Back To Home Page

Gobhainn a’ Bhaile

Nuair a chaochail Ùisdean Peutan a Siudaig Bheag bho chionn ghoirid, chailleadh mòran air an robh cuimhn’ aigesan, ach tha e dà rìreabh fortanach gun deach aig Comann Eachdraidh is Taigh Tasgaidh Sheastago air clàradh fad uair gu leth a dheanamh air a chuid chuimhneachain is naidheachdan.

Bha Ùisdean Peutan, mar a bha Gobhainn a’ Bhaile aig Longfellow:-

Tha’ n gobhainn dreachmhor, làidir, treun
Le neul na slàint’ na ghruaidh;
Sa ghàirdean calma, fèitheach, mòr
Mar ghad de ’n iarann chruaidh.

Tha bhathais fliuch le fallas trom
’S e ’n geall air obair fèin;
Gun sgàth fo shùil an t-saoghail air
’S gun e ’n eismeil neach fo ’n ghrèin.

A photograph of horseshoes.Horseshoes of various sizes.
The Inverness Miners' Museum; The C@P Society of Cape Breton.

Dh’innis Ùisdean mar a bheireadh e uair an uaireadair air each a chrùidheadh, agus mar a bhiodh ochd eich san latha gu leòr do dhuine sam bith. Ach, air aon turas air an 23 de ’n Dùbhlachd, chrùidh esan ochd-deug; agus seachd-deug air feasgar Nollaig—cha deach aige air a dhol dhan eaglais an latha sin! Cha b’ e seòrsa duine bh’ ann a leigeadh le nàbannan a dhol dhachaigh air eich air an droch chrùidheadh, nuair a bhiodh na ròidean sleamhainn. Aon turas, feadh dusan latha, chrùidh e 110 agus bha e ’m barail gun do chuir e tonna chrùidhean an sàs ann am bliadhna.

Thòisich e ri obair an glasadh an latha, uaireannan ag obair gu anmoch a dh’oidhche. Bhiodh e faighinn 85 sgillin airson nan crùidhean a shuidheachadh air each agus mu thuairmse $1:60 no $1:80 airson chrùidhean ùra. A-mach as an sin, bha cosgais nan crùidhean, nan tarraingean agus a’ ghuail. Gheibheadh gobha san latha ’n diugh $35 dolair airson an dearbh obair.


Ach bha Ùisdean cho measail air obair nan each agus bha e coma ged a chuireadh e uile innleachd is neart an aghaidh each a bhiodh doirbh. Thuirt e: “Uaireannan, chunna mi mi fhìn a strì ri each fad dà uair gu leth mus faighinn a chrùidheadh.Tha mòran an lùib làimhseachadh nan each. Feumaidh tu an slìobadh is agus chan eil math dhut a bhith gealtach.”

Ach, cha b’ ann air goibhneachd a mhàin a bha Ùisdean comasach, oir is iomadh uair a thigeadh air stad an teis meadhoin crùidhidh airson falt a bhearradh do chuideigin! Nam biodh dannsa dol, bhiodh uidhir is 19 roimhe am feum air crùidheadh no air bearradh. Mar a thuirt Mairi Raghnaill, rachadh na mnathan thuige (mu thimchioll 1928) airson am falt a bhearradh agus gheibheadh iad “bearradh gàbhaidh math bho Ùisdein.”


Agallamh le Ùisdean Peutan

Balg-sèididh a bhiodh a' fadadh ceardach a' ghobhainn. Balg-sèididh a bhiodh a' fadadh ceardach a' ghobhainn.
John Beaton, Little Judique; The C@P Society of Cape Breton.

Iain; Uell, tha ceist agam a dh’iarr Dòmhnall Uilleam orm a chuir oirbh, Ùisdein Pheutain; bha e airson faighinn a-mach dè ’n àireamh bu mhotha a chrùidh sibh riamh an aon latha?

Ùisdean; 18

I; 18?

Ù; Bha mi nam èiginn. B’ fheudar dhomh a dheanamh, bha 22 na còrr aig a’ cheardaich.Rinn mi 18 agus agus 17 an ath latha agus 10 an ath latha rithist. Bha sin feasgar na Nollaig. Tha mise ’g innse dhut, cha dech mi dhan eaglais! (Gàire) Se obair mhòr a bh’ ann ach chrùidh mise 110 ann an dusan latha. Fhios agad, seach gun robh an rathad sleamhainn, chan fhaigheadh iad dhachaigh—bu bheag orm an cur air falbh.

