Back To Home Page

À Gabarus dhan Ghut, an telegraf an Ceap Bhreatainn

A photograph of the Gabarus coast.Gabarus.
The C@P Society of Cape Breton County.

Ameasg iomadh oifis telegraf an Ceap Bhreatainn tràth anns na 1900an, bha an oifis anns a’ Ghut. Thòisich seirbheis an telegraf an Albainn Nuaidh an 1849 nuair a stèidhich an Riaghaltas na ciad oifisean ann a Halafags, Truro agus Amherst. Dà bhliadhna na dhèidh seo, chaidh an t-seirbheis a reic ri Comann Telegraf Dealain na h-Albann Nuaidhe; chaidh ceangal tarsainn Caolas Chanso ann an àrd-loidhne a leasaich an t-seirbheis gu Seastago agus Sidni. Thàinig loidhneachan eile na dhèidh seo gu ruige Tìr Nodha agus as an sin tarsainn an Atlantaig gu Sasainn, agus bha iadsan air am maoineachadh le muinntir phrìmheideach. Chuir an t-Aonadh Siarach air chois oifis telegraf an Sidni a Tuath le fo-stèisean ann an iomadh coimhearsnachd an Ceap Bhreatainn. Bha a’ chuid fhèin aig rathad iarainn Shidni is Louisburg. Thàinig Ceap Bhreatainn gu bhith na mheadhain air trusadh naidheachd air feadh Amaireaga a Tuath agus anns an Roinn Eòrpa. Fad iomadh bliadhna an Gabarus, se an telegraf a bha cumanta airson conaltradh eadar chàirdean anns na Stàitean is cearnaidhean eile de Chanada.

Duilleag Morse Còd a bhiodh luchd obrach telegraf a' cleachdadh aig Stèisean Orangedale.  Duilleag Morse Còd a bhiodh luchd obrach telegraf a' cleachdadh aig Stèisean Orangedale.
The Orangedale Railway Museum.

Bha oifis an telegraf is a’ phuist anns an stòr aig Ùisdean Dòmhnallach an Gabarus. Bha an stòr aig Ùisdean bho 1870 gu suas ri 1930, agus se a bhean Flòraidh a bhiodh a’ coimhead ris an telegraf agus oifis a’ phuist. Bha an stòr aig Alasdair Dòmhnallach gu suas ri 1936 nuair a ghabh Tina, nighean Flòraidh, as làimh na bh’ ann. Eadar 1914 is 1958, se fo-stèisean a bha eadar Mira is Fourchu. Thàinig seirbheis telefon a-steach dhan sgìre mu thimchioll 1950; ach, gu ruige 1961, nuair a thòisich seirbheis telefon chunbhalach, cha robh ach aon fòn anns an àite, agus sin anns an stòr aig Tina.

Ath-chruthachadh àit-obrach neach telegraf aig Taigh-tasgaidh na Rèile an Orangedale. Ath-chruthachadh àit-obrach neach telegraf aig Taigh-tasgaidh na Rèile an Orangedale.
The Orangedale Railway Museum.

