Back To Home Page

Àireachas am Rankinville

Flosaidh agus Eòs van den Hoogen.
Flosaidh agus Eòs van den Hoogen.
© J. van den Hoogen.

Tha Eòs agus a bhean Flosaidh a’ fuireach am Baile Mhic Raing air rathad cumhang greabhail, taobh a-muigh baile beag Mhàbu. Se luchd-imrich a thàinig a Albainn a thuinich an seo an toiseach; chaidh an cur a-mach a thaobh nam Fuadaichean agus chaidh an tàladh gu Ceap Bhreatainn le tabhann air fearann saor. Ròghnaich mòran Màbu oir bha e faisg air bàgh far am faodadh bàtaichean seòladh suas dhan “Laimrig” a leigeil dheth lòdan agus luchd-aiseig. Tha an dachaigh aig Eòs suidhichte dìreach os cionn na laimrig seo. Se prìomh àite tuineachaidh a bh’ aig na Dùitsich dhìcheallach air na cnuic stuadhach, thorrach seo far an robh iomadh baile-fearainn fàs.

Se duine mòr, càirdeil a th’ ann an Eòs van den Hoogen, fear a tha treun ri linn saothair chorparra. Chan eil blas a chainnte a’ leigeil ris gun do chuir e seachad 12 bliadhna san t-seann dùthaich. Rugadh e an 1944, bliadhna mus do sguir an Cogadh, agus mar sin, chan eil cuimhn’ aige air an t-sabaid; ach tha cuimhn’ aige gun do dh’innis athair dha mar a chuir an teaghlach am beatha fhèin an cunnart a’ cumail shaighdeirean Canàdianach am falach anns an t-sabhal aca, gan saoradh bho na Gearmailtich. Tha càirdeas sònraichte eadar na Dùitsich agus na Canàdianich seach gur iadsan a shaor an Òlaind bho na Gearmailtich aig deireadh a’ Chogaidh.

Cha robh Eòs van den Hoogen ach 11 bliadhna dh’aois nuair a chaidh aon duine deug de theaghlach air bòrd am Maasdam air an 22 là de ’n Mhàrt, 1956 agus a sheòl iad tarsainn an Atlantaig ghairbh gu Albainn Nuaidh. Bha an cianalas orra a’ fàgail mòran chàirdean is charaidean san Òlaind, ach bha iad a’ sireadh saoghal na b’ fhearr an Canada. Cha do rinneadh cus millidh idir air a’ bhaile far an robh iadsan a’ fuireach aig àm a’Chogaidh, ach rinneadh sgrios eagallach air feadh na dùthcha gu lèir. Bha teaghlach Eòis airson cus-sluaigh agus cion-obrach a sheachnadh agus bha droch amharas aca air rùintean is cumhachd an Ruis.

Bha Canada a’ tabhann fearann àitich saor mar bhrosnachadh do thuathanaich, agus mar sin, reic an teaghlach an dachaigh agus chuir iad ri chèile na bhuineadh dhaibh. Cha b’ urrainn daibh mòran airgid a thoirt leotha ach chaidh aca air rudan a cheannach agus an cur gu ruige Chanada. Tha cuimhne thlachdmhor aig Eòs air an turas, oir bha am biadh math agus bha an sgioba coibhneil. Nuair a bha cò-latha breith aige air bòrd, rinn còcaire an t-soithich cèic dhà. Ach bha a mhàthair tinn le droch thinneas-mara fad na 11 latha a mhair an turas.


Bho 'n làimh chlì: Frangag, piuthar na mnà phòsta van den Hoogen, Tònaidh, Anna van den Hoogen. Thogadh an dealbh goirid mus deach iad air bòrd am Maasdam.
Bho 'n làimh chlì: Frangag, piuthar na mnà phòsta van den Hoogen, Tònaidh, Anna van den Hoogen. Thogadh an dealbh goirid mus deach iad air bòrd am Maasdam.
© J. van den Hoogen.