I; Càit an robh chiad cheardach agaibh?

Ù; Shuas aig an taigh.

I; Shuas air Rathad nam Peutanach?

Ù; Seadh, Rathad nam Peutanach, an t-seann dachaigh.

I; Agus dè cho fad ’s a bha a’ cheardach agaibh an sin mus do ghluais sibh siòs gu Siudaig Bheag?

Ù; Mu 6 no 7 bliadhna. Se bùth shaoirsneachd a bh’ agam an toiseach, a’ deanamh bhannan agus sleighean fiodha. Agus thog mi teallach agus theann mi ri obair iarainn, a’ còmhdach nan slèighe…agus an uair sin, thòisich na h-eich ri tighinn. Uell, bha mi crùidheadh fada mus tàinig mi dhan “oisean.” Agus bhiodh treallaich agam, fhios agad, seann chrùidhean is taidhrichean is eile. Bha coig tonna agam aig an t-seann àite. Reic mi an smodal a bha mi cruinneachadh. Agus an 1930, ghluais mi siòs dhan “oisean”, anns an Òg-mhìos.


Neach-amhairc; Cuin a thòisich sibh?

Ù; An 1930, chaidh mi sìos agus thug mi sia bliadhna mus d’fhuair mi coir orra.

N; An d’ fhuair sibh riamh droch bhreab?

Ù; Aon uair. Fhuair mi breab san uchd agus leag aon fhear mi. Bha mi air an làr agus agus bha na breaban a’ dol thairis air mo cheann. Chaidh a’ phìob a thilgeil as mo bheul. Bha breab àrd aice cuideachd—nan robh i air mo bhreabadh bha i air an ceann a chur dhiom.

I; Agus dè rinn sibh air an each nuair a thilgeadh a’ phìob as ur beul?

Ù; Bha cas na piocaid agam, agus dh’èirich mi air agus thug mi dhà i an cùl a chinn. Uell, chaidh e sìos na bholla agus suas gun tàinig e. Dh’fhiach thusa ri mo mhort agus mortaidh mis’ thusa. Fhios agad, dh’ionnsaich sid dhan each ud gun chas a thogail bho ’n làr gu bràth tuilleadh.

N; Cha do thog e sin?

Ù; Cha do thog. Se each glas a bh’ ann. Bheil cuimhn’ agaibh air Iain Peutan?

N; Tha cuimhn’ agam air.

Ù; Mach leis a’ phìob agus bhuail i shuas anns an oisean. Abair cunnart. Ach, taing dhan Àigh, fhuair mise air adhart math leis na h-eich. Bha mi riamh laghach riutha, fhios agad. Sin an t-aon each dhan tug mi riamh buille chruaidh agus dh’fhiach mi ri mharbhadh. Theab e mo mharbhadh agus thuirt mise, bidh thus’ agam-sa an toiseach.


Na h-innealan ciùirde a bhiodh riatanach. Na h-innealan ciùirde a bhiodh riatanach.
The Inverness Miners' Museum; The C@P Society of Cape Breton.

I; Dè rinn sibh a Dhonnchaidh leis an each a….

Ù; O, chrùidh mi i.

Donnchadh; Cheannaich Aonghas Uisdein R. Peutan i as dèidh sin. Ach bha i socair nuair a bha e ga crùidheadh. Ràinig i shìos aig àite Frang Tracey. Theich i oirnn. Cha robh oirre ach aon chrudh agus mach a ghabh i.

Ù; O, bha droch fheadhainn agam; chrùidh mi fear agus bha ròp agam air, fhios agad. Uell, rinn e na b’ urrainn dhà, leag mi e trì no ceithir a thursan. An sin, chuir e cheann eadar a chasan a’ bagairt air car-a-mhuiltean. Cha b’ urrainn dhà faighinn às, bha Seòras Gould còmhla rium. Nam biodh esan glic,cha bhiodh e cuide rium.

N; Bha feadhainn dhoirbh aig Calum Shanndaidh cuideachd?

Ù; Dubh.

N; Seadh, seadh.

Ù; Thog mi stocan mu dheireadh thall; bu chòir dhomh bhith air an togail deich bliadhna roimhe sin, ach cha do thog.

I; Dè tha stocan a’ ciallachadh? Chan eil fhios agamsa.

Ù; Cuiridh tu an t-each a-steach. Trì puist mhòra agus cabar a’ dol tarsainn. An sin, cuiridh tu cabar air a chùl agus cha tèid aige air a dhol air ais no air adhart. Mar sin, thèid ròp a cheangal ri chois deiridh a-steach tro ’n phost agus thèid a chas a thogail suas.