Dh’fhosgail a’ chiad oifis telegraf an Gabarus an 1903 anns an stòr aig Herbert Gunn. As dèidh sin, ghluais e gu stòr Chaptain Grannd far an robh Cairistiona, nighean Absalom is Mairead Rothach Ghrannd air a’ cheann fad còrr is 40 bliadhna. An 1947, fhuair a’ bhean phòsta Mildred “Mid” Grey obair mar thagradair ionadail airson Seirbheis Telefon is Telegraf an Riaghaltais. Aig an àm sin, bha cuid mhòr de Ghabarus as aonais seirbheis de sheòrsa sam bith. Bha ceangal telefon aig cuid ri Louisburg troimh loidhneachan an riaghaltais, ach bha cuid eile aig nach robh ach seirbheis telegraf a mhàin. Bha bean Ùisdein Dhòmhnallaich air ceann oifis telegraf an Lèig Ghabarus agus Dan Ùisdean Mac ’Ill Eathain ann am Fourchu. Thigeadh brath gu Mid ann am Morse Còd as an sin agus sgìrean eile, agus chuireadh ise am brath air adhart air fòn gu àiteachan mun cuairt mar Louisburg. An 1959, stad seirbheis an telegraf an Gabarus, agus cha robh air fhàgail ach grunnan fònaichean prìmheideach an urra ri Louisburg. Anns a’ Chèitein 1971, thòisich Comann Telegraf is Telefon Roinn na Mara ri seirbheis telefon an Gabarus le Mid mar thagradair. Bha 75 fo-sgrìobhaiche ris an t-seirbheis a bha ruighinn gu Lèig Ghabarus, Fourchu, Framboise agus Sterling. Thug Mid suas a h-obair air an 19 de ’n Dùbhlachd 1976, nuair a dh’atharraich cùisean gu siostam dial. Mar a thuirt aon neach: “Sin nuair a chaidh ar ceangal ris a’ chorr dhe ’n t-saoghal!”

Thàinig an t-earrann seo am follais ann an Tìde-mhara is Tìmean—Saoghal air Cladach Cheap Bhreatainn ann an coimhearsnachd Ghabarus, 1713-1990, air a sgrìobhadh le Mairi is Seòras Làbharaidh, 1991.


An Telegraf anns a’Ghut

Dachaigh Chloinn 'ic Ille Mhaoil aig Sruth-chlais Chanso, far an robh Mairi Nic' Ille Mhaoil ag obrachadh an telegraf. Dachaigh Chloinn 'ic Ille Mhaoil aig Sruth-chlais Chanso, far an robh Mairi Nic' Ille Mhaoil ag obrachadh an telegraf.
The Port Hastings Historical Society.

Glè choltach ri Gabarus, bha seirbheis telegraf anns a’ Ghut glè riatanach chum conaltraidh air an Eilean agus air an taobh a-muigh. A’ tòiseachadh an 1818, fad suas ri 80 bliadhna, bha conaltradh eadar tìr-mòr na h-Albann Nuaidhe agus Eilean Cheap Bhreatainn an urra ri teaghlach ’ic Mhaoilein. Thuinich Ùisdean Mac Mhaoilein le bhean is le chlann air fearann ris an abair iad Rubha ’ic Mhaoilein air seann mhapaichan agus a tha an diugh air iomall Sruth-Chlais Chanso.

Se tùsanaich a bha san teaghlach, mar a thug iad a-steach an telegraf dhan sgìre seo de Cheap Bhreatainn. Bha a’ chiad oifis telegraf anns a’ Ghut anns an taigh aig ogha is fear-ainme Ùisdein, Ùisdean Mac Mhaoilean. Ged nach eil cinnt air an dearbh àm, thathar a’ smaoineachadh gun do thòisich an obair telegraf an 1864.

An toiseach, bha càbal an telegraf eadar tìr-mòr na h-Albann Nuaidhe is Eilean Cheap Bhreatainn a’ dol tarsainn far mullach Beinn Phorcupine air tìr-mòr, seachad Caolas Chanso gu cabar mòr air cnoc os cionn a’ Chaolais. Leis cho fada is a bha cudthrom na loidhne as aonais tacsa, bhiodh e daonnan a’ tighinn a nuas agus bhiodh e air a ghlacadh ann an croinn nan soitheach.

Mairi Nic 'Ille Mhaoil agus a mac a bha le chèile ag obrachadh an telegraf anns a' Ghut. Mairi Nic 'Ille Mhaoil agus a mac a bha le chèile ag obrachadh an telegraf anns a' Ghut.
The Port Hastings Historical Society.

