Bàtaichean Sgìre Mhain-à-Dieu.
Mike Targett
Tha eachdraidh nam bàtaichean an sgìre Mhain-à-Dieu mar a tha eachdraidh an cuid iasgair, làn brìgh de gach seòrsa. Mu mheadhain an linn, bha freumhachas is eaconamaidh is cultar na sgìre seo ag ùrachadh, oir bhathar a’ deisealachadh airson gach atharrachadh a bha teann orra a thaobh teicneòlais an iasgaich: aig an dearbh àm, bha buidheann de shaoir-bhàta a’ cosnadh cliù do ’n sgìre, air an socair fhèin, ri linn seann chiùird: a’ togail bhàtaichean fiodha. Daibhidh Forgeron, Dòmhnall Dùghlach, Gerald Gallant agus Iain Hall—tha an aon bhuaidh is urram aig ainm nan iasgair agus nan saor sin ann an sgìrean iasgaich Cheap Bhreatainn agus a bhiodh aig sàr-dhealbhadairean an Ath-Nuadhachaidh.
Nuair a bhiodh saor a’ togail soithich, bhiodh a’mhòr-chuid de’n obair an urra ris fhèin ann an taigh-geòla beag air chùl an àit’ aige, mar bu trice: dh’fheumadh e cuideachadh bho aon fhear eile cò dhiùbh airson fiodh a thrusadh agus na dèileachan fhuaigheal. Bhiodh saor a’ cruthachadh soithich a-mach a fiodh ùr cò-ionnan ri ealain an fhir-chiùil a’ deilbh phuingean sgaoilte ann an siansadh. As a’ bhothan seo, ma dh’fhaoidte gun cuireadh gach saor ri chèile bàta no dhà gach dàrnacha bliadhna, uidhir ri ceud soitheach feadh a bheatha! Mar a b’ fhaisge bhiodh àm an iasgaich a’ teannadh, ged tha, agus obair an t-saoir a’ tighinn gu crìch, bhiodh e fhèin agus an soitheach, mean air mhean, a’ deanamh air an fhairge.
Cha robh san t-saothair anabarrach seo ach cuid de dhìleab gach fear, bha rithist ealantas is cùram na h-obrach ann, mar gun canadh tu, “ceaird na ciùirde.” An diugh, ged a ròghnaicheas iad fiberglass a thaobh dian-mhaireannachd, bhiodh iasgairean leòmach a bhith sgeadachadh an seòmraichean-suidhe le obair-làimhe fiodha mar seo. Ged a bha leasachadh ciùirde a’ ciallachadh gum biodh gach soitheach eadar-dhealaichte bho ’n tè mu dheireadh, dh’aithnicheadh gach iasgair air a’ chidhe le buille dha shùil cò thog gach bàta.
Ceaird na ciùirde
Bidh saor-bhàta a’ tòiseachadh sa chiad àite le plana na cheann, agus as dèidh sin, nì e dealbh nas mionaidiche, air neo bidh e snaidheadh dealbhag fhiodha. Nuair a bhios na planaichean air dòigh, taghaidh an saor fiodh cruaidh (mapal,mar is trice) airson na droma, se sin an deile air am bi an t-slige suidhichte, dìreach cnàimh droma an t-soithich; airson an fhiacail (far am bi a’ ghualainn a’ coinneachadh ris an drùim) agus airson a’ chlaiginn deiridh. Bidh e gan cumadh sin, gam babhtadh ri chèile ann am freàm, agus cuiridh e bior giuthais troimh ’n splaidhse airson an t-uisge chumail gun drùidheadh a-steach dhan bhàta. Cuirear molltair an sàs a bheir cumadh air an t-soitheach agus thèid seo a thoirt air falbh nuair a bhios i air a clàradh.
Thèid smùid a chur gu feum cuimseach tric airson nan sailthean a thaiseachadh chum’s gun gabh iad lùbadh is cumadh. Thèid sailthean leathainn giuthais ùr-shàbhte a ghearradh, a chumadh agus a thairngeadh ris na bùird dharaich. Thèid am molltair a thoirt air falbh agus thèid daingneachadh an sàs airson am bàta a neartachadh. Thèid na clàir a lìomhadh, theid an tàth a chalcadh le stuth coltach ri cotan agus thèid epoxy an uair sin a chur san tàth os cionn sin, airson am bòrd a dheanamh a dh’aon phìos. Nithear an t-ùrlar agus an talan as dèidh sin.
Bàtaichean iasgaich an Acarsaid Mhain-a-Dieu, na 1960an.
The Main-à-Dieu Coastal Discovery Centre.