N; Cha b’ urrainn dhà gluasad?


Ù; Cha b’ urrainn. Chunnaic mis iad a’ cluich, sa leum agus a’ spìonadh le slàbhraidh air an druim agus laigheadh iad sìos agus chuirinn an t-slàbhraidh fodhpa, bhiodh iad eadar dhà shlàbhraidh. Ach, cha chuireadh iad dragh sam bith orm. Bha mi cho measail air an obair, a’ strì ri each. Chunnaic mise mi fhìn a’ strì ri each fad dà uair gu leth mus d’ fhuair mi chrùidheadh.

N; An tug thu ’n aire an robh iad na b’ fhearr air an dara crùidheadh?

Ù; O bha, bha.

N; Cuid a bhiodh sgianach. Bhiodh iad ag gabhail boile.

Ù; Tha mòran an lùib làimhseachaidh nan each, ged tha. Feumaidh tu bhith laghach riutha. Feumaidh tu am peatadh, bruidhinn laghach riutha. Agus chan eil math dhut a bhith gealtach romhpa, sin an rud as miosa air an t-saoghal. Gabh suas gu each, dìreach suas thuige agus bidh fios aige an uair sin nach eil eagal agad roimhe.

I; Tha iongnadh ormsa mun cheathrar nach do chrùidh sibh. Thuirt sibh gun robh 22 each ann anns a’ mhadainn agus nach do chrùidh sibh ach 18.

Ù; 18—Uell, dh’fheumadh an ceathrar eile snàgail dhachaigh air dhòigh air choireigin. Seadh, ach bha 16 no 17 ann an ath mhadainn.

N; An ath latha.

Ù; Uell, thuirt mi, tha iad uile air an crùidheadh, suas mu dheich uairean agus cha robh aon each anns an trannsaidh. Thàinig deich ann an uair gu leth. Sin agad feasgar Nollaig. Mar sin, rinn mi iad, no chan fhaigheadh iad dhan eaglais mura deanainn sin; bha i sleamhainn—o, dìreach deigh uile.


Ceann tuaighe a rinn gobhann. Ceann tuaighe a rinn gobhann.
The Inverness Miners' Museum; The C@P Society of Cape Breton.

Mildred; Dè bha e cosg an uair sin airson each a chrùidheadh?

Ù; Uell, bha e ro shaor. Crùidhean a chuir air dòigh, an suidheachadh agus an corcadh, mu thuairmse 85 sgillin.

M; 85 sgillin airson gach cas no airson nan ceithir? 85 sgillin uile gu lèir?

Ù; Agus dolair is trì fichead sgillin airson feadhainn ùra, àireamh 2.

N; Sin nuair a thòisich sibh?

Ù; Na bliadhnaichean toisich? Seadh, a’ chosgais uile, cosgais nan crùidhean, nan tàirnean agus an gual air an son uile. Gheibheadh tu $35 an diugh.

N; Bhiodh na crùidhean an lùib sin, dh’fheumadh sibh pàigheadh airson nan crùidhean?

Ù; O, dh’fheumadh.

N; Agus cha bhiodh mòran air fhàgail dhuib’ pèin?

Ù; Cha bhitheadh.

N; Sin an dòigh air fàs beairteach!

Ù; Cha d’fhuair mise riamh cus airgid.


N; Nach cosgadh an crùidheadh sin $50 an diugh?

Ù; Gheibheadh tu $35 cò dhiùbh. Cha chreid mi gun tèid agad air na crùidhean a cheannach an diugh air….Chuir mise tonna chrùidhean na còrr an sàs aon bhliadhna. Chuir mi dh’iarraidh 22 baraille. Sin 100 anns gach baraille agus chuir mi uile gu feum iad ach dà bharaille. Aig 250 punnd anns gach baraille. Ha! Bha mi tàirngneadh fad 24 bliadhna aig an àm sin.

N; An t-òrd a bh’ agaibh?

Ù; Dh’fhàs e beag. B’ abhaist dha bhith na bu truime agus na bu motha air fad. Bha uidhir gearraidh is snìomh air a chùl. Se òrd sgoinneil a bh’ ann.

M; An aon fhear?

Ù; Seadh, bha e agam fad 24 bliadhna. Agus cha robh fear eile ri fhaighinn a bhiodh…bha uidhir stàilinn ann, fhios agad.’S ann air na ladhair a bha e, o, bha mòran eòlais air a chùl.

