Bàrdachd Obrach Mi’kmaq (11 Dàin)
Dàn le Shirley Christmas
Naidheachd nam Basgaid
Na suidhe sa bhothan, bha an t-seann tè
Ri saothair mar a b’ àbhaist.
Tha fàileadh àraid na milearaich
Fhathast anns an àidhear.
Ealanta na làmhan
A’ cur crìch air a basgaid.
Fada bhuaipe na samhail
A chithear an diugh à plastaig.
Obair bhasgaid, innse sgeulachd
Sin a h-eòlas.
Ealain anns gach nua-chruth
Agus sàr dhealbhadh.
Cò as a thàinig iad? Aig dàn
Is sgeul a-mhàin tha fios.
Tha cùram is ealain a’ fàgail
A saothair gun mhearachd.
Ise seinn air a socair
A’ fighe basgaid.
Uair is uair, a’ toirt sùil
Air gach taobh.
An sin air ais gu duan
Na cas-cheum shònraichte.
Fighe bhasgaid, sin a ceaird
Sin a chualas anns an sgeul.
Thàinig an duan seo am follais an toiseach an Mic Mhembertou: Bàrdachd, Sgeulachdan is Uirsgeul le Shirley Christmas. Chaidh a chlò-bhualadh an 1993 le Clò-beag Capers Aweigh.
ⓒ 1993 Shirley Ann Christmas
Na Dàin aig Lindsay Marshall
Alasdair na sheasamh san fheur fhada an Eilean na Cille
Cha tèid sian a dholaidh an diugh.
The C@P Society of Cape Breton.
A h-uile samhradh riamh bho òige, rachadh esan a null sa bhàta. Taibhs dhearg an uisge gorm.
A bhiadh an aon làimh, speal san tèile, a’ coiseachd mar dhuine air mhisean.
Seo tha bhuaithe: am feur fada a leagail airson an t-sluaigh a thig dhan Mhecca aca fhèin. Duine aig fois, na sheasamh leis fhèin air eilean aonranach, uilinn air an speal agus a làmh fo smeig. Tha fàileadh an fheòir ùr-gheairrte air feadh gach àite, osag fhann ga thogail air falbh. Boinne fallais far a ghruaidh, sìos seachad nan sùilean fìor-ghorm, an t-sròn Innseanaich, an fhiasaig ghil, mu dheireadh thall a’ tuiteam agus a dol a sealladh san àile mus ruig e ’m fonn. Thuit am feur fada, uaibhreach gun strì, gach sràc de’ n speal cho cinnteach, stòlda. Thig aiseirigh air an fheur tha marbh, mar leabannan dhan wi’kuoml. Pasgain is ultaich a thogas an teine airson an cuid tì is bonnach. Cha tèid sian a dholaidh an diugh.
Do dh’ Alasdair (Santi) Marshall
Thàinig an dàn seo am follais an toiseach am Poitean Creadh is Cnàimh le Lindsay Marshall a chuir Clò Sholuis a-mach an 1997.
ⓒ 1997 Lindsay Marshall
Mo Cheathrar Mhàthraichean Leigheis Mi’kmaq
Trobhad, seall, tha dealbh agam
Dealbh anns a bheil 375 bliadhna eòlais,
Cumhachd, àilleachd is leigheas.
Sin mo cheathrar Mhàthraichean Leigheis Mi’kmaq
Agus mise, am mac.
Seall an tè seo, se lèigh fhacal
A tha na h-inghinn.
A, seall an tè seo, a’ chiad bhanaltram
Ann an geal, neach leigheis.
An treas tè, a’ glèidheadh seann eòlas
Agus a nighean na ban-sgoilear.
Mo Mhàthair Leigheis mu dheireadh
Lèigh agus fìor bhean-ciùirde.
Sin agaibh mo Mhàthraichean Leigheis
Agus mise, am mac.
Iadsan mo cheithir chinn-uidhe
Ceithir roinnean mo bhith,
Spioradail, corporra, mothachail
Agus tìreil.
Tha gach nì rèidh
An leigheas uile fo làimh
Nan Ceathrar Mhàthraichean Leigheis Mi’kmaq
Agus mise, am mac
Slàn, ullamh
Airson an ath chuid de mo shlighe.
Thàinig an dàn seo am follais an toiseach anns an Chruinneachadh Mi’kmaq le Lindsay Marshall a chaidh a chlò-bhualadh an 1997 le Clò Pottersfield; deasaichte le Rita Joe agus Lesley Choice
ⓒ 1997 Lindsay Marshall
Samhaich nan Tuagh aig Anndra
Fad leth-cheud bliadhna, bhiodh e cumadh bhrodan easgann a maidean uinnsinn, stiallan fiodha airson bhasgaidean agus samhaich nan tuagh. Cha robh dearbhadh obrach aig Anndra ach a lamhan fhèin a-mhàin. Cruadhs is làraich is cumadh gach tè. Bha sgian chàm Mi’kmaq air òrdag dheis fhàgail tiugh, a’ cumail greim. Na shuidh’ air te’sipew, bha a làmh chlì ag obair trang a’ cumail an fhiodh. Geairrte air an t-samhaich, air a cnàmh gu mìnead le cleachdadh cunbhalach, bha na tùs-litrichean aige, A.B. A h-uile latha, a’ cur crìch air aon obair agus a’ tòiseachadh as ùr. Cha bhiodh an gràbhaladh na thàmh ach fhad ’s a bhiodh e reic a chuid bathair. Maidnean tràth, dh’èireadh a’ ghrian na choinneimh. A shùilean donn a’ fiaradh an aghaidh soills na maidne. Feasgar, air a rathad dhachaigh le paca trom, loma làn, ghabhadh a’ghrian seachad air.
Thàinig an dàn seo am follais anns a’ Chruinneachadh Mi’kmaq le Lindsay Marshall a chaidh a chur a-mach an 1997 le Clò Pottersfield; deasaichte le Rita Joe agus Lesley Choice.
ⓒ 1997 Lindsay Marshall
17 Nuair bha mi beag
Nuair bha mi beag
Bhithinn a’ cuideachadh m’ athar
A’ deanamh shamhach.
Tighinn dhachaigh as a’ choille le ultach
Maskwi, snawey, aqmoq,
Bhiodh m’ athair a’ snaidheadh
A’ gearradh le sgithinn chàim
Gus an nochdadh samhach ealanta
Deiseil airson lìomhadh
Mo bhràthar.
Nuair a bhiodh sin seachad
Rachamaid gu tèile
Ag obair uairean troimh ’n oidhche
Is mise le sliseig laiste
A’ cumail solais riutha
Nuair a theirigeadh an ola.
Agus anns a’ mhadainn
Bhiodh mo mhàthair cho sona
Bhiodh biadh ann an diugh
Nuair a reiceadh m’ athair ar saothair.
Thàinig an dàn seo am follais an toiseach an 1978 ann an Dàin Rita Joe, le Rita Joe, Clò Abanaki.
Chlò-bhuail Leabhraichean Bhreatann a rithist e an 1999 mar “Is sinne Luchd-Aisling ; bàrdachd ùr is aosda” le Rita Joe.
ⓒ 1978, 1999 Rita Joe
23 Bidh sinn ri Basgaidean Uinnsinn is Mapal
Bidh sinn ri basgaidean uinnsinn is mapal
Deagh fhiodh.
Dealbhadh seòlta air dheagh fhighe
Gach nì snasail
Ceangal gun smal.
Mnathan na sìth
A’ fighe gach latha.
Thàinig an dàn seo am follais an toiseach an 1978 ann an Dàin Rita Joe, le Rita Joe, Clò Abanaki. Chlò-bhuail Leabhraichean Bhreatann a rithist e an 1999 mar “Is sinne Luchd-Aisling ; bàrdachd ùr is aosda” le Rita Joe.
ⓒ 1978, 1999 Rita Joe
25 Bhiodh iad ri soithichean beilleig
Bhiodh iad ri soithichean beilleig,
Air am fuaigheal cho snasail le freumhag a’ ghiuthais
Is gun glèidheadh iad uisge.
Thrus iad connadh tioram nach cuireadh toit feadh na wigwam.
Bha brot daonnan nan coireachan fiodha
Mar bhiadh teaghlaich is choigreach.
Rinn iad sealg air beathaichean bèin, chairt iad seicheannan
Rinn iad aodach is mocaisean is brogan sneachd
Thog is leag iad a’ wigwam
Nach iomadh nì a chum obair ris an L’nu.
