Back To Home Page

Dàibhidh Jones—Clò-bhualadh an Seastaco

Se Daibhidh Jones am fear-deasachaidh mu dheireadh a bh’ air “Fàilte Sheastago” agus air “Fear-dìon Siorramachd InbhirNis.” An samhradh seo chaidh, thadhail a mhac Daibhidh agus a nighean Violet air Taigh Tasgaidh agus sgìre Sheastago. Bha sinn ro-thoilichte fàilte chur orra. Thug Daibhidh Jones clò so-ghiùlan a bhiodh athair a’cur gu feum anns an oifis mar iasad maireannach do’n Taigh Tasgaidh. Seo agaibh eachdraidh a’ chlò sin a rèir Daibhidh Jones. Bha togalach a’ phàipeir air Cnoc nam Frisealach, air cùl an stòir aig D. F. Mac Illeathain, eadar sin agus an taigh aig Sidney MacIlleathain agus a theaghlach.

An t-Òg-mhìos, 1990, Cuairt Litir Taigh Tasgaidh Sheastago

Seo agaibh naidheachd bheag air clò-bhualadh ann an Seastago.

Suidheachair clò, airson earrainn chlò eagrachadh. Suidheachair clò, airson earrainn chlò eagrachadh.
The Chestico Museum & Historical Society Archives; The C@P Society of Cape Breton County.

Chaidh cuid a sgrìobhadh mu dheidhinn “Fàilte Sheastago” ann am pàipeirean eile agus mar sin, cha dean mi ach iomradh goirid air rudan air a bheil cuimhn’ agam a thachair dhomh fhìn ri linn a’ ghnìomhachais sin.

Aon rud air a bheil ciad cuimhn’ agam, se bhith faicinn inneal a bha glè mhòr nam bheachd-sa agus duine àrd ga tionndadh; chuir mi eòlas air a rithist mar Aonghas Mac a’ Mhaighstir, greusaiche agus dorsair aig an Acadamaidh. Thug mi an aire gun do chnàmh Mac a’ Mhaighstir toll anns an ùrlar far am biodh e cur a chasan nuair a bhiodh e tionndadh na h-inneil. As dèidh sin, chunnaic mi obraichean eile mar suidheachadh a’ chlò, agus dh’ionnsaich mi sin tro bhith cumail sùil agus tro bheagan ionnsachaidh bho ’n fhear a bha ris; se na caileagan air an dàrna làr, taobh deas na togalaich, a bha suidheachadh a’ chlò gu lèir. Se Seoras Totten agus m’ athair a bha cur air dòigh nan duilleag, agus rachadh aig an dithis aca air clò a shuidheachadh nam b’ fheudar; se m’ athair am fear-deasachaidh, agus bhiodh esan cuideachd a’ coimhead ris an sgrùdadh uile agus ri dreach nan duilleag.

Earrainn chlò airson iomadh seòrs' obrach. Earrainn chlò airson iomadh seòrs' obrach.
The Chestico Museum & Historical Society Archives; The C@P Society of Cape Breton County.

Chaidh cuid mhath de ’n rùm a tuath shuas an staidhre a chur gu feum airson clò stèidhichte (sin na cruthan clò a bhidhte glèidheadh, an dùil an cur gu feum a rithist) Bha ann cuideachd, an clò airson liost a’ phuist, aon de na h-obraichean a bha ’n urra rium-sa an toiseach. Dh’fheumainn coimhead ri fo-sgrìobhairean ùra agus neo-bhrìghichte agus atharrachadh sheòlaidhean. Bha clò nan liosta sin air a ghlèidheadh na sheasamh air galaidhean (sin seòrsa de chlàir mheatailt); nuair a bhiodh an liost air ùrachadh, thogainn leth-bhreac de ’n chlò. An toiseach, dhubhainn e le rolair beag, chuirinn stiall phàipear air uachdar agus bhualainn seo le plocan agus cnag mhaide (plocan is lìomhadair) gus an tigeadh an clò am follais air a’ phàipear; mar sin, bhiodh stiall de bhileagan puist deiseil airson an cur air leth agus an tàthadh ri còmhdach a’ phàipear-naidheachd—ach se naidheachd eile tha sin.


An dachaigh aig Dàibhidh Jones ri taobh bùth a' chlò-bhualaidh an Seastaco. An dachaigh aig Dàibhidh Jones ri taobh bùth a' chlò-bhualaidh an Seastaco.
The Chestico Museum & Historical Society Archives.

