Back To Home Page

Iasgach nan Easgann an Eskasoni cuide ri Baraidh Bernard

Lèig Bhras d' Òr as t-samhradh.
Lèig Bhras d' Òr as t-samhradh.
The C@P Society of Cape Breton.

Baraidh Bernard: A’ chiad turas a chaidh mise dh’ iasgach, chaidh mi cuide ri mo sheanair. Se samhradh a bh’ ann, abair anns an Òg-mhios no anns an Iuchar. Dh’iarr e orm am bàta fhaighinn deiseil. Bha fios aige feadh na h-oidhche gum biodh an t-sìde ciùin, nach biodh soirbheas ann.

Bha ’m bàta deiseil agam, thuirt e beagan bidh a chur air dòigh. Dh’fhuirich sinn gus an do dhorchnaich i. Bha an t-uisge cho ciùin, coltach ri glainne shoilleir. Se lampa gas a bh’ againn airson iasgach nan easgann.

Chaidh sinn timchioll am Bras d’ Òr, taobh cladach Hogamagh. Bha 6 no 7 a throighean uisge ann, agus chitheadh tu na h-easgannan nan laighe ris a’ ghrunnd. Chanainn gun tug e beagan mhionaidean dha-san easgann no dhà a ghlacadh. Dh’iarr e ormsa fhiachainn agus tha mi smaoineachadh gun do rinn mi mu dheich oidhirpean mus do ghlac mi mo chiad easgann!

Tha dòigh air, tha alt air. Cuimse agus eòlas na h-uarach. Tha sin glè chudthromach ann an glacadh nan easgann. Sin mo chiad thuras ag iasgach easgann.

An dàrna turas, sann as t-samhradh a bh’ ann, an dearbh shamhradh, mu shia uairean sa mhadainn. Se dòigh eile iasgaich th’ ann, oir bhiomaid air bhog, bhiodh an t-uisge gu math ciùin. Nuair a bhiomaid air bhog, chitheamaid na h-easgannan, bhiodh trì-chairteal de ’n chorp aca na sheasamh suas dìreach, coltach ri mileanaich.


Innealan iasgaich nan easgann.
Innealan iasgaich nan easgann.
The C@P Society of Cape Breton.

Thuirt mi ri mo sheanair: “Carson a tha iad nan seasamh? Carson nach eil iad nan sìneadh?” Thuirt esan: “Tha iad a’ feitheamh air creich.”

Tràth sa mhadainn, chitheadh tu na h-easgannan nan seasamh suas coltach ri mileanaich. Dh’fheumadh tu foighidinn a bhith agad. Liùgeadh tu orra bho ’n chùl, am brod deiseil agad; se dà phìos maide a bha sa bhrod agus aon ghad stàilinn na mheadhain. Bhiodh fosgladh suas ri dà òirleach gu leth agad ann an gad stàilinn a bhiodh glè bhiorach. Nuair a bhuaileas tu an easgann, tilgidh tu am brod air an talamh, agus leigidh tu leis an easgann a dhol na cuartaig mun ghad no mu ’n mhaide. An uair sin, bheir thu air ais dhan bhàt i, ach ma bhios tu robh chabhagach, tuitidh i air ais dheth, agus mar sin, leig leatha a dhol na cuartaig air a’ mhaide.

Feumaidh tu sùil a thoirt air dualchas nam Mi’kmaq. Bidh iasgach nan easgann no iasgach sam bith no sealg, bidh sin a’ tighinn bho do shìnnsir no bho d’ athair. Bha modhannan iasgaich air an toirt seachad bho mo sheanair gu m’ athair agus thugam fhèin, agus tha mise nis gan toirt dha na gillean agam fhìn. Tha mi ’n dòchas gun lean mo mhac ris an dualchas—ga thoirt dha mhic fhèin agus mar sin air adhart. Se dùthchas Mi’kmaq a th’ ann, a’ sealltainn dhut mar a thig thu beò, a’ cleachdadh dhòighean is innealan chum iasg is fèidh is moose is moighich a ghlacadh. Tha h-uile sian an crochadh air de ’n t-àm dhe ’n ràithe th’ ann.