Ràinig am Maasdam Halafags air a’ chiad latha de ’n Ghiblean, 1956. Chaidh an teaghlach tro’ Inimrich ann a Halafags agus ghabh iad an trèin gu Baile Chlamhain an ath latha. Seo far an d’ fhuair iad a’ chiad sealladh air Canada, air an trèan. Cha b’ urrainn daibh a chreidsinn na bh’ ann de chraobhan is de chreagan is de dh’àiteachan fàsail. Agus abair sneachd! Bha 4 troighean a dh’ àird ann, eadhoin anns a’ Ghiblean. Tha Eòs a’ coimeas an t-sìde san Òlaind ri sìde Cholumbia Bhreatannach. Chuir e iongnadh air an luchd-imrich ùir cho goirid sa bha àm fàis.

Bha iad air a bhith sgrìobhadh gu an cò-oghaichean, clann van Zutphen, mus do ghluais iad, agus choinnich iadsan riutha am Baile Chlamhain. A dh’aindeoin fionnarachd a’ Ghiblein, sìos a ghabh iad air Slighe 19 fad 45 mìle, le naoinear neach sgìth air an dinneadh ann an cùl truc leth-tonna van Zutphen; dh’fhuirich iad comhla ri clann van Zutphen fad choig sheachdainean gus an deach iad air a’ bhaile aca fhèin am Màbu an Iar-dheas.

Se saoghal doirbh a bh’ aig muinntir van den Hoogen an toiseach, oir cha robh Beurla aca. Cha b’ urrainn daibh fiù is bileagan bìdh a leughadh. Anns an Òlaind, leis na bh’ ann de shluagh, cha robh iad riamh fada bho àite sam bith anns am feumadh iad a dhol, ach an Canada, bha iad fada bho choimhearsnaich, bhùithean, sgoil agus eaglais. Bha mucan agus iseanan aca dar a thòisich iad air àiteach le cuota bainne. Cha robh uisge ruith air a’ bhail’ ùr agus cha robh seòmar ionnlaid aca an taobh a-stigh, rud a bha iad cleachdte ris san Òlaind. Dh’fheumadh iad uisge a thaomadh le pump làimhe a-muigh agus a ghiùlain air astar dhaib’ fhèin agus dha na beathaichean. Bhiodh an t-uisge daonnan reòite sa gheamhradh.

Goirid as dèidh dhaibh a dhol air a’ bhaile-fearainn, thuit bràthair Eòis far cùl truc a bha siubhal agus chaidh a dhroch ghoirteachadh. Bha e fada anns an ospadal ann a Halafags agus is iomadh turas a chaidh a phàrantan a choimhead air an sin. Bliadhnaichean na dhèidh sin, thug am bràthair seo a-mach a bhith na theicneolaiche anns an ospadal ann a Halafags.


An taigh aig Anna Schayk, màthair Eòis, anns an Òlaind. 
An taigh aig Anna Schayk, màthair Eòis, anns an Òlaind.
© J. van den Hoogen.

Chaidh Eòs gu sgoil bhig ann am Màbu an Iar-dheas far an robh clann bho ’n chiad bhliadhna gu ìre 8. Cha robh busaichean sgoile ann, agus mar sin, bhiodh e fhèin agus a theaghlach a’ coiseachd dhan sgoil gach latha. An ceann ùine, phòs Eòs agus Flosaidh agus thog iad teaghlach dhaib’ fhèin.

Ghabh Eòs agus a bhràthair as làimh am baile-fearainn am Màbu an Iar-dheas agus bha iad le chèile ga obrachadh fad naoi bliadhna gus an do cheannaich Eòs àite ann am Baile Mhic Raing. Tha Eòs an dòchas gun gabh a mhac-san seo as làimh nuair a leigeas e fhèin bhuaith’ e. Tha Eòs an dràsta a’ togail taigh ùr aig ceann na h-ùdraid, oir tha an seann taigh corr is ceud bliadhna dh’aois.

Chaidh Eòs is Flosaidh air ais dhan Òlaind bho chionn naoi bliadhna agus thadhail e air cladh cogaidh an sin a thug buaidh mhòr air. Chunnaic e mìltean chlachan uaghach airson Chanàdianich òga eadar 17 agus 30 bliadhna; daoin’ òga a chaill am beatha a’ saoradh na h-Òlaind. Dh’fhairich e gun robh dàimh thiamhaidh eadar an dà dhùthaich aige.