Bha “Fàilte” air a chlò-bhualadh gach Di-ciadain. Bhiodh aon phàirt (aon taobh de ’n duilleig) deanta Di-mairt, ach se Di-ciadain an latha mòr, nuair a bhiodh an dubhadh tioram gu leòr airson a làimhseachadh; bhiodh feum air gach neach a bhiodh saor airson a bhith pasgadh sa còmhdach sa tàthadh bhileagan seòlaidh—mi-fhìn ’s mo phiuthar is neach sam bith eile b’ urrainn seo a dheanamh. Nuair a bhiodh seo uile seachad, chuirte na pàipearan ann am pocannan puist a rèir an seòladh agus bheirte iad gu oifis a’ phuist, ann an Talla nan Oddfellows aig an “oisein.” Bha Dòl Aonghas MacIllEòlain na mhaighstir-puist agus bhiodh an oifis a’ dùnadh aig còig uairean. Aig an uair sin, bhiodh Iain A. Dòmhnallach, dràibhear a’ phuist, a’ falbh leis na màilichean dhan stèisean.

A bharrachd air a’ phàipear naidheachd, bhathar ri clò-bhualadh malairt air cinn-litrichean, postairean, aithisgean, cuiridhean, cèisean, fòrmaichean is eile. Agus bha seo uile dol air adhart as aonais an dealain agus fiù ’s telefon; se euchd dhà-rìreabh tha seo a rèir an là ’n diugh, nuair a thèid gach nì cha mhòr na thàmh ma thèid casg air an dealan.

Chaidh “Fàilte” a reic ri Comann Clò-bhualaidh nan Naidheachd an Truro; a-mach bho ’n
chlò-chlàr a bh’ air a chur thuige le d’ chois agus inneal-gearraidh quilletine air obrachadh le làimh, chaidh an uidheam uile chuir a-mach, ach dh’ fhàgadh mòran de ’n chlò agus na cèisean. Fhuair m’ athair obair aig na “Naidheachdan” an Truro agus dh’fhalbh e an sin cuide ri Seoras Totten agus mo phiuthar Myfanwy (airson suidheachadh a’ chlò) Bha mise air m’ fhàgail an Seastago, agus, fhad ’s a bha m’ athair air falbh, rachadh agamsa air frithealadh do mhuinntir an àite agus chuirinn sian nach robh nam chomas gu Truro airson a dheanamh—bha seo an 1930. Cha deach le m’ athair anns an obair an Truro agus thill e gu Seastago agus chuir e gu dol gnìomhachas ann am bùth bhig tarsainn an rathaid bho ’n bhanca. Seo an t-àit anns an robh ceard-staoin aig aon àm d’ am b’ ainm Iain MacCoinnich (seanair Choinnich O’ Murchu) Chaidh na h-innealan a chur a-steach agus bha an gnìomhachas an sin fad bliadhna no dhà; as dèidh sin, chuir buidheann fhear gnìomhachais romhpa gun tòisicheadh iad air pàipear-naidheachd eile agus seo far an tàinig an clò beag a-steach.


Clò làimhe airson obraichean beaga. Clò làimhe airson obraichean beaga.
The Chestico Museum & Historical Society Archives; The C@P Society of Cape Breton County.

Bha clò siolandair gàbhaidh ùr a rèir an “Fhàilte”; se inneal gas a bha ga chur thuige. Bhiodh cuimhn’ aig Fred Reynolds air an inneal ud a bhiodh a bristeadh cho tric agus chuirte feum air Fred airson a càradh; se innleadair a bh’ unnam-sa ach cha b’ aithne dhòmhsa ach a cuir thuige agus a stad. Thàinig an clò seo agus an clò-làimhe beag a Badaig gu Seastago bho “Naidheachdan Bhictoria” a chaidh a bith; chaidh gearraidear a’ phàipeir agus an clò-chlàr coise as an seo air ais gu oifis an “Fhailte” agus thàinig “Fear-Dìon Siorramachd Inbhir Nis” am follais. Nuair a bha chiad fhear anns a’ chlò, thàinig Aonghas Mac an Tòisich (seanair Ralph Watts) a-steach agus cho luath ’s a chunnaic e leth-bhreac, thilg e sìos $1:50 no ma dh’fhaoidte $2.00 airson fo-sgrìobhadh bhliadhnail. Chuir sinn stad air a’ chlò anns a’ bhad agus chuir sinn sanas a-steach air a’ chiad duilleig gun d’ fhuaireadh a chiad fo-sgrìobhadh.