Calum: Dar a bha sibh-se a’ fàs, ciamar a bha na h-innealan ag atharrachadh?

Baraidh: An diugh, tha brodan aca a dh’fhaodas tu cheannach air EBay! Bidh iad ri mòran dàibhidh agus bidh iad a’ cleachdadh brod airson iasgach a’ bhradain. Nuair a bha mise fàs suas ann a Hogamagh, bhiodh ribe moighich againn airson a’ bhradain. Chuireadh tu ribe air ceann a’ bhroid, nuair a chi thu bradan, bidh thu dìreach air do shocair a’ fiachainn ri chur mu cheann. An sin, tarraingidh tu suas e, a’ cumail greim air an ribe agus tilgidh tu am maide agus an ribe suas air a’ bhruaich. Uaireannan, bhiomaid a’ dàibheadh—a’ cleachdadh maide biorach no brod, ge b ’rith dè rachadh agad air a dheanamh aig an àm. Ma thollas tu am bradan, aon uair is gun dean thu sin, fàgaidh tu am maide ann agus gheibh e bàs mu dheireadh thall. Sin aon dòigh, an dara cuid le boiteig, no dubhan no le loidhne dhubhain.

Mar a bha ùine dol seachad, thug mi an aire dhan teicneòlas eadar-dhealaichte a tha tighinn a-mach—thèid agad air gabhail ris an t-saoghal sin. Thèid agad air glacadh nas luaithe, agus tha dòighean glacaidh nas luaithe na bha iad roimhe. Dòighean nas fhearr. Mar a bhios tìm ag atharrachadh, bidh thu fhèin ag atharrachadh leis.


A' coiseachd chun a Bhras d' Òr.
A' coiseachd chun a Bhras d' Òr.
The C@P Society of Cape Breton.

Tha mise nis a’ toirt an aire do ghainnead nan easgann. Dar a bha mise fàs suas, bha mòran easgannan ann. Bha e cumanta teaghlach fhaicinn ag ithe dìnnear easgannan, no eanaraich easgann. An diugh, cha bhi ach beagan a’ cumail ris an dualchas far an rachadh iad a dh’iasgach easgann agus bhiodh fèisd thraidiseanta aca. An diugh, se ailgheas a th’ann, tha seansa.

Mar tha cùisean ag atharrachadh, tha sinn a’ cur barrachd salchair ann an Lèigean Bhras d’ Òr. Tha galair ann a nis a tha bualadh air na h-easgannan sa Bhras d’ Òr. Se baoiteag a th’ ann a bhios a dol dhan bholg aca gus nach urrainn daibh dàibheadh airson bidh. Thug mi fa-near nach robh uidhir ann is a b’ àbhaist. Chan eil fhios-am an e cus iasgaich no cus salchair is coireach do ’n ghainnead—ach thug mi ’n aire nach eil e cho furasda a nis is a b’ àbhaist dha bhith. Chan eil iad pailt mar a b’ àbhaist.

Chan eil sinne ag àiteach easgannan an Ceap Bhreatainn. Tha sinn an dùil gum bi iad ann gu bràth, ach cha chreid mi gum bi. Feumaidh sinn coimhead ri dòighean air fàs nan easgann agus an toirt air ais gu margaid.

Bha an t-easgann dhuinne na meadhain leigheis cuideachd. Dar a bha mise fàs suas, nam biodh tu tinn, dheanadh mo sheanmhair eanaraich easgainn, agus chuireadh an sùgh sin nad chadal thu. Aig Dia tha fios dè th’ anns an easgainn, ach bhiodh iad ga cur gu feum mar seòrsa ioc-shlàint.


