Back To Home Page

Teiridh Nic Ill Fheòlain: Ciad Bhean-Uasal Cheap Bhreatainn

(Anna) Teiridh Nic 'Ill Fheòlain (Anna) Teiridh Nic 'