Tighinn beò air Eilean Naoimh Phòil
Rugadh Uilleam G. Budge ann an 1948 ann an Acarsaid Nìll, baile beag iasgaich air ceann a tuath Cheap Bhreatainn. Ann an 1955, ghabh athair obair mar fhear an taigh- sholais air Eilean Naoimh Phòil, meall creagach is aonranach anns a’ chuan. Suidhichte aig beul Camas Naoimh Labhrain eadar Ceap Bhreatainn agus Tìr Nodha, tha gèilichean fiadhaich, stoirmean sneachd agus ceò dùmhail dualach mu ’n eilean. Se “Cladh a’ Chamais” a bh’ aig na ciad mharaichean air, a thaobh an àireamh mhòr shoitheach agus chlann daoine a chaidh a dhìth air feadh a chuid chladaichean. Nuair a chaidh Uilleam gu Eilean Naoimh Phòil cuide ri phàrantan agus a phiuthair òig, bha iad cha mhòr buileach nan aonar aig an stèisean san iar-dheas. Dh’fhoghlaim a theaghlach gu math luath mar a dh’fheumadh iad deanadh as aonais nàbannan, dealain, sgoiltean agus suaimhneasan tìr-mòir.
Riamh bho ’n thill e bho ’n Dara Cogadh anns a’ Mhàrt, 1946, cha robh obair chunbhalach aig m’ athair. Cha mhòr gun gabhadh obair mar seo faighinn. Fad naoi bliadhna, chuir m’ athair a làmh ri iomadh obair, ach cha robh aon aca cunbhalach no as aonais chunnartan. Bha miann aige air obair a bhiodh gealltanach agus chuir e roimhe nach gabhadh e dad ach sin. Bha cuimhn’ aige air tilleadh dhachaigh bho ’n Chogadh agus air a dhol a dh’iasgach cuide ri bràthair athar ann an geòla bhig. Bha an t-iasgach air a dhol sìos a’ bhliadhn’ud. Bha airgiod an iasgair fhèin gann, gun ghuth air fear-cuideachaidh. Nuair nach robh cùisean dad na b’ fhearr an ath bhliadhna, dh’fheumadh rudaigin gèilleadh.
Fad nan còig bliadhna as dèidh sin, chuir m’ athair a làmh ri iomadh seòrs’ iasgaich eile. Se iasgach an truisg le slait is dubhan a bu ghealltanaiche a thaobh airgid. A’ tòiseachadh tràth san earrach, ma dh’fhaoidte gum maireadh an t-iasgach gu Nollaig; sin nuair a bheireadh am fuachd eagallach is an deigh shiabain a Camas Naoimh Labhrain air na h-iasgairean am bàtaichean a tharraing air tìr agus sgur a dh’iasgach airson an t-seàsain. Ach bha duilghiodas an cois iasgach an truisg cuideachd. Mar bu trice, cha bhiodh ceannaichean èisg faisg air làimh. Dh’fheumadh m’ athair na ghlacadh e a thoirt air astar fada suas an cladach airson a reic. Bha seo cosgail dhan iasgair. Is iomadh turas a bheachdaich m’ athair am b’ fhiach dha leantail air. Tha an t-iasgach cunnartach cuideachd; èiridh gaileann gun rabhadh sam bith agus bhiodh uallach air mo mhàthair mu dheidhinn a c`eile a-muigh air a’ chuan. Shaoileadh tu nach robh anns an iasgach ach cruaidh-chàs do ’n fheadhainn a bha deònach fuireach aige. Mu dheireadh thall, as dèidh mòran beachdachaidh, agus gun e faicinn sian a bha idir misneachail air thoiseach ann an cosnadh a’ chuain, chuir m’ athair roimhe an t-iasgach fhàgail.
San earrach 1955, dar a bha e frithealadh pàirt-ùine sa bhàr anns an Lèigian Rìoghail Chanadach an Acarsaid Nìll, thug e an aire air a’ bhalla do shanas obrach airson fear taigh-solais. Dh’ainmich seo gum faigheadh seann saighdear roghnachadh. Chuir e air a shon anns a’ bhad. Mus deach mìos seachad, bha aonta na làimh. Le fiamh a’ ghàire, thuirt e ri charaid; “Seadh, a Sheumais, is mise bhios a’ cumail an t-solais aig stèisean an iar-dheas air Eilean Naoimh Pòil!”
Sealladh air Eilean Naoimh Phòil bho 'n iarmailt.
William G. Budge.
Aon de na trì taighean-solais air Eilean Naoimh Phòil.
William G. Budge.
Tha an t-eilean fo chòmhdach tiugh de choille charraigeach ach gu bheil badan beaga feòir teann air a’ chladach. Tha cuid de chraobhan seargach a’ fas ameasg nam feadhainn a tha sìor-uaine, ach bidh a’ mhòr-chuid marbh mus fàs iad ro mhòr. Gu h-àrd air mullach sgorran leacach, gheibh a’ chuid as motha de lusan an eilein fasgadh bho dhian-chumhachd a’ chuain. Ach, chan eil Eilean Naoimh Phòil a’ tabhann cus dìon dhan mharaiche a bhios air a chlaoidh a’ sireadh fasgaidh bho ’n stoirm. Bidh suailean cuain a’ dol thairis air rubhaichean eagach; bidh tuinn a’ cìreadh is a’ bristeadh air cladach far nach eil ach sgorran cas is geodhachan domhainn. Tha cladach clachagach no dhà an, ach chan eil gainmheach ri faighinn an àite sam bith. Chan eil laimrig le fasgadh ann far am faigheadh bàta cothrom air acair a chur sìos agus feitheamh gus an togadh an t-sìde. Tha bàgh beag no dhà ann far a bheil beagan fasgaidh bho shoirbheas àraid, ach, mar a tha an t-eilean air a shuidheachadh bho ’n ear-thuath chun an iar-dheas, chan eil fasgadh idir ann bho ghaoth an ear-thuath. Mairidh gèilichean a’ gheamhraidh iomadh latha, no eadhoin suas ri seachdain.