N; Càit an d’ fhuair sibh na crùidhean? Cò bhuaithe dh’òrdanaich sibh iad?

Ù; Bha mi gam faighinn gu beagnaich bho Simmons ann a Halafags agus bho Donabhan ann an Amherst. Bha uamhas stuth aig Donabhan. Ma dh’fhaoidte gum bithinn a’ faighinn luach $1500 sa bhliadhna. Bha tòrr an sin san àm, bha stàilinn cho saor.

N; Tha mi cinnteach gum biodh trioblaid agaibh uaireannan a’ faighinn deagh ghual?

Ù; O, bhitheadh, an gual a b’ fhearr, chuir mi gu feum iad uile. A h-uile fear, eadhoin gual Inbhir Nis, gual Sassanach, se gual mèinnean Mhàbu a b’ fhearr. Agus gual Sheastago an uair sin.

N; Carson a bhiodh aon ghual na b’ fhearr na fear eile—an ann a thaobh barrachd teis?

Ù; Uell, se an seòrsa gual a th’ ann, an gual rangaichte, chan eil pronnastan ann. Agus cha robh na copar. Cha ghabh tàthadh ceart le pronnastan is copar. Thèid agad air, aiseil nan cart sa h-uile sian ach taidhrean troma.


Iain Peutan a' sealltainn tollair-làimhe à ceàrdach àthar. Iain Peutan a' sealltainn tollair-làimhe à ceàrdach àthar.
John Beaton, Little Judique; The C@P Society of Cape Breton.

I; Am biodh fear cuideachaidh agaibh sa cheàrdaich?

Ù; Uell, bha fear agam mu dheireadh thall. A’ toirt dheth nan crùidhean, cha b’ urrainn dha an cur air. Dìreach gan tarraing dheth. Na trì no ceithir bliadhna mu dheireadh, bha mi ragachadh agus a fàs na bu shine.

N; Mar bu trice, dè cho fad ’s a bheireadh e dhuibh deagh each a dheagh chrùidheadh?

Ù; Uell, each san uair, bhiodh deagh obair an sin. 8 eich san latha, tha dhìol aig duine sam bith leis an sin, bu choir dhà stad an uair sin.

N; Dè cho tràth ’sa thòisicheadh sibh?

Ù; O, cho luath’s a ghlasadh an latha……….

N; Bha sibh glè fhortanach, Ùisdein, nach do bhreab each riamh sibh.

Ù; Bha mi uamhasach fortanach.

N; Bha.

Ù; Cha tugadh am mionach asam agus fèithean eadar mo chasan. Dh’fheumadh tu bhith clis nuair a bhiodh, nuair a bhitheadh grèim agad air cois an eich, dè bha fainear dhà, dè ni e an uair sin.Fairichidh tu sin. Tha sgian ann, fairichidh tu sin a dol troimhe—tha ’n t-àm a leigeil às.


N; An robh fear agaibh riamh a b’ fheudar dhuibh leigeil leis?

Ù; Cha robh aon. Cha ghèillinn idir.

N; B’ àbhaist dhuibh a bhi ri taidhrichean cuideachd?

Ù; Bhithinn a ceangal nan gadan sin, taidhrichean rubair. Tha teud a’ dol tromhpa agus bha umha ann, chan fhaiceadh tu an t-umha anns an toinneamh. B’ àbhaist dhòmhsa am faighinn agus an toirt a-mach agus an cur an sàs. An ceangal an sàs. Bha na uierichean air an cumail leis an uidheam seo agus ghearradh tu iad an uair sin agus cheangladh tu còmhla iad.

N; Sin na taidhrichean rubair.

Ù; Na taidhrichean rubair.

N; Bhiodh sibh a’ cur stàilinn an sàs cuideachd?

Ù; O, bhitheadh.

N; Cuin, dè bhliadhna, cuin a thòisich iad ag cur taidhrichean rubair gu feum?

