Back To Home Page

Sgoiltean Bhoularderie

Pròiseact Eachdraidh Eilean Bhoularderie

Foghlam nan Tusanach

A photograph of the sign welcoming you to Boularderie Island.The C@P Society of Cape Breton County.

Se an dara cuid Pròstanaich no Caitligich a bh’ anns a’ mhòr chuid de na thuinich air Eilean Bhoularderie anns na 1800an, na Pròstanaich gu beagnaich air an taobh a tuath agus na Caitligich gu beagnaich air an taobh a deas; se Gàidheil a bh’ anns a’ mhòr chuid. Cha b’ fhada gus am feumadh na Gàidheil foghlam foirmeil ann an leughadh, sgrìobhadh is bruidhinn na Beurla, oir b’ e sin cànain a’ ghnìomhachais, an riaghaltais agus an adhartais anns an t-saoghal ùr. Chuir a’ bhean phòsta Iseabail Nic Aoidh agus Comann nam Ban an Dun Èideann an t-Urr. Seumas Friseal mar mhinistear gu Eilean Bhoularderie an 1836, chum suidheachadh nan tùsanach a leasachadh anns an sgìre. Goirid an dèidh dha tighinn, thug esan air a’ bhean phòsta Nic Aoidh maighstir-sgoile, Ùisdean Rothach, a chur dhan Eilean. Cha do dh’fhuirich esan fada; ròghnaich e dhol gu Halafags far an deach barrachd airgid a thabhann dha. As dèidh moladh eile bho ’n mhinistear Fhriseal, thàinig Alasdair Rothach na àite.

Acadamaidh Bhoularderie agus Alasdair Rothach

Thàinig Alasdair Rothach is a bhean Catriona Weir Rothach gu Halafags an 1939. Fhuair iad tabhann gu math fiachail nam fuiricheadh iad an sin, ach ròghnaich iad cumail orra gu Ceap Bhreatainn. Chaidh 200 not a thabhann dhan Rothach ann a Halafags, a thrì uidhir ’s a gheibheadh e am Boularderie na dhèidh sin.

Bha dà dhuilghiodas mhòr mu choinneimh nan Rothach nuair a ràinig iad Boularderie; cha robh taigh aca agus cha robh sgoil deiseil romhpa. B’ fheudar dhaibh fuireach ann an taigh logaichean cuide ri teaghlach mòr a bha an ceann eile an taighe agus clasaichean a theagasg ann an Eaglais Knox. Aig a’ cheann thall, thog iad dachaigh dhaibh pèin agus taigh-sgoile air leth. Bha Ailig is Catriona le chèile a’ cumail sgoil an Acadamaigh Bhoularderie. Bha eòlas aig Catriona air Frangais, ceòl, fuaigheal agus còcaireachd. Bhiodh Ailig a’ teagasg leughadh, sgrìobhadh, cunntais, cruinn-eòlas, Laideann agus eachdraidh. Mu 1839, bha 60 sgoilear anns na clasaichean aig Ailig agus an ath bhliadhna, chaidh an àireamh suas gu 110.

Bha 10 tasdain ri phàigheadh airson cosgais sgoile agus bha prìs leabhraichean eadar aon is trì tasdain am fear. Bha na sgoilearan eadar 7 is 24 bliadhna dh’aois. Bhiodh an sgoil a’ tòiseachadh aig 9:30 agus a’ dol gu 4:30. Thigeadh buidheann de sgoilearan a bha na bu shine agus na b’ adhartaiche tràth sa mhadainn airson foghlaim bho ’n mhaighstir agus bhiodh iadsan an uair sin a’ teagasg bhuidhnean beaga de chloinn na b’ òige feadh an latha. Se faireadairean a theirte riutha agus glè thric, leanadh iad orra san fhoghlam gus an toireadh iad a-mach dreuchd teagaisg.