A' deanamh toll ann an deigh thiugh le tuagh.
A' deanamh toll ann an deigh thiugh le tuagh.
The C@P Society of Cape Breton.

Calum: Am bi sibh ag ithe easgannan tric?

Baraidh: An turas mu dheireadh a dh’ith mi easgannan, b’ ann bho chionn chealla-deug. Bidh mi ’g ithe easgannan tric, cho tric ’s as urrainn dhomh. Bidh mi fhìn gan glacadh, bidh mi ri mòran iasgaich. Bidh mi ag iasgach le slait airson spòirs. Bidh mi ceangal mo mhaghar fhìn. Bidh mi toirt na cloinne a dh’iasgach le slait no dh’iasgach nan easgann. Ge b’ rith dè ’n t-iasgach a bhios sinn ris, bidh sinn uile ris mar theaghlach oir is toigh leis na gillean agam an t-iasgach agus se rud a th’ ann nach fhaigh iad anns na sgoiltean.

Thug mise leam mo mhac a dh’iasgach agus thuirt mi ris: “Ma ghlacas sinn sian, ithidh sinn e.” Ghlac sinn breac no dhà, bhruich sinn iad air teine fosgailte agus bha ar dìnnear againn. Dhaibhsan, se rud a th’ ann nach fhaighear anns an sgoiltean. Se dòigh foghlaim a th’ ann air neach oileineachadh air mar a thig e beò a-muigh anns an fhàsaich. An diugh, thèid a’ mhòr-chuid gu Wal-Mart no Sobey’s no Lo-Food no gu d’ eile. Chan eil mòran an urra ri nàdar.

Dh’fhàs mise suas cuide ri moighich. Se figheadairean bhasgaid agus sealgairean a bha nam shìnnsir. Dar a bha mise fuireach cuide ri mo shinnsir, bhiomaid a’ trapadh, ag iasgach, a’ sealg air meanbh-bheathaichean—sin an suipear no an dìnnear no gu d’ eile bhiodh againn.

Ge b’ rith dè na samhaich thuagh is phiocaid no dè na basgaidean a dheanamaid, bhiomaid gan reic air an t-sràid. Bha bùth bhasgaid againn. Tha cuimhn’ am air Amaireaganaich a’ stad aig an taigh, bha iad a’ ceannach bhasgaid. Sin cuid de ar beò-shlàint, a’ fighe bhasgaid.

Bha beagan chearcan againn, agamsa. Bha mucan againn agus gàrradh. Cha robh mòran airgid a’ dol mun cuairt, se iomlaid bu dòcha bhith ann. Tha cuimhn’ am air teaghlach Gearmailteach a bhith ann a Hogamagh agus bhithinn ag iomlaid uighean airson leabhrain èibhinn.


A' glanadh na deighe as an toll.
A' glanadh na deighe as an toll.
The C@P Society of Cape Breton.

Sin aon dòigh a bh’ agam air Beurla ionnsachadh, oir cha deach mi dhan sgoil gus an robh mi 13. Cha do chuir mi eòlas air Beurla gus an robh mi 13. Agus an sin, shaoil mi gum b’ e cànan chèin a bh’ ann. Si chànan bu duilghe h-ionnsachadh a bha riamh air an t-saoghal.

Seach gum b’ e tùsanach a bh’ unnam, cha chuala mi riamh ach a’ chànan Mi’kmaq. Bha Beurla cho neònach. Nuair a bha mi dol dhan sgoil, bhiodh mo bhràthair bu shine ag eadar-theangachadh air mo shon. A’ chuid bu duilghe dhe ’n fhoghlam se gun robh iad a’ fiachainn ri Frangais a thoirt a-steach agus bha trioblaid gu leòr agamsa cheana a’ fiachainn ri Beurla ionnsachadh. Bha iad airson gun ionnsaichinn Frangais! B’ fheudar dhomh radh: “Chan eil seo a’ dol leam idir!”