Ù; O, Thì, mu 15, no 20— 15 bliadhna cò dhiùbh. An obair is cudthromaiche an lùib nan taidhrichean rubair, se bhith cur air na claise a tha fo ’n taidheir. Thigeadh iad nan gadan agus dh’fheumadh tu an tàthadh. Agus tha ceap ann am pìob na claise—dh’fheumadh tu bhith cinnteach gum biodh e an aon mheudachd ris a’ chuibhil, cha b’ urrainn dhut a dheanamh na b’ fhaide no na bu ghiorra. Dh’fheumadh fios a bhith agad air mar a ghearradh tu e agus an sin, thàthadh tu e, tha 3 taobhannan ann, mus faigheadh tu na taobhannan a thàthadh ris. Tha seo gu math mionaideach. Agus dh’fheumadh an taidhear a bhith air a’ chliathaich cuideachd. Cha b’ urrainn dhut a dheanamh na b’ fhaide no na bu ghiorra. O, rugadh mise 35 bliadhna ro thràth, cò dhiùbh. Tha an tàthadh cho mionaideach. Mura dean thu tàthadh math, tha e cheart cho math dhut do chasan a thoirt leat.


Fàisgeadair a lùbas meatailt airson chuibhlean chartach. Fàisgeadair a lùbas meatailt airson chuibhlean chartach.
John Beaton, Little Judique; The C@P Society of Cape Breton.

N; Mar sin, nuair a thòisich sibh air crùidheadh, leig sibh bhuaibh obair nan sleighe cha mhòr buileach?

Ù; Uell, bha mi cho trang is nach b’ urrainn domh. Bhithinn a’ togail chairtean ùra. Thog mi ochd cairtean beaga. Cairtean siubhail, pheant mi iad is chuir mi cluasagan unnta sa h-uile sian.

I; Am biodh sibh a’ crùidheadh each an Seastago nuair a dh’fhosgail an cùrs’ odaidh an toiseach an seo?

Ù; O, bhiodh.

I; An robh diofar ann, no gu dè an diofar bu mhotha bh’ ann eadar each rèise is each obrach a chrùidheadh?

Ù; O, uell, dh’fheumadh iad a bhith cho grinn. Agus dh’fheumadh iad a bhith air an socrachadh san dòigh cheart, na h-eich rèise. Mura bi e air a shocrachadh ceart, sin an rud is cudthromaiche, an crubh a shocrachadh. Bidh cuid de dh’eich a’ bualadh an glùinean. Bidh cuid eile bualadh tarsainn. Agus nuair a ni iad seo, glacaidh iad a’ chas eile leis a’ chois deiridh. Chunnaic mise each a choisich air falbh bho ’n cheardaich agus ghearr e e fhèin.

M; Am biodh an crudh na b’ aotraime na càch?

Ù; Uell, cuid aca, dh’fheumadh e bhith na bu truime air aon taobh agus aotrom air an taobh eile. Agus glè thric, dh’fheumadh tu leathar a chur fòdhpa airson an socrachadh, airson a’ chrubh a chumail còmhnard.

N; Gu dè an suidheachadh bu mhotha a chuireadh sibh gu feum, nach e àireamh 8 a bhiodh ann? Crudh a h-ochd.

Ù; 4 no 5 unnsa. B’ àbhaist dhomh a bhith crùidheadh airson an Dotair an Inbhir Nis, na bh’ aige chrùidheadh ri dheanamh. Bha mi crùidheadh dhà an latha reic e an t-each. Sin an t-each an latha sin a bha e rèiseadh agus chaill e.


M; Am biodh sibh a’ crùidheadh eich throma san àm sin, mar Percherons?

Ù; O, bhiodh, bhiodh.

M; Agus am biodh Clydes agaibh?

Ù; O, bhitheadh, mòran dhiubh. Bha na siaraich sin dona, uamhasach. Bha iad dìreach as an rian, leumadh iad ort. Bha mi bruidhinn ri fear a Saskatchewan far am biodh iad a’ ròpadh nan each sin. Bha mi ag innse dhà gum bithinn gan crùidheadh. “Uell, tha thu cho gòrach ris na h-eòin,” thuirt e. “Cha rachainn faisg air fear dhiubh air son Dia.” Agus bha e ceart.

N; Se eich rainnse bhiodh unnta, ma dh’fhaoidte.

Ù; Se, se, eich rainnse, gan glacadh air a’ mhachaire. Gam faighinn airson coig dolair ma dh’fhaoidte. Thilgeadh iad an uair sin iad air càr agus chuirte sìos an seo iad. Ma dh’fhaoidte gun iarradh iad $200 air fear. Thuirt e gun robh mi ceart nuair a bha iad a’ glacadh agus a’ ròpadh nan each sin.

N; Dè cho fada ’s a bha sibh a’ crùidheadh, Ùisdein?

Ù; 35 bliadhna.

N; Bha sibh ris 35 bliadhna?