Clas bho Sgoil an Rothaich cuide ris a' bhan-sgoileir, a' bhean phòsta Beatrice Nic 'Ille Mhìcheil. Clas bho Sgoil an Rothaich cuide ris a' bhan-sgoileir, a' bhean phòsta Beatrice Nic 'Ille Mhìcheil.
The Boularderie Island Historical Society

Bhiodh astar fada aig iomadh sgoilear a’ dol gu Acadamaigh Bhoularderie. Thàinig iad bho àiteachan mar na Hearradh Nuadh, Baghasdal, am Pòn Mòr, Lèig Ainslie agus Siudaig. Sa gheamhradh, bhiodh sgoileairean à Baghasdal is na Hearradh Nuadh glè thric a’ coiseachd tarsainn na lèig reòite dha sgoil. Thathar ag radh gun deach am famhair Aonghas Mac Asgaill dhan sgoil seo; bhiodh e ris an sgrìob fhada thairis air Beinn Cheallaigh gach feasgar Di-haoine is air ais Di-Dòmhnach. Nuair a bhiodh iad anns an sgoil, bhiodh na sgoileirean a’ fuireach ann am bothain logaichean a bha sgaoilte mun cuairt air an sgoil, coltach ri baile beag. Bheireadh iad leotha biadh gu leòr is stuth a mhaireadh fad seachdain, agus rachadh iad dhachaigh gach ceann-seachdain.

An 1867, chaidh taigh nan Rothach agus an taigh-sgoile nan teine ach chaidh dachaigh ùr a thogail agus dh’fhuirich iad am Boularderie. Nuair a leig Alasdair bhuaithe a dhreuchd, chaidh e air Bòrd nan Cìleadair agus b’ e a bha sa chathair an 1865. An 1868, b’ e a bha cumail sùil air sgoiltean Siorramachd Bhictoiria.

Chaidh càrn-cuimhne a thogail do dh’Alasdair Rothach ann an Cladh an Luing Chogaidh far a bheil iad air an tiodhlagadh. Bidh cuimhn’ air gu bràth a thaobh a chuid obrach ann am foghlam na h-òigridh mu cuairt air Eilean Bhoularderie.

Taighean-sgoile aona-seòmar

Mu 1850, bha siostam math aig Albainn Nuaidh a thaobh sgoiltean a thogail agus an sgrùdadh, agus, mar an ceudna, chaidh na ciad ionadan airson foghlam luchd-teagaisg fhosgladh. Mu 1860, bha àireamh nan sgoiltean an Siorramachd Bhictoiria aig 29. Thogadh sgoil am Meadhain Bhoularderie an 1854 agus ann am Bras d’ Òr Mòr is Taobh a Deas Bhoularderie (Bruach Mòr) an 1867. Bha sgoiltean eile air an taobh a deas faisg air Rathad ’ic Mhathain agus tè aig Ceann Kempt air an Taobh Tuath. Chaidh an suidheachadh a thaghadh a rèir slat-thomhais na roinne; cha bu chòir na sgìrean sgoile a bhith barrachd air 3 no 4 mile an crois-tomhais air sgàth ’s nach biodh barrachd air dà mhìle coiseachd aig sgoileirean.


Clas bho Sgoil Baile Mhuilinn.Clas bho Sgoil Baile Mhuilinn.
The Boularderie Island Historical Society.

Bhiodh cileadairean air an taghadh a chumail rian air an sgoil, le taic chìsean fearainn na sgìreachd. Thigeadh leasachadh airgid bho ’n riaghaltas ach bha suidheachadh, rianachd is maoineachadh na sgoile an urra gu daingean ris a’ choimhearsnachd fhèin. Bhiodh coinneamh bhliadhnail aca airson beachdachadh air cùisean na sgoile. Bhiodh cileadairean is rùnaire na bliadhna air an taghadh aig an àm sin. Bha cìs air gach dachaigh chum duais a’ mhaighstir agus cosgais-rian na sgoile. Bhiodh luchd-teagaisg air am bòrdadh ann an taighean sa choimhearsnachd agus b’ e sin aon dòigh air airgiod a chaomhnadh; chaidh seo air adhart gu ruige na 1930an.

Bha cuid mhòr de ’n luchd-teagaisg a thòisich anns na sgoiltean beaga le aona-seòmar co-ionnan ri chèile; bha meas aca air an dreuchd, bha iad a’ creidsinn ann an teaghlaichean agus bhiodh iad gu beagnaich a’ teagasg an cuid chloinne fhèin. Bha iad cudthromach sa choimhearsnachd. Leis na bha de dh’aoisean còmhla anns an t-seòmar, cha robh smachd na thrioblaid mhòr sam bith; bha an fheadhainn òga a’ coimhead ris an fheadhainn bu shine agus bha sin na chuideachadh dhaibh a thaobh foghlaim agus modh. Bhiodh oideachas an aona-seòmair ag àrach deagh ghean eadar nan sgoileirean. Bhiodh earbs’ aig na sgoileirean unnta fhèin agus bha gach aois ag gabhail pàirt anns gach dol air n-adhart.