Thàinig an dàn seo am follais an toiseach an 1978 ann an Dàin Rita Joe, le Rita Joe, Clò Abanaki. Chlò-bhuail Leabhraichean Bhreatann a rithist e an 1999 mar “Is sinne Luchd-Aisling ; bàrdachd ùr is aosda” le Rita Joe.
ⓒ 1978, 1999 Rita Joe
Ealain nam Bocsaichean Dealg
Bho ’n Iuchar chun an Dàmhair
Nuair is blàithe an samhradh
Tha bheilleag deiseil airson a rùsgadh
Airson bhocsaichean dealg.
Bidh sinn a’ lorg craoibhe
Le stoc uidhir ri bucaid
Tha bheilleag math, nì sinn snaidheadh is gearradh
Thig e dheth, ag iarraidh thugam.
Nis trusaidh sinn dealgan
Chi sinn porcupine
Tilgear aodach air a dhruim
A’ leum air ais, tilgidh e saighead
Mar gum biodh; “Leigibh leam.”
Agus falbhaidh e, a’ spàgail.
A nis tha beilleag is dealgan againn
Airson nam bocsa-dealg,
Ealain mo dhaoine maireannach
Ealain a tha àraid
Thàinig an dàn seo am follais an toiseach an “L’nu agus Innseanaich a their iad ruin” le Rita Joe, clò bhuailte an 1991 le Clò Buaghallain.
ⓒ 1991 Rita Joe
An Gobhainn Innseanach
Anndra Battiste à Eskasoni.
Fo dhubhar an duillich
Tha am Mi’kmaq a’ tarraing an ùird;
Fallas air a ghruaidh
Bho èibhleagan teth na ceardaich.
Seirm na buille làidir, fuaim na stàilinn
Ceaird tha dol bàs.
Brodan easgann, sgeinean tharraing, sgeinean chama
Agus gearradair-iall
Tùsanach.
Fad bhliadhnaichean a shaothrach
Bhiodh e seinn dhàn do Niskam
Air an dualchas a b’ aithne dha
Chan eil e nis ann, a cheistean gun fhreagairt
“Carson nach tuig iad an cultar
Ris am feum mise cumail?”
Roinn esan a thàlant ach tha càch dall.
Thàinig an dàn seo am follais an toiseach an “L’nu agus Innseanaich a their iad ruin” le Rita Joe, clò bhuailte an 1991 le Clò Buaghallain.
ⓒ 1991 Rita Joe
Samhaich airson Reic
Bha fios aige gun robh iad a’ fàs aig Abhainn Bhàrnaidh
Uinnseann bàn airson nan samhach
A bhiodh e deanamh cho ealanta.
Cha b’ fhada gus am biodh na logaichean a thug e dhachaigh
Ri ’n gearradh is ri ’n snaidheadh air clàr-obrach
A’ slisneadh gu cùramach le sgithinn chàim
Nochdadh coltas an t-samhaich gu mìorbhaileach
Teann na làimh thrèin.
Beagan uairean cadail
An sin sannt a’ dol na chaoir
A’ lìomhadh nan samhach
Nan torran mìne chum an reic;
Bha grian na maidne dealradh ri gàirdeachas
An Innseannach na chiùird, toileachas dùbailte.
Thàinig an dàn seo am follais an toiseach an Òran Eskasoni, tuilleadh bàrdachd le Rita Joe; chaidh a chlò bhualadh le Clò Buaghallain an 1988.
ⓒ 1988 Rita Joe
Ceard nam Basgaid
Ealain a’ nochdadh san inntinn
Toiseach na h-iomairt
Mac-meanmna seinn a’ chiùil
Far an socraich cruth.
Cinnidh am blàth
Ma bhios iongnadh san fhàs
Bidh sùil aig neach-amhairc ri crìch
Na h-obrach
A tha ceard nam basgaid a’ gealltainn.
Thàinig an dàn seo am follais an toiseach an Òran Eskasoni, tuilleadh bàrdachd le Rita Joe; chaidh a chur an clò an 1988 le Clò Buaghallain.
ⓒ 1988 Rita Joe
Download a PDF version of this story. [file size = 428 KB]
© C@P Society of Cape Breton County, 2009