Bha e doirbh dha am baile far am b’ àbhaist dhà bhith fuireach aithneachadh gus an do ràinig e an seann taigh. Se an dearbh thaigh cloiche a bh’ ann le mullach sgliat air; ach bha uidhir ùr-thogail air tachairt as dèidh a’ Chogaidh is gun robh togalaichean ùra air a dhol an àite nan seann fheadhainn air an robh esan eòlach. Nuair a chaidh fhaighneachd dha am bu toigh leis tilleadh dhan Òlaind, fhreagair e: “Se Canada mo dhùthaich-sa. Is toigh leam an rèileach.”


Àireachas am Màbu: Agallamh le Eòs van den Hoogen

Ciad dachaigh muinntir van den Hoogen am Màbu an Iar Dheas
Ciad dachaigh muinntir van den Hoogen am Màbu an Iar Dheas
© J. van den Hoogen.

Eòs: Thàinig mo theaghlach a nall an 1956; ràinig sinn Halafags air a’ chiad latha de ’n Ghiblean. Chaidh bràthair mo mhàthar an urras oirnn; roimhe seo, bha clann van Zutphen a’ fuireach shìos an seo aig an Iar-dheas. Sin far a deach sinn agus dh’fhalbh m’ athair a shireadh baile-fearainn. Se bhuil a bh’ ann gun do cheannaich sinn baile shìos aig an Iar-dheas, bail’ Iagain Ailig Dhòl Mhòir a bh’ ac air; bha esan ga leigeil bhuaithe agus cheannaich sinne e. Bha mu thimchioll 20 beathach air, bha cuota bainne leis agus bhiomaid a’ cur air falbh 15 cana bainne san t-seachdain, tha seansa.

Rèitich sinn talamh an sin agus chuir sinn ris, agus mu dheireadh thall, cheannaich sinn fuaradair na bu mhotha; ma tha mi ceart, tha mi smaoineachadh gun gabhadh e 18 cana bainne, agus se poile bha sin san àm. Se fuaradair cloiche a bh’ann far am biodh am bainne dol san uisge agus bha inneal air a dh’fhuaraicheadh an t-uisge.

Se flagais a bh’ againn, cha bhiomaid a’ cartadh na h-innearach idir ach dìreach a cur còmhdach sadach-sàibh air. Tha mi faicinn gu bheil iad a’ tilleadh thuige sin a nis—chun na flagais, far am bi na mairt air uachdar na h-innearach. Bidh na leapannan air uachdar sin. Se bàthach fhuasgailte bh’ ann; cha robh na mairt ceangailte. Bhiomaid a’ bleoghain ann an seann sabhal nuair a thàinig sinn an seo; bhiodh an crodh ceangailt ann am buabail no bèilichean no ge b’ rith dè chanadh iad riutha san àm agus bhiomaid a’ bleoghain le làimh.

Sin far an do thòisich sinn; bhiodh na mairt air am bleoghain le làimh. Bhiodh a h-uile duine staigh a’ bleoghain mhart, a h-uile duine dhan teaghlach cha mhòr a’ bleoghain grunn. Thog sinn sabhal ùr, chan eil cuimhn’ am dè bhliadhna, ach se sabhal fuasgailte bh’ ann far am biodh an crodh air an fhlagais agus bha seòmar bleoghainn againn an sin. Tha mi smaoineachadh gun gabhadh e ceithir mairt, aon as dèidh a chèile. Bha na mairt shuas air sorchan; se seòmair bleoghainn a th’againn orra a nis.


Muinntir van den Hoogen mus do dh'fhàg iad airson Canada; se Eòs is fhaide chun an làimh dheis.

Muinntir van den Hoogen mus do dh'fhàg iad airson Canada; se Eòs is fhaide chun an làimh dheis.
© J. van den Hoogen.