Chaidh iomadh taigh-sgoile a chur air bhonn ann an eachdraidh Eilein Bhoularderie. Seo an fheadhainn air a bheil barrachd molaidh ameasg nan daoine agus ann an sgrìobhadh: Meadhain Bhoularderie, Sgoil an Rothaich, Ceann Kempt, Rubha ’n Eilein, Boularderie an Ear, Boularderie an Iar, An Taobh a Deas (Bruach Mòr), An t-Allt Dubh, Bras d’ Or Mòr, Baile Mhuilinn, Rubh ’an Doire, agus Sgoil Bhras D’ Or Bheag. Se Sgoil Allt a’ Mhuilinn a thug iad air an sgoil mu dheireadh a thogadh anns an sgìre anns na 1900an, tè bha na bu mhotha na ’n àbhaist.


Allt a’ Mhuilinn agus Rubh’ Aconi

A photograph of fishing boats in Point Aconi. The C@P Society of Cape Breton County.

Bha a’ chiad taigh-sgoile an Allt a’ Mhuilinn suidhichte faisg air Mèinn Rubh’ Aconi, sìos taobh Pòn a’ Mhuilinn, gus an deach i na teine an 1931, as t-samhradh. Bha a’ choimhearsnachd sgiobalta agus bha an dara sgoil deiseil roimh na sgoileirean ann an 1932. Bha an sgoil ùr suidhichte faisg air far a bheil Talla Allt a’ Mhuilinn an diugh agus bha barrachd sgoileirean a’ dol innte, eadar a’ chiad agus an naoidheamh bliadhna. Nuair a bhiodh sgoilear rèidh san naoidheamh bliadhna, dh’fheumadh e dhol gu Sidni a Tuath no Bras d’ Òr ma bha e airson leantainn air foghlam. Cha robh uisge ri fhaighinn na b’ fhaisge na allt a bha leth mhìle air falbh agus cha robh taighean-cùil aca, agus bha seo glè mhì-ghoireasach.

A photograph of Mill Creek, Boularderie. The C@P Society of Cape Breton County.

Bha cuimhn’ aig Nat Peutan, dorsair na sgoile, air Ceitidh Pheutan, Grace Curaidh agus Mairi Eilidh Saunders a bhith teagasg anns an sgoil aige. Thuirt e nach feumadh clann rudan ionnsachadh air an teangaidh idir chum faighinn air adhart anns an sgoil. Gheibheadh sgoilear creideas nan d’ rachadh aige air gach ceum riatanach a shealltainn a thaobh freagairt. Bhiodh dithis anns gach suidheachan agus bhiodh iad ag obair le sgliat is peansail sgliat. Dh’fheumadh pàrantan na goireasan sin a chumail ris a’ chloinn agus rachadh iad bho dhuine gu duine mar a bhiodh am fear bu shine rèidh leotha.

Sgoil Ceann Kempt

 	Seann sgoil Ceann Kempt. Seann sgoil Ceann Kempt.
The Boularderie Island Historical Society.

Chaidh an sgoil seo a thogail an 1905 san Uachdar aig oisein an rathaid. Bha na sgoileirean a’ tighinn bho ’n taobh a tuath, eadar Aiseag Rois is an Ceann, agus bho ’n taobh a deas. Bhiodh a h-uile duine coiseachd dhan sgoil, eadhoin an tidsear. Bha iomadh teaghlach mòr agus iomadh tuarasdal beag, agus bhiodh a’ chlann a’ coiseachd cas-ruisgt bho earrach gus an tòisicheadh an talamh air reothadh, anmoch san fhoghar. Bha aon bhan-sgoilear, Tina Mhoireasdain, a’ teagasg aig Ceann Kempt fad iomadh bliadhna. Bhiodh ise coiseachd corr is dà mhìle gach rathad bho Aiseag Rois. Sa gheamhradh, nuair a bhiodh an lèig reòite agus nach biodh an t-aiseag ag obair, bhiodh i daonnan a’ coiseachd tarsainn na deighe bho ’n Acarsaid Mhòir agus suas ri 3 mìle bharrachd na dhèidh sin dhan sgoil. Anns na 1930an, se $375 sa bhliadhna a bhiodh tidsear a’ cosnadh agus chaidh sin suas mu dheireadh thall gu $600.

