh an t-iasg dha na h-Innsean agus gu margaidean an Amaireagaidh a Deas. As dèidh sin, bhiodh marsantan èisg ann a Halafags a’ceannach cuid dheth. A bharrachd air an seo, bha soithich aig muinntir Levesconte fhèin agus bhiodh iad a’ fasdadh shoitheach bho dhaoine air taobh a tuath Isle Madame. Nuair a chaidh am fiorm am meud, dh’fhosgail Uilleam Òg, mac Uilleim Levesconte, gnìomhachas èisg agus stòr an Abhainn Bourgeois. Bha esan ris an obair seo iomadh bliadhna agus dar a dh’eug e, bha a mhac bu shine, Peadar, a’ ruith a’ ghnothaich beagan bhliadhnaichean.
Chaidh stòr LeBrun a chur air bhonn tràth anns na 1900an mar mheur de ’n ghnìomhachas an Arichat. Dar a dh’eug Iain LeBrun an Arichat, ghabh a mhac Artar as laimh an gnothach. Tha eachdraidh fiormaichean LeBrun a’ dol air ais corr is 100 bliadhna dar a thàinig Iain LeBrun nach maireann far cladach Normandaidh san Fhraing agus a thuinich e an Arichat. Tràth dha shaoghal, b’ ann gu math sìmplidh a bha a chuid gnìomhachais; ach, se fear comasach is faiciollach a bh’ ann agus cha b’ fhada gus an deach an iomairt am meud. Cuide ri ghìomhachas D’Escousse, bhiodh na bùithean sin a’ frithealadh Isle Madame uile gu lèir. An D’Escousse, bhiodh mòran bathair air a thoirt gu dachaighean air taobh a tuath Isle Madame. Fad iomadh bliadhna, se Seumas Hardy a bhiodh ris an obair seo—bha meas mòr air-san. Bha oifis a’ phuist, bùth adaichean is bhrògan, pàrlar uachdar-reòite agus stòr cumanta uile air an lòt seo aig aon àm.
Bha stòr annasach aig Carolyn Mhoireasdan faisg air cidhe D’Escousse; anns a’ bhùth bhig seo, bhiodh i reic ghoireasan beannaichte, leithid chonairean, chroisean agus mheadalan.
Mu choinneimh an stòir bhig seo, bha stòr annlain Mhoireasdain. Sìos aon taobh de ’n stòr, bha gach flùr, siùcar, tì is bathar tioram eile ann am barrailtean mòra agus bhiodh soithichean mòra glainne daonnan loma-làn shuiteis.
Bha stòr le bathar tioram aig an teaghlach Dunn air mullach cnuic faisg air eadar-ghearradh D’Escousse agus a Camas Creagach. Se bean a’ ghobhainn, Uilleam Dunn, aig an robh an stòr far am faighte adaichean rìomhach is aodach. Bhiodh na h-adaichean paisgt’ ann an pàipear tana ann am bocsaichean mòra dealbhach—teisteanas balbh air an ionmhas a bha an sgìre bheag seo a’ mealtainn aig aon àm.
Thàinig na h-earrannan seo am follais an toiseach ann an dà àite: Pròiseact Eachdraidh 80 Isle Madame a chaidh a chruinneachadh agus a chriochnachadh as t-samhradh 1980 agus “Làithean nan Soitheach Fiodha is nam Fear Iarainn; Eachdraidh ghoirid air Isle Madame le Don Boudrot a chaidh fhoillseachadh le Comann Eachdraidh Isle Madame an 2004.
ⓒ 1980, 2004 Isle Madame Historical Society
Download a PDF version of this story. [file size = 428 KB]
© C@P Society of Cape Breton County, 2009