An diugh, ma bheir thu sùil air foghlam ann an sgìre Mi’kmaq, docha gu bheil sgoiltean aca cò dhiùbh nan sgìre fhèin agus tha cùrsaichean tumaidh aca. Faodaidh iad an cànan fhèin a bhruidhinn nan sgìre fhèin. Tha sin nas càirdeile, chan eil uidhir de ’n chlaon-bhreith is de ’n fhuath-chinnidh ann a chunnaic mise a’ fàs suas anns an sgoil an sin ann a Hogamagh. Bha uidhir fuath is grain an sin an aghaidh Thùsanaich. Se àrainneachd chruaidh a bh’ann airson foghlam fhaighinn.


Tha Baraidh a' teannadh ris an làthaich a bhrodadh, beagan throighean fo 'n deigh. 
Tha Baraidh a' teannadh ris an làthaich a bhrodadh, beagan throighean fo 'n deigh.
The C@P Society of Cape Breton.

Feadh mìosan a’ gheamhraidh, bhiodh na h-easgannan nan suain eadar 4 is 6 òirlich de làthaich. Bhiodh iad nan laighe an sin gus an tigeadh gucag air an fhearna. Sin a chanadh mo sheanair: “Fuirich thusa gus am faic tha na craobhan fearna, aon uair ’s gun tig a’ ghucag orra. Sin nuair a thig na h-easgannan as an suain.”

A thaobh iasgair easgann a bhiodh eòlach, Tùsanach,—chaidh na badan iasgaich a bhios againne a shealltainn dhomhsa tro’ iomadh linn. Thàinig iad thugainn bho ghlùin gu glùin. Sin àite far an robh m’ athair agus athair fhèin agus athair-san ag iasgach. Chaidh iomadh iolladh iasgach fad cheudan is cheudan bliadhna.

Se glèidheadh an rùn is cudthromaiche a th’ againne. Bhiodh sin daonnan air d’ inntinn. Bhiodh do phàrantan is do sheanairean ag iarraidh ort gun chus iasgach a dheanamh. “Fiach am fàg sibh cuid do chàch.” Mar sin, cha deanadh tu cus iasgaich ann am bad sam bith. Nam biodh 4 no 5 iolladh agad, bhiodh fios agad far an d’ rachadh tu, agus far nach deanadh tu cus iasgaich. Bhiodh tu fiachainn ri rian a chumail air nàdar, ga cuideachadh a’ cumail rianachd.

As t-earrach, nuair a bhios aiteamh ann agus a bhios an deigh a’ leigheadh, aon uair is gum faic thu gucag a’ teannadh air an fhearna, sin dar a bhios na h-easgannan a’ dùsgadh à suain.

Bidh iad a’ fuireach mìos no dhà mus tòisich iad ri iasgach nan easgann. Bidh sin tràth san Òg-mhios. Bhiodh iad ri iasgach na h-oidhche le—uell, an diugh, se lainntear propane a bhiodh ann. Bhiodh iad dìreach air bhog air bharr an uisge, cinnteach nach biodh soirbheas ann agus gum biodh an t-uisge glè chiùin; sin mar a bhios iad ag iasgach as t-samhradh. No bhiodh iad a’ cur cairidh easgann gu feum.


Thèid easgann a ghlacadh.
Thèid easgann a ghlacadh.
The C@P Society of Cape Breton.

Calum: Sa gheamhradh, ciamar a gheibh sibh iad anns an làthaich?

Baraidh: Sa gheamhradh, feumaidh sinn toll a ghearradh anns an deigh. Bidh maide againn anns am bi eadar 12 is 16 troigh. Tha gobhlag aig ceann a’ mhaide agus air gach taobh de ’n ghobhlaig, tha trì meuran biorach. Tha aon mheur fhada anns a’ mheadhain. Mar is trice, tilgidh tu sin san làthaich, suas gu 3 no 4 òirlich agus fiachaidh tu ri mothachadh—feumaidh dòigh a bhith agad, sgil. Chan ann an aon oidhche a ni thu iasgach fhoghlaim.