Bha Iseabail Nic Phàrlain a’ dol dhan sgoil an 1932, thug i fhèin a-mach dreuchd ban-sgoilear agus bha i teagasg aig Ceann Kempt agus aig an Taobh a Deas. Tha deagh chuimhn’ aice-se, mar sgoilear agus mar bhan-sgoilear na dhèidh sin, air duilghiodasan sgoil’an aona-seòmair. B’ ann air fearann Mhic Leòid, an ath dhoras, a bha uisge na sgoile. Bhiodh uisge ri tharraing dhan sgoil ann am bucaid; se pana a bha crochte air tarraing os cionn na bucaid a bhiodh aca ag òl deoch aiste. Se turas fada bh’ ann, tarsainn an achaidh agus sìos am bruthach cas gu fuaran Mic Leòid, agus bha e air a mheas mar “obair ghasda” oir bhiodh tu air falbh bho ’n t-seòmar fad ùine mhòir. Bha dà bhòrd dhubh anns an t-seòmar, aon aig an aghaidh agus aon gu taobh. Bhiodh obair daonnan sgrìobhte air na bùird agus bhiodh brat no sgàile air deuchainn a bhiodh clàraichte. Mu 1932, bhiodh deuchainnean daonnan air pàipear agus nam biodh mòran anns gach ìre, bhiodh leth-bhreacan deanta air inneal ghlaodhannaich. Mura biodh ach dhà no trì anns gach ìre, rachadh leth-bhreacan gualain a dheanamh.

Belle Ghrannd, Sgoil Rubh’ an Eilein

A photograph of Boularderie. The C@P Society of Cape Breton County.

Bha Belle na ban-sgoilear air Taobh-a-Deas Bhoularderie fad cheithir bliadhna gu leth mus do phòs i a cèile, Ailig Grannd. Chaidh i fhèin gu sgoil Meadhain Bhoularderie air taobh-a-tuath an eilein; bha cuimhn’ aice air na tidsearan a bh’ aice aon uair—Mairead Nic Coinnich, Edna Warren, Ciorstaidh Nic Neacail, Sadie Nic Iomhair agus Catriona Bryanton. Nuair a bha i rèidh san sgoil, fhuair Belle cead teagaisg aig Colaisde Normal an Truro as dèidh sia mìosan oideachaidh. Bha i teagasg aig Rubh’ an Doire fad dà bhliadhna agus an sin aig Rubh’ an Eilein fad dà bhliadhna gu leth. Se stòbh cruinn a bha teasachadh an aona-seòmair far an robh sgoileirean bho ìre a h-aon gu deich. Fhad ’s a bha i cumail sgoil am Boularderie, bhiodh Belle a’ fuireach còmhla ri teaghlaichean a bhiodh a’ còmhnaidh faisg air an sgoil.

Mairead Nic an t-Saoir, Taigh Sgoile an Taobh a Deas (Bruach Mòr)

A photograph of Southside Boularderie. The C@P Society of Cape Breton County.

Thogadh taigh-sgoile a’ Bhruaich Mhòir an 1867. Chaidh iomadh sgoilear a-mach is a-steach air a cuid dhorsan mus do dhùin i an 1966. Thòisich Mairead a’ teagasg an seo an 1935. A’ chiad bhliadhna bha i teagasg, choisinn Mairead suas ri $240. Cha robh anns an t-seòmar teagaisg ach beagan ghoireasan, dealbh an rìgh is na ban-rìgh agus dà mhapa air a’ bhalla (map an t-saoghail agus map Chanada a chuir “Comann Seoclaid Neilson” a-mach) Bhiodh an sgoil a’ tòiseachadh nuair a chluinnte an clag aig naoi uairean agus a’ dùnadh aig leth uair an deidh trì; bha suas ri 22 sgoilear ann, dithis anns gach suidheachan. Seach nach robh uisge ruith a-staigh, dh’fheumadh na sgoileirean bu shine an t-uisge a tharraing bho sruthan a bha tarsainn an rathaid. Dh’fheumadh iad cuideachd obair chàich a cheartachadh, leughadh dhaibh agus an cuideachadh a’ tarraing dhealbh. Bha feasgar Di-haoine daonnan sònraichte dhan a h-uile sgoilear oir dh’fhaodadh neach sam bith aig an robh comas a bhith tarraing dhealbh.

A photograph of the Southside Boularderie sunset. The C@P Society of Cape Breton County.

Thàinig na h-earrannan seo am follais an toiseach an “Ri taobh Cladaich Bhoularderie; Dealbhan ar n-Eachdraidh” le Laurie A. Ryan cuide ri Comann Eachdraidh Eilean Bhoularderie agus chaidh a chlò-bhualadh an 2001.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 436 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map