Chan fheumadh tu cromadh, roimhe sin, se stòl is bucaid a bhiodh agad. An sin, fhuair sinn innealan bleoghainn agus bha sinn a sìor fhàs gus an deach sinn leis an amar an 1970 no ’71. Chuir sinn cùl ris na canaichean agus ghabh sinn ris an amar agus se adhartas mòr a bh’ ann. Cha leigeadh tu leas a dhol dhan stann tuilleadh, na canaichean a thoirt dhan stann gach darnacha latha. An uair sin, dh’fheumadh tu dhol air ais agus an fheadhainn fhalamh a lìonadh a rithist. Nuair a thàinig an t-amar a-mach an toiseach, cha mhòr a bha toilichte leis; bha iad an dùil nach d’rachadh aig na trucaichean mòra dhol a-steach anns na gàrraidhean. Ach, cha b’ fhada gus an robh a h-uile duine riaraichte gun do ghabh iad ris.

As dèidh sin, bhiomaid a’ deanamh silage ann an clais; bhiodh tu ga stampadh sìos le tractar agus bheireadh tu dhan chrodh e, an dèidh a thoirt às le luchdadair-toisich.
Bhiodh roinn de dh’fheur againn cuideachd. Tha mi cinnteach gun robh cuid mhath feòir againn ga dheanamh. Cha bhiodh tu cho mòr an urra ris an t-sìde nuair a bhiodh tu deanamh silage. Uell, dh’fheumte 15,000 bèile feòir a dheanamh nuair a bha sinn ris an fheur, agus bha sin doirbh—bhiomaid ris an fheur fad an t-samhraidh cha mhòr.

Agus dh’fheumadh an t-sìde bhith freagarrach. Mar sin, bha silage gu math feumail aig an àm; ach, dh’fheumadh e bhith leth-thioram, cha b’ urrainn dhut a chur a-steach bog fliuch. Dh’fheumadh e bhith cho tioram ri ma dh’fhaoidte 50, 55 no 60 sa cheud de thaisead, bhiodh rud mar sin air leth math. Rinn seo cùisean na b’ fhasa, nach eil fhios.

An sin, nuair a bha m’ athair fhathast ri tuathanachas, ghabh mi fhìn is mo bhràthair Herman as làimh am baile. Leig m’ athair bhuaithe an gnothach agus chaidh e gu Antaigeanais. Thog sinn dà thùr silo, an fheadhainn dhìreach, agus tha mi cinnteach gun robh sinn a’ bleoghainn 65 mart aig an àm agus a’ cur air falbh eadar 25 is 3000 liotair bainne. Bha sinn ri silage agus roinn de dh’fheur. Bha sinn còmhla ri tuathanas fad 25 no 26 bliadhna.


Dachaigh muinntir van den Hoogen san Òlaind, nuair a thog iad orra gu Canada.
Dachaigh muinntir van den Hoogen san Òlaind, nuair a thog iad orra gu Canada.
© J. van den Hoogen.

An sin, bha mic agamsa agus bha mic aig Herman, agus bha seorsa de dh’ùidh aca san obair; agus chuir mi romham gum falbhainn agus mach a ghabh mi air mo mhànran fhèin agus cheannaich mi am baile fàs seo. Chaidh àiteach a bhliadhna roimhe seo, ach cha robh duine air nuair a cheannaich mis’ e. Mar sin, cha robh am fearann tuilleadh is dona ach cha robh sabhal air. Thog mise sabhal ann. Cha robh mòran bainne againn an toiseach, tha mi smaoineachadh gun robh sinn a’ bleoghainn mu fhichead mart. A nis, tha sinn suas gu 35 mart. Cheannaich sinn cuota mean air mhean agus chuir sinn ris an àite agus rèitich sinn roinn fearainn.

Tha sinn ag àiteach mu thimchioll 125 acair an seo agus tha suas ri 65 san dròbh againn, eadar mairt agus laoigh—mu 65, tha seansa; agus tha sin suas ri dà acair, dà acair gu leth, dà acair gach mart.

Calum: Ciamar a bhiodh an obair agaibh ag atharrachadh feadh nan ràithean?