Aon uair is gum fairich thu rud aig ceann a’ mhaide, bidh fios agad cò dhiùbh se fiodh no easgann a th’ ann. Aon uair is gun tilg thu dhan làthaich, feumaidh tu coiseachd tuathal mun cuairt an tuill leis a’ bhrod. Uaireannan,feumaidh tu sin a dheanamh 3 no 4 a thursan. Mu dheireadh thall, fhios agad, se ’n cleachdadh a ni an gnothach. Cha tig e ann an aon oidhche.

Bidh easgannan an-fhoiseil mus tig tàrnainnich is dealanaich. Bidh iad nas luaithe, nas duilghe liùgeadh orra, agus bidh iad cho clis! Mar sin, bidh fios agad gu bheil rud a’ dol a thachairt—an dara cuid tàirneannaich no dearrsach no soirbheas àrd.

Calum: Nuair a bhios sibh ri iasgach samhraidh, am bi e nas duilghe na seann easgannan a chur air leth bho ’n fheadhainn òga?

Baraidh: Ma bhios tu ag iasgach feadh na h-oidhche as t-samhradh, bidh roghainn agad. Cha bhith thu deònach an fheadhainn bheaga a ghlacadh oir bidh cus obrach unnta. Bheir e seachd bliadhna dhan easgainn fàs gu 22 òirleach. Smaoinich thusa a’ glacadh tè mhòr! Bheireadh an tè sin 10 no 12 bliadhna ri glacadh, tè tha 12 bliadhna dh’aois. Mar sin, bidh thu glè fhaiceallach mu ’n mheudachd a tha bhuat, ach cha bhi cus roghainn agad sa gheamhradh. Cha bhi fios agad gu dè tha gu h-iseal fo ’n toll.


Tha Baraidh a' cleachdadh pàipear naidheachd airson an easgann a ghreimeachadh.
Tha Baraidh a' cleachdadh pàipear naidheachd airson an easgann a ghreimeachadh.
The C@P Society of Cape Breton.

Calum: Nuair a ghlacas sibh easgann, an innis sibh dhuinn mar a ghlanas sibh i? De dh’fheumas sibh a dheanamh airson a deisealachadh airson ithe?

Baraidh: Mus deach teicneòlas air adhart gu pàipear naidheachd, bhiodh daoine a’ cleachdadh gainmheach. Bhiodh iad a’ lorg bad gainmhich oir tha ’n easgann cho sleamhainn ’s gum feum thu gainmheach fhaighinn airson greimeachadh oirre.

Tòisichidh tu a’ gearradh bho ’n bhroinn suas chun nan giùran. Aon uair is gun toir thu aiste am mionach, cuiridh tu car san amhaich thar do chorraig agus gearraidh tu an cnàmh agus an t-iasg, gun bheantainn do chraicionn an taobh a-muigh. Aon uair is gun gearr thu a’ chuid sin, cuiridh tu d’ òrdag air chùl amhaich na h-easgainn, agus an sin, tarraingidh tu an t-iasg agus an craicionn bho chèile le d’ làimh.

Leis an teicneòlas a th’ againn an diugh, cleachdaidh tu paipear naidheachd airson greim nas fhearr. Tarraingidh tu bho chèile i, tilgidh tu an craicionn air falbh agus cumaidh tu an t-iasg; ach, nuair a bhios tu ga glanadh, dean cinnteach gun gearr thu cuisle na fala. Gearraidh tu na caoban i, cuiridh tu san àmhainn i aig 400 puing F agus bidh deagh shuipear agad. Faodaidh tu eanaraich a dheanamh oirre no a bruich. Is fhearr leams’ i air a bruich san àmhainn.

Calum: Dè bhios agaibh leatha, còmhla rithe?

Baraidh: Uineanan agus buntàta, dìreach sin. Agus bonnach, fhios agad. Sin am biadh is fhearr leam-sa.


A' rùsgadh an èisg bho 'n chraicionn.
A' rùsgadh an èisg bho 'n chraicionn.
The C@P Society of Cape Breton.

Nuair a chaidh mo thogail cuide ri mo phàrantan agus am pàrantan-san, cha reiceamaid uair sam bith na ghlacamaid de dh’iasg. Bhiodh e daonnan air a roinn air muinntir na coimhearsnachd. Nuair a bhithinn a’ teagasg nan gillean agam ann an iasgach nan easgann, bheireamaid seachad na ghlacamaid do ’n sgìre, do na seanairean. Cha reiceamaid sin gu bràth. An dòigh a bh’ againn, a’ roinn air a chèile.
Sa gheamhradh, bidh sinn a’ toirt cuireadh do neach sam bith a thogras a dhol a dh’iasgach nan easgann. Fiach thus’ e. Seallaidh sinne dhut mar a nì thu e.

Se dìreach spòirs a th’ ann amuigh, a’ faighinn tlachd à sìde geamhraidh. Ged a tha e fuar agus tha saothair mhòr na lùib, se toileachas a th’ ann aig a’ cheann mu dheireadh.

Roinnidh mise an t-eòlas agam daonnan ris na gillean agus ri an cuid chàirdean agus tha mi ’n dòchas gum mair an dualchas.

Tha mi faicinn gu bheil dòigh iasgach nan easgann a’ dol a bith. Chan eil mòran an urra ri easgannan a nis. Chan eil fhios-am a bheil na daoine call am blas no an dualchas, no ma dh’fhaoidte gu bheil cus saothair na chois. Gu h-àraid an seo an Eskasoni, tha mi faicinn gur e na seann fheadhainn a-mhàin a bhios a’ sireadh easgannan. Ach, tha beagan dhaoin’ òga ann fhathast ris an còrd blas na h-easgainn.

Tha ceathrar mhac agam agus tha mi ’n dòchas gun glèidh iad an dualchas, mar a fhuair mise an t-eòlas bho m’ athair agus a phàrantan-san.\ Tha mi ’n dòchas gun cum iad air, a cumail an dualchais ri ’n cuid cloinne is an oghaichean.


Lèig Bhras d' Òr sa gheamhradh.
Lèig Bhras d' Òr sa gheamhradh.
The C@P Society of Cape Breton.

Calum: A bheil barrachd spòirs ann a bhith dol a-mach sa gheamhradh no as t-samhradh?

Baraidh: As t-samhradh. Is toigh leam e, agus, ged a tha mòran chuileagan iongnach ann, tha mìosan an t-samhraidh laghach.

Tha mìosan a’ gheamhraidh fuar, agus tha mòran saothrach ris. A’ gearradh an tùill—uaireannan bidh an deigh troigh an tiughad, feumaidh tu an tuagh.

Anns gach sgìre Thùsail, bhiodh daoine ri diofar obraichean is dhreuchdan is dhleasdanais. Bhiodh sealgairean agad, agus iasgairean agus luchd-trusaidh.

Iadsan a bhuilicheadh air sealg no air bradan agus easgann, bhiodh iadsan eòlach air àiteachan far am biodh mòran eisg. Bhiodh sitheann mòr is meanbh aca. Ann an coimhearsnachd Thùsail, bhiodh eòlas àraid aig gach sealgair is fear-trusaidh agus rachadh na sgilean aca sìos bho ghlùin gu glùin troimh ’n teaghlach.

Chaidh an t-earrann seo a thoirt à agallamh a rinn Baraidh Bernard na dhachaigh sa Mhàrt, 2009 cuide ri buidheann pròiseact Obair tro Thìm.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 416 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map