As dèidh sin, chaidh càbal a chuir fo uisge a’ chaolais eadar Camas Auld agus Rubha ’ic Mhaoilein. Bha tearr air a chur air a’ chàbal, calcas air a phasgadh gu teann air uachdar, agus an sin, tuilleadh tearra air uachdar a’ chalcais airson an càbal a dheanamh dìonach. Bhiodh iad a’ togail a’chàbail a h-uile bliadhna agus ga chàradh.

Bha raon-laighe a’ chàbail an urra ri Ùisdean Mac Mhaoilean. Seach gun robh oifis an telegraf anns an dachaigh, dh’ionnsaich a h-uile neach Morse Còd agus bhiodh iad ris a’ghnothach. Dh’ionnsaich a’ chlann-nighean Anna is Oighrig is an tè a thog iad, Sadie Nic Aonghais, na gillean, Dòmhnall, Iain Fionnlagh agus Aonghas Peutan Mac Mhaoilean mar a chuireadh iad na h-iuchraichean gu feum agus na dheidh sin, an t-ogha, Dùghlas MacNìll. Bha cuid aca a’ cleachdadh an sgil seo fad am beatha, leithid Aonghais B. Mac Mhaoilean a cheumnaich a Oilthaigh Naoimh Frannsaidh Xavier an 1901 agus a chaidh a dh’obair ann an oifis Rathad Iarainn Inbhir Nis is Richmond an Inbhir Nis; aig a’ cheann thall, an 1921, thug e mach inbhe teachdaire nan trean agus na dhèidh sin, maighstir an raoin.

Bha Cairistiona, piuthar Ùisdean ’ic Mhaoilean cuideachd glè eòlach air na h-iuchraichean. Chaidh a fàgail na banntraich òig an urra ri teaghlach nuair a dh’eug a cèile, am marsanta agus am fear-lagha, Iain Siosal. Nuair a chaochail e an 1880, dh’fhosgail Cairistiona oifis telegraf san dachaigh agus na dhèidh sin, taigh-òsda le 14 seòmraichean ris an abairte, Taigh Hastings.

 


Sgioba às a' Ghut a' càradh càbal an telegraf. Sgioba às a' Ghut a' càradh càbal an telegraf.
The Port Hastings Historical Society.

Mu dheireadh thall, phòs Anna a nighean Uilleam Petrie a bha na mhanaidsear stèisean iomadh bliadhna anns a’ Ghut. Cheangail Uilleam na loidhneachan ri Taigh Hastings los gum biodh cothrom conaltraidh aig Anna is Cairistiona. Na dhèidh seo, bhiodh Anna Phetrie a’ teagasg Morse Còd; theagaisg i mòran na h-oifis fhèin an Taigh Hastings air Sràid na h-Eaglais. Mar thoradh air an sin, bhiodh na h-oileanaich glè thric ag obair aice ann an oifis an riaghaltais no ann an oifisean Rathad Iarainn Nàiseanta Chanada.

Ann an agallamh an 1981 ri Kaye Friosal Snyder a rugadh anns a’ Ghut, thuirt Kaye gun toireadh tu suas ri mìos ag ionnsachadh a’ Chòd bhuaipe. An 1920, nuair a dh’ionnsaich ise a’ cheaird, se mu thimchioll $20 a bhiodh gnìomhaichear telegraf a’ faighinn sa mhìos agus dh’fheumadh tu fuireach aig an taigh a’ chuid a b’ fhearr de ’n ùine air eagal ’s gun tigeadh brath a-steach.

Dh’eug a’ bhean-phòsta Nic Mhaoilean na dachaigh anns a’ Ghut air an 31 de ’n Fhaoilleach, 1923. Dh’eug an nighean aice, a’ bhean phòsta Anna Petrie air an 2 Fhaoilleach, 1934.

Thug Yvonne Fox, Comann Eachdraidh a’ Ghut, dhuinn na h-earrannan seo a Eachdraidh an Telegraf anns a’ Ghut.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 408 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map