Eòs: As t-earrach, bidh todhar ri sgaoileadh. Innear ri chur a-mach, feansaichean ri ’n càradh agus silage ri dheanamh—bidh sinn a’ tòiseachadh air an sin mu ’n dàrna seachdain san Òg-mhìos. Ma gheibh sinn deagh shìde, bheir sinn suas ri seachdain a’ deanamh silage, ao-coltach ris na seann làithean dar a bhiodh tu ris fad an t-samhraidh; a nis, leis na goireasan a th’ agad, tha an gnothach mòran nas fhasa. Bidh dithis dhaoine againn an seo as t-samhradh. Bidh mo mhac an seo gar cuideachadh. Mar sin, chan eil uidhir saothair chorporra ann, se mòran dràibhidh a th’ ann le tractar.

Calum: Dar a thig an samhradh, am bi a’ bhleoghainn aig a h-àird?

Eòs: Feumar bainne chumail ris an àireachas fad na bliadhna. Chan ann mar seo a bha an gnothach aon uair, dar a bhiodh barrachd bainne ann as t-samhradh. Bidh beagan a bharrachd agad, ach chan eil atharrachadh idir ann, oir bidh sinn a’ cur suas an aon uidhir fodair sa bhios sinn a’ fàs as t-samhradh. Cha mhòr an aon uidhir.

Am baile fearainn aig Eòs am Baile Mhic Raing.
Am baile fearainn aig Eòs am Baile Mhic Raing.
© J. van den Hoogen.

[Sa gheamhradh, bidh an crodh uile a-staigh; tha sabhal fuasgailt’ againn le ùrlar tharsannain agus seòmar bleoghain ri thaobh. Tha cumadh V air stuadh a’ mhullaich agus mar sin tha an sabhal air àileachadh gu nadarra.Thig an t-àile a-steach bho ’n taobh agus thèid e mach tro’ thrì no ceithir similear sa mhullach agus bidh sin a’ cumail àile an t-sabhail glan. Tha an t-innear glèidhte shìos gu h-ìseal, fo ’n chrodh. Thèid a thaomadh a-mach as t-earrach le pump dhan inneal innearach agus an sin, thèid a sgaoileadh air na pàircean.

Bidh an crodh a’ cumail an t-sabhail blàth. Bidh sinn a’ fiachainn ri chumail aig 10 no 15 puing sa gheamhradh; mairidh e mar sin glè mhath. As t-fhoghar, feumaidh tu tuilleadh inneir a chur a-mach agus ma dh’fhaoidte beagan treabhaidh a dheanamh.

Beirear na laoigh fad na bliadhna agus cumaidh sin am bainne cunbhalach. Rugadh dà laogh dhuinn, fear an dè is fear eile an diugh. Bidh an crodh a’ breith fad na bliadhna, cha bhi thu gam brideachadh uile aig an aon àm—cuid ma seach.

Calum: Am bi sibh-se coimhead riutha aig àm breith, no am feum sibh fìor-eòlaiche thoirt a-steach?

Eòs: Cha bhi feum againn air lèigh-bheathach ro thric. Bidh sinn a’ fiachainn ri cosgais mar sin a chumail sìos. Rug an dà mhart sin leotha fhèin. Bidh mise cumail sùil orra, a’ deanamh cinnteach gum bi gach nì ceart gu leòr. Ach ma bhios feum air lèigh-bheathach, cuirear fios air.

Nuair a thèid mart a dhàir, thèid a brideachadh. An uair sin, naoi mìosan torrachais. Bidh sinn gan leigeil seasg aig 7 mìosan airson fois a ghabhail fad dà mhìos. Cho luath ’s a bheireas iad, tòisichidh tu air bleoghain.

Seonag, Tònaidh, Uilleam, Frang agus Nealaidh, dìreach mus tàinig iad gu Canada.
Seonag, Tònaidh, Uilleam, Frang agus Nealaidh, dìreach mus tàinig iad gu Canada.
© J. van den Hoogen.

Calum: Dè mu dheidhinn bheathaichean eile, an do dh’fhiach sibh riamh mucan no sian mar sin?

Eòs: Bha mucan is cearcan againn nuair a thàinig sinn a nall an toiseach. Chan eil fhios-am cò mheud a bh’ againn. Lion sinn suas seann sabhal a bh’ againn le cearcan, ach sguir sinn dheth sin mu dheireadh thall agus cha robh againn ach àireachas. Àireachas a-mhàin. Bha sinn ris an sin fad deich bliadhna, tha seansa, agus an uair sin, fhuair sinn cùidhteas nam mucan is nan cearcan uile gu lèir. Chuir sinn barrachd sùim anns an àireachas.