Ù; Seadh, bha mi ris cunbhalach. Bha mi dol a dheanamh feur no arbhar. 35 bliadhna gun dealachadh ris an innein.


Inneal airson rubair a chur air cuibhlean chartach. Inneal airson rubair a chur air cuibhlean chartach.
John Beaton, Little Judique; The C@P Society of Cape Breton.

N; An tug sibh an aire gun tàinig atharrachadh anns an stoc is a leithid sin?

Ù; O, nuair a thàinig na Siaraich sin a-steach, chuir iad às dha na h-eich.

N; B’ aithne dhòmhsa fear no dhà an Siorrachd Inbhir Nis bho chionn fhada aig an robh na h-eich a b’ fhearr san dùthaich.

Ù; Bha, bha sin aca.

N; Bhiodh iad gan cur dha na Stàitean as an seo.

Ù; Bhiodh gu dearbh.

N; Bliadhnaichean mòra air ais.

Ù; Bhiodh iad gan toirt bho ’n Taobh Siar. Bha obair cha mhòr aig a h-uile duine. Mura biodh obair aige, bhiodh gealladh aige na rudaigin.

N; An siarach sin a bh’ agamsa. B’ fhiach ise ceannach. Ach carson a bhiodh a’ chuing air uidhir dhiubh, no carson a bhiodh a’ chuing orra nuair a thigeadh iad an seo?

Ù; Cha robh iad cleachdte ris an t-sìde.

I; Dè an dàrna rud a thuirt sibh—mura biodh a’ chuing orra, bhiodh iad a’ crupadh?

Ù; Bhiodh an crubh aca a’ crupadh air talamh tioram. Cha deach am bearradh riamh na sian, agus an àite sgaoileadh, bhiodh iad a’ crupadh.


I; A bheil mòran de ’n ionga ann, far am bi an tarraing a’ dol?

Ù; Chan eil mòran ann, dad a bharrachd air cairteal a dh’òirlich.

I; An do chuir sibh riamh an tarraing san….

Ù; O, cha do chuir, bha mi riamh faiceallach.

I; Am biodh an t-each cuagach?

Ù; O, Dhia.

I; Gu bràth?

Ù; Bhiodh, bhiodh e buailteach a mhilleadh ma thèid e dhan bheò agus gum faigh salchar a-steach ann.

N; Obair dhuilich agus obair chruaidh, chruaidh.

Ù; Bha e math nam bu toil leat e, ged tha.

N; Nuair a ruigeadh tu a’ cheàrdach, bhiodh sia eich romhad.

Ù; Uaireannan bhiodh 22 romhad.

N; An do rinn seo cron air ur druim uair sam bith?

Ù; Cha robh druim goirt riamh orm. Cha mhòr nach d’ rachadh agam air a bhith cròm fad an fheasgair ri linn a bhith crùidheadh. Thug Dotair sùil air mo dhruim, an Dotair Mac Ghill Eòlain agus thuirt esan; “Abair thusa druim.” Uell, thuirt e, cò dhiùbh bha seo math no dona, chan eil fhios agamsa. “Abair druim.” O, thig fèithean unnad, sin uile. O, se ciùird mhath a th’ ann; duine sam bith a ghabhas crùidheadh cabhagach, nì iad airgiod mòr an diugh. Ach bheir an t-ionnsachadh ùine.


Iain Peutan a' sealltainn mar a chuirear inneal a' uier gu feum. Iain Peutan a' sealltainn mar a chuirear inneal a' uier gu feum.
John Beaton, Little Judique; The C@P Society of Cape Breton.

N; Càit am bi iad ag ionnsachadh an diugh, a bheil mòran àiteachan ann airson ciùird nach eil cumanta?

Ù; Chan eil idir.

N; Tha sgoiltean aca, nach eil?

Ù; Tha gu dearbh.

I; Tha mi smaoineachadh gu bheil iad a’ teagasg seo aig Colaisd’ an Àiteachais a nis.

Ù; Feumaidh tu dhol a-mach agus an obair a dheanamh. An uair sin, ma’s aithne dhut a dheanamh, bheir thu mòran as na leabhraichean, a bhalaich. Thug mise gu leòr as na leabhraichean.

I; Ciamar a thog sibh a’ chiùird an toiseach?

Ù; Thòisich mi leam fhìn, agus bha deagh chuid de dh’eòlas agam, fhios agad.

I; An robh sibh cuide ri gobhainn?

Ù; Cha robh, cha robh.