Cha robh duine beò air Eilean Naoimh Phòil roimh 1832. Cha robh taic no togalach dhaonnda ri fhaighinn chum fasgaidh dhaibhsan a shàbhail air long-bhristeadh. Chan eil cunntas againn air cò mheud neach a chaidh a dhìth a thaobh bàthaidh, no reothaidh no cion bidhe air an eilean.
Uilleam Budge òg a' tilleadh bho 'n t-sealg.
William G. Budge.
An 1838, chuir Riaghaltas Bhreatainn Somhairle Cunard (stèidheadair Bhàtaichean Smùide Chunard) gu Eilean Naoimh Phòil a lorg àite freagarrach airson taigh-solais a thogail. Bha Iain Caimbeul cuide ri Cunard air an turas seo. Bha an Caimbeulach air a bhith fuireach an Albainn Nuaidh cheana, an dèidh dha tighinn a Albainn le theaghlach. Cho-dhùin an dithis aca gum bu choir dà thaigh-solais a thogail air an eilean, aon aig a’ cheann an ear-thuath agus fear eile aig an iar-dheas. An ath bhliadhna, chaidh Iain Caimbeul ainmeachadh mar Riaghladair air eilean Naoimh Phòil agus bha aige ri sùil a chumail air togail nan taighean-solais agus air gnìomhachd an dà stèisean sàbhailteachd. Thugadh còrr is bliadhna air crioch a chur air obair an togail. Goirid roimh Nollaig 1840, bha an dà thaigh-solais ag obair.
Chan eil an taigh-solais air ceann an ear-thuath de Naoimh Phòil suidhichte air an eilean mhòr idir. Tha e air eilean beag far nach eil ach corra acair feòir is chreagan. Eadar seo agus an t-eilean mòr, tha fadhail chumhang suas ri 100 troigh air fhaid ris an abrar “tittle.”
An taigh-solais faisg air an dachaigh air an eilean. .
William G. Budge.
Ged nach robh an dà thaigh-solais ach 3 mìle air falbh bho chèile, cha bhiodh luchd-cumail an t-solais a’ tadhal air a chèile ach ainneamh. Bhiodh siubhal duilich le deigh is sneachd a’ gheamhraidh agus bha còmhdach na coille charraigich cho tiugh, bha na leòidean cho cas agus bha na creagan cho biorach. Turas no dhà as t-samhradh, nan ceadaicheadh an t-sìde, bhiodh iad a’ falbh le bàta a thadhal air a chèile.
Bha cùisean aig taigh-solais an iar-dheas, ar ceann-uidhe fhèin, tur eadar-dhealaichte bho ’n fhear aig an ear-thuath. Cha robh dealan san taigh againne na gineadair airson solas a chur thuige. Cha bhiodh cuideachadh aig m’ athair seach nach robh rabhadair rèidio no dùdach aig an stèisean a dh’fheumadh barrachd dhaoine airson coimhead riutha. Ged nach robh ach aon duine na cheann, bha cur thuige an t-solais gu math duilich. A’ deanamh cinnteach gun cumadh e soillseadh feadh na h-oidhche, sin rud bu chudthromaiche buileach. Ach, an dùbhlan bu mhotha a bh’ againn mar theaghlach, se bhith tighinn beò còmhla ri chèile, as aonais chàirdean is choimhearsnaich.
An lampa a bh' air a cleachdadh ann am fear de na taighean-solais air an eilean.
William G. Budge.
B’ e obair mhionaideach a bh’ ann an solas a chur thuige anns an taigh-sholais. An toiseach, dh’fheumte soithichean kerosene a ghiùlain suas an t-fhàradh agus an dòrtadh anns an amar. Dh’fheumte amar eile a shèideadh suas le làimh gu ìre shònraichte. Bhiodh cudthroman ri ’n tarraing suas, cochaill ri ’n ùrachadh, pìoban gineadair ri ’n glanadh agus gach gloinne is prism ri ’n dearrsadh. Uaireannan, rachadh uair seachad mus faighte an solas a lasadh. An sin, bha faire chunbhalach ri cumail air eagal ’s gun d’ rachadh e às air feadh na h-oidhche. ’S ann orm a bhiodh an ùidh, is mi cumail sùil fhad ’s a bhiodh m’ athair a’ cur crìch air gach ceum deisealachaidh. Mu dheireadh thall, le sgrìob de mhaitse, bhiodh an solas a’ dearrsadh gu soilleir. Rachamaid dhachaigh an uair sin, far an sgrìobhadh m’ athair anns an leabhar-latha airson a’ chiad uair: “An t-Sultain 12, 1955: Lasadh: 18:20 DST: An t-sìde—grianach.”
Thàinig na h-earrannan seo am follais an toiseach anns an leabhar aig Uilleam Budge, “Cuimhneachain Mac Fear an Taigh-sholais; Tighinn beò air Eilean Naoimh Phòil.” Chaidh a chlò-bhualadh an 2003 le Clò Pottersfield, 2003, Uilleam Budge..
© 2003 William G. Budge.
Download a PDF version of this story. [file size = 412 KB]
© C@P Society of Cape Breton County, 2009