Chan eil mi buileach cinnteach carson a leig sinn bhuainn na mucan is na cearcan, ach cha do mhair iad ro fhada cò dhiùbh. A dh’innse na fìrinn is ann mar sin a thòisich a’ mhòr chuid de na tuathanaich a thàinig a nall, le roinn de mhucan is chearcan, ach chaidh iad uile gu lèir ris an àireachas. Tha fios-am gun robh mucan is cearcan aig clann van Zutphen, bha iad againne, agus aig Heukshorst shuas air a’ Ridse. Tha mi smaoineachadh gun robh iad aig A. J. Peutan an Seastago. Sin mar a thòisich iad uile.

Calum: Dè cho fada ’sa tha dùil agaibh a bhith ri tuathanachas?

Eòs: Tha mi ’n dòchas gun e seo a’ bhliadhna mu dheireadh agam, bidh mo mhac ga ghabhail as làimh. Thèid aig aon duine air am baile seo a chumail a’ dol. Tha 30 cileagram cuota an seo, saill ime a chanas iad ris. Mar sin, san àbhaist, bheir aon mhart dhut aon chileagram saill ime, tha seansa.

Tha sinne aig an ìre sin dìreach an dràsta, Uell, 30 cileagram, sin 30 no 35 mart no rudaigin mar sin. Tha roinn de chrodh òg agus laoigh againn.


Anna agus Uilleam van den Hoogen, pàrantan Eòis, ann am Màbu an Iar Dheas.
Anna agus Uilleam van den Hoogen, pàrantan Eòis, ann am Màbu an Iar Dheas. , 1957.
© J. van den Hoogen.

Calum: A bheil stòiridh sam bith agaibh air mar a bha cùisean bho chionn fhada taca ris an là ’n diugh?

Eòs: Bha trioblaid mhòr againn le cion uisge nuair a thòisich sinn ri àiteach an toiseach, cha robh uisg’ ann. Sa gheamhradh, dh’fheumamaid uisge tharraing le tractar no toboggan bho phòn nan coimhearsnach. Bha gainnead uisg’ air an àite sin gus an d’ fhuair sinn tobar. Chladhaich sinn tobar, agus nach e uisge cruaidh a bh’ ann. Fhuair sinn tobar eile an uair sin, chan eil cuimhn’ am dè bhliadhna bh’ ann. Ach bha fear sin mìle gu leth air falbh. Chaidh a h-uile duine shìos an sin air an tobar, na coimhearsnaich air fad. Tha mi cinnteach gun robh deichnear air an tobar sin, mar sin, bha torr uisg’ ann.Tha iad air fhathast. Nuair a thàinig sinn an seo, cha mhòr gun robh sgath uisg’ ann gus an do chladhaich sinn tobar. Tha tobar againn dìreach an sin agus tha e cur fairis fad na h-ùine a nis. Mòran uisge an seo agus fìor uisge cuideachd. Tha fuarain pailt an seo agus tha deagh uisge mun cuairt.

Bliadhnaichean air ais, dh’fheumamaid na bha bhainne anns na canaichean a ghiùlain air toboggan no rudaigin, agus a thoirt chun an stann. Cha bhiodh na h-ùdraidean air am fosgladh aig an àm sin. Bhiodh tu dol chun an stann agus chuireadh tu air an truc iad agus ma dh’ fhaoidte uaireannan air latha fuar gum faigheadh tu air ais iad agus iad uile reòite. O, se rud mòr a bh’ ann nuair a thòisich truc an àireachais ri tighinn cò dhiùbh, chaomhainn sin iomadh dòrainn.

Chaidh an t-earrann seo a thoirt bho agallamh a rinn Calum Ryan cuide ri Eòs van den Hoogen na dhachaigh fhèin sa Ghearran 2009; tha Calum na bhall de bhuidheann pròiseact Obair tro Thìm.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 428 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map