I; Cha robh sibh riamh ag obair ann an ceardaich?

Ù; Cha robh, cha robh, cha robh mi riamh ag obair ann an tè. Dh’fhoghlaim mise san dòigh bu duilghe, air mo mhànran fhìn. An dòigh is fhearr air an t-saoghal chum ionnsachaidh. O, Dhia, tàthadh. Sin bu duilghe bha mi ris. Crudh a thàthadh agus a bhiorachadh anns an teas. Agus mura biodh i air a tàthadh, cha mhaireadh i, dh’fheumadh i bhith air a deagh thàthadh.

I; An robh teine riamh agaibh? Ag obair le teine anns a’ cheardaich fad na h-ùine, an deach an togalach riamh na teine no faisg air?

Ù; Cha deach, cha deach. Ghabh mullach na ceardaich. Bha am mullach a’ fàs sean. Chuir sin an t-eagal orm agus riab mi nuas e.


N; Am biodh sibh a’ deanamh chisteachan-laighe,Ùisdein?

Ù; Bhiodh.

N; Ciamar a chaidh sibh an lùib sin?

Ù; O, cuide ri m’ athair. Rinn mi coig ann an aona seachdain. Bha cabhag an sin, chaochail dithis bhràithrean. Thug iad aon fhear dhan uaigh agus chuir iad am fear eile anns a’ chistidh. Bràithrean Dhòl Aonghais Sheumais Mhòir, an dithis aca. Sin nuair a bha flu mòr mun cuairt.

I; Bhiodh sin mu 1918, 1919 no gu dè?

Ù; Tha mi creidsinn gum b’ e 1919 a bhiodh ann. Cha robh mi ach glè òg. Agus bho ’n uair sin, dh’ionnsaich m’ athair dhomh mar a chuirinn an sàbh orra nuair a bhithinn fhìn gan deanamh. Cha robh mi ach mu 15 bliadhna. Bheil fhios agad gun cuala mi fhìn….a bheil thu creidsinn ann am manaidhean?

N; Tha.

Ù; Chuala mise mi fhìn is m’ athair a cur an anairt air a’ chistidh.

I; A’ cur dè air a’ chistidh?

Ù; An t-anart. Fhios agad, bhiomaid gan deanamh ann an taigh a-muigh agus bhiodh e cho fuar ris an diabhal. Tha mi cinnteach gum biodh e 22 fo neoni. Cha b’ urrainn dhut an t-anart a chur air, bha i cho fuar agus chuir mise anns a’ chidsin e. Nuair a dh’fhàs i dorcha, chuir mi chiste a-staigh. Beagan oidhcheannan roimhe sin, chaidh mi dhan leabaidh agus chluinninn iad, na tarraingean beaga—fhios agad, an dòigh anns an cluinneadh tu iad. Agus dh’èigh mi air càch agus dh’fhaighnich mi dhaibh an robh iad uile anns an leabaidh. Bha e dìreach shìos gu h-ìseal agus chluinninn brag, brag. An ceann seachdainn no mar sin, chuir mise còmhdach air cistidh anns a’ chidsin, chuala mi sin a cheart cho soilleir.

I; Cò a dh’eug, an robh sibh eòlach orra?

Ù; Chan eil cuimhn’ agam; tha mi ’n dùil gum b ’e màthair Dhòl Steafain a bh’ ann.

N; An e sin Dòmhnall?

Ù; Cho fad ’s cuimhneach leam. Tha fiosam gun do chòmhdaich mis’ a’ chiste. Rinn mi 17 no 18 ciste.


A photograph of a blacksmith's fire.Highland Village Museum/An Clachan Gàidhealach;
The C@P Society of Cape Breton County.

N; Dè bhiodh agaibh airson nan cisteachan a ghearradh a-mach aig an àm sin?

Ù; Cha robh pàtran ann.

I; Bhiodh iad air an ruigheadh air bòrd an toiseach, mus biodh a’ chiste deante?

Ù; Bhiodh, bhiodh iad air an ruigheadh air bòrd.

I; Cha bhiodh cisteachan agaibh air an deanamh mar….

Ù; Cha bhiodh, dh’fheumadh tu a’ chiste a dheanamh a rèir a’ chuirp.

I; Am b’ e sin an aon mhanadh?

Ù; Se sin an aon mhanadh a chuala mise. Ach chuala mis’ am fuaim sin dìreach mar sin. Agus cha robh fiosam dè bh’ ann gus an tug mi a’ chiste a-staigh gus a còmhdach.