Cha do mhair an iomairt fada (an t-Ìsleachadh), bha tìmeannan cruaidh agus sguir am pàipear-naidheachd. Lean clò bhualadh a’ mhalairt agus chaidh aig m’ athair air tighinn beò air an sin. Bhiodh e ag obair dhan t-Siorramachd, dhan bhaile agus do mhuinntir gnìomhachais anns an àite. An ath rud a rinn e, se bùth a thogail dha fhèin, air fìor bheagan airgid aig toiseach na 30an. Dh’fhasdaidh e Ailig is Iagan Batherson airson bùth bheag a chur suas ri taobh na dachaigh (tarsainn an rathaid bho ’n taigh mhòr aig A.E.Leadbetter, “Talla Bhràighe.”) Bhiodh e ri gnìomhachas an sin fo ’n t-sanas “An t-aona Jones—Clò-bhualadair.” Ghabh e an t-ainm “An t-aona Jones” chionns nach robh gin eile air liosta an taghaidh aig an àm san t-Siorramachd agus ma dh’fhaoidte seach gun robh mìltean anns an t-Siorramachd far an d’rugadh e fhèin sa Chuimrigh.

Bùth clò-bhualaidh Dhàibhidh Jones an Seastaco. Bùth clò-bhualaidh Dhàibhidh Jones an Seastaco.
The Chestico Museum & Historical Society Archives.

Bhithinn ag obair cuide ri m’ athair an dràsta ’s a rithist (nuair a bhiodh obair ann) gus an do dh’ fhàg mi Seastago anns an Fhaoilleach, 1937. Lean mi ciùird a’ chlò-bhualaidh gus an do leig mi dhiom e grunn bhliadhnaichean air ais. Nuair a dh’ fhàg mise Seastago,
dh’ionnsaich m’ athair Dùghlas Dòmhnallach (an taigh-sholais) agus nuair a dh’fhàg esan Seastago agus a thuinich e am Montréal, fhuair e obair ann an ciùird cho-ionnan (a’ deanamh bhocsaichean); rinn e bheò-shlaint an seo gus an do leig e bhuaithe obair aig aois 65. (Dh’eug Dùghlas an uiridh.)

Aig an àm seo, cha robh m’ athair comasach air mòran obrach a dheanamh oir bha e call a fhradharc ach lean e ris a’ ghnìomhachas gus an do dh’eug e an 1949.


Dàibhidh Jones. Dàibhidh Jones.
The Chestico Museum & Historical Society Archives.

Nuair a dh’eug m’ athair, chuir fear de na Bràithrean Crìosdaidh brath thugam tro Dhàibhidh Mhic a’ Ghobhainn. Fhuair am manach seo ionnsachadh aig clò nam Bràithrean Crìosdaidh am Montréal agus bha e nis a’ fuireach agus ag obair ann an Cheticamp agus bha e sàs ann am Freiceadan nam Balach. Bha e deònach cuid de na balaich ionnsachadh ann an ciùird a’ chlò bhualaidh agus bha e airson cuid de ’n àirneis fhaighinn a Seastago. Aig an àm sin, chuir mi clò-làimhe beag agus rud no dhà eile dhachaigh gu Montréal. Thug mi na bha air fhàgail dhan mhanach agus chuala mi as dèidh sin gum b’ esan a shuidhich dithis dhaoin’ òga ann an iomairt ann an Cheticamp. Tha an iomairt seo a’ dol fhathast ged a tha e an urra ri feadhainn eile.

Sin mar a chrìochnaich an clò-bhualadh an Seastago, ged nach b’ e seo buileach deireadh na sgeòil. Chuir mise suas an clò làimhe beag ann an oisein de ’n t-seilear nam dhachaigh agus dh’ionnsaich mi beagan de chiùird a’ chlò-bhualaidh do ’n chloinn mun cuairt. Se dhuibh eadar-theangachadh a cuid de ’n leabhar air a bheil Montréal mar ainm; tha e ann an sreath leabhraichean air bailtean mòra an t-saoghail agus se mac nàbaidh dhomh a sgrìobh e, Frang Herbert.

Air mo làimh chlì, bha mo nàbaidh Brùn agus air mo làimh dheis, Jones. Bha Brùn na sgiobair air na Lèigeachan Mòra agus chan fhaicte e ach ainneamh, dìreach nuair a bhiodh an soitheach aige ri port. Se clò-bhualadair a bh’ ann an Jones agus bha clò-làimhe beag aige anns an t-seilear aige. Rinn clann na coimhearsnachd air fad cairtean gnìomhachais leis an seo; thug sinn tiotalan mòrail oirnn fhìn, ach mar bu trice, bha na cairtean air dhroch shuidheachadh is dhubhadh is litreachadh.

Tha mi nis air an clò beag agus rudan eile a bhuineas do ’n eachdraidh ghoirid seo a thoirt na iasad maireannach do Chomann Taigh Tasgaidh is Eachdraidh Sheastago, an dòchas gun cord an taisbeanadh ri luchd-tadhail.

Tha an naidheachd seo stèidhichte air agallamh le Dàibhidh Sidney Jones, mac Dhàibhidh Jones, a rinn Iain Mac ’IllIosa, à Comann Eachdraidh Sheastaco.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 408 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map