An sin, taigh na cuibhle no an taigh-adhairt. Se rud ùr tha seo, cho beag ri clòsaid air aon làimh no uidhir ri blaigh seòmair air an làimh eile. Aig aon àm, b’ àbhaist bàtaichean a bhith sraointe, fosgailte as aonais dìon no fasgadh bho ’n ghaoith. Bho chionn fhada, cha bhiodh aig iasgair ach stòbh beag air bòrd airson e fhèin a bhlàthachadh agus airson cupa math tì theth, còmhla ri bonnach arain air a spliacadh le mealaiseas làidir. “Rud sìmplidh a-mhàin,” thuirt seann iasgair.
An dèidh am bàta a sgrùdadh sa peantadh agus a suidheachadh chum sàbhaltachd, cuirear ainm oirre. Faodaidh seo a bhith domhainn no dìomhain, mar is trice, a’ deanamh tarraing air an sgìre, an t-iasg a bhithear a glacadh, no an abairt iasgaich is fhearr leis an sgiobair fhèin. Bidh cuid mhòr a’ toirt ainmean an teaghlaich oirre; mic is nigheanan is mnathan—cò b’rith cò fear is fhasa cluich leis! Tha seo uile a’ dearbhadh gu bheil cultar an iasgaich agus am meas a th’ aig an iasgair air, le chèile dol cho domhainn anns an duine sa tha iad na eachdraidh. An rud neo-oifigeil mu dheireadh a dh’fheumar a dheanamh, se sin fois a ghabhail is saorsainn agus ùine chur seachad cuide ri càirdean is ri teaghlach. Nuair a thigeadh an t-earrach, mar thoradh air saothair an fhir a thog i, bhiodh soitheach ùr air an fhairge; agus bhiodh an saor fhèin na cois, an dèidh crìoch a chur air tèile.
Bho ’n bhùth-obrach chun an uisge
Tha turas an t-soithich bho ’n bhùth-obrach chun an uisge ag gabhail a-steach ceumannan dùthchais is deas-ghnàth a tha cheart cho cudthromach ris na ceumannan sin a bheir as a’ choille i cun na bùtha sa chiad àite. An diugh, thèid am bàta thogail air truc mhòr agus bheirear sìos chun a’ chladaich i airson a cur air bhog. Ach, bho chionn fhada, rachadh iasgairean dhan choille mun cuairt airson logaichean a bhiodh mòr gu leòr airson seasamh ri truimead an t-soithich; chuireadh iad còmhdach grìs air na logaichean agus bhiodh iad nan rolairean aca, a’ cumail air thoiseach air an t-soitheach leotha fad an rathaid chun an uisge. Aig aon àm, bha giseag aca a bha bacadh soitheach a chur air bhog air Di-haoine. [Seo feadhainn eile: na abair am facal “muc” air bòrd; na toir am bàta tuathal (an aghaidh na grèine); na cleachd stocainnean dubh air bòrd; na cuir soitheach air bhog ach an comhair a cùil.] An diugh, ma thig an truc air Di-haoine, theid an soitheach anns an uisge air Di-haoine.
Cha mhòr nach deach bàtaichean fiodha as an t-sealladh buileach, sa chiad àite, fo chòmhdach fiberglass, oir bhiodh iasgairean a’ cur còmhdach de ’n stuth ùr a bha seo air uachdar na slige chum a neartachadh; na dhèidh sin, chaidh iad gu lèir a-mach a fasan a thaobh an stuth fhìor-mhaireannach a thàinig nan àite. Ann an dòigh, se mac-samhail nam bàtaichean fiodha bh’ anns na ciad bhàtaichean fiberglass, oir bhathar gan cur gu feum mar mholltair air an son. Ged a gheibhear grunn bhàtaichean fiodha air an uisge fhathast, tha a’ mhòr-chuid de bhàtaichean iasgaich an diugh air an togail leis an stuth seo a tha dà rìreabh ùr agus maireannach. “Bidh e ann nuair nach bidh sinne ann,” their na h-iasgairean.
Thàinig an aiste seo am follais an toiseach ann am “Bàtaichean Sgìre Mhain-à- Dieu” a chaidh fhoillseachadh an 2008 le Comann Leasachaidh Coimhearsnachd Mhain-à-Dieu. Bàtaichean Sgìre Mhain-à-Dieu; Eachdraidh Ioma-Mheadhan lèir-chlaistinneach le còrr is ceud dealbh; tha an naidheachd air fad ri leantainn air-loidhne aig: coastaldiscoverycentre.ca
© 2008 Main-à-Dieu Community Development Association
Download a PDF version of this story. [file size = 408 KB]
© C@P Society of Cape Breton County, 2009