I; Agus dè bhiodh e, dè chosgadh e a thaobh nan cisteachan, am faigheadh tu tè na bu shaoire bho…..

Ù; Cha robh, cha robh sinne faighinn dad às. (Lasganaich) Cha b’ urrainn da bhith dad na bu shaoire na sin!


N; Sin an t-seann dòigh, a’ chiste a dheanamh.

Ù; Se coibhneas a bh’ ann. Rinn mise 17 no 18. An tè mu dheireadh a rinn mi anns a’ bhùth, chaidh mi sìos an staidhre, fhios agad, agus bha ’chiste shuas an staidhre. Chaidh mi sìos air tòir rudaigin agus nuair a thill mi, bha fear na laighe anns a’ chistidh. (Lasganaich)

N; Dè cho fad ’s a bheireadh sibh air ciste dheanamh aon uair ’s gun tòisicheadh sibh?

Ù; O, dheanadh tu ciste ann an leth latha, ma dh’fhaoidte barrachd. Seadh, bhiodh toimhsean agad, 1000, 1200.

N; Tha mi cinnteach gum biodh dreach tomhais agaibh airson sin?

Ù; O, cha bhiodh. Cha bhiodh agam ach riaghailt airson nan guailnean, fhios agad. Tha riaghailt ann airson gearradh a’ bhùird, fhios agad.

I; Rachadh sibh chun an taighe agus dheanadh sibh tomhas air…?

Ù; Dheanainn tomhas air a’ chorp.

N; An cuireadh e dragh oirbh a bhi mun cuairt air a’ chorp?

Ù; Cha chuireadh idir. An uair sin, thàinig iad air mo thòir airson factaraidh a chur air bhonn ann am Baile Chlamhain. O, bha ’n dealan aca shuas an sin. Airson chisteachan laighe a dheanamh aig àite Ùisdein Dhòmhnallaich. An Dòmhnallach, se duine math a bh’ ann. Bha e airson gun d’ rachainn suas an sin agus factaraidh a chur a’ dol. Bha mise cho trang a’ crùidheadh each.

N; An tàinig oirbh riamh stad an teis meadhain crùidheadh agus bearradh cinn a thoirt air cuideigin?

Ù; ’S iomadh turas sin!

N; Dè thachradh an uair sin?

Ù; Gu h-àraid nam biodh dannsa dol, bhiodh na mnathan pailt. Tha mi smaoineachadh gun robh 19 ann aon latha. A’ crùidheadh each (agus thigeadh na mnathan a thaobh an gruaige) B’ àbhaist dhaibh an gruag a dheanamh, fhios agad.

M; Na mnathan cuideachd?

Ù; O seadh, bha na mnathan as dèidh an fhasain.

M; Bhiodh sin mu thimchioll 1928, ’26, no rudaigin mar sin.

Ù; Tha mi cinnteach gura th’ ann, seadh.


A photograph of a blacksmith's forge.Highland Village Museum/An Clachan Gàidhealach;
The C@P Society of Cape Breton County.

I; Bha mi bruidhinn ri Mairi Raghnaill bho chionn latha no dhà; bha fios aice gun robh sinn a’ tighinn agus dh’innis i dhomh gun deach i aon latha a bhearradh a cinn agus gun do stad sibh an teis meadhain crùidheadh agus gun do ghearr sibh a gruag.

Ù; O, ghearr.

I; Thuirt i gun dug sibh bearradh gàbhaidh math dhith!

Ù; Uell, cha robh neach ann airson bearradh cinn.

M; Càit an deanadh sibh am bearradh, anns a’ cheàrdaich?

Ù; ’S ann.

M; Dìreach an sin?

Ù; Nan tigeadh iad dhan cheàrdaich, bhearrainn an sin iad, ach sin far am biodh iad a’ dol mar bu trice.

Thàinig an t-agallamh seo am follais an toiseach ann an Cuairt-litir Taigh Tasgaidh is Comann Eachdraidh Sheastago agus is iadsan a thug dhuinn i. Se Iain MacGhill Ìos’ a bha cur am barrachd cheistean, ach bha buill eile de ’n Chomann Eachdraidh cuideachd a’ ceasnachadh Ùisdein Pheutain. Rinneadh an t-agallamh sa gheamhradh 1980. Se Debi Nic Nìll a sgriobh an t-agallamh sìos agus gheibhear na briathran air fad bho Thaigh Tasgaidh is Comann Eachdraidh Sheastago.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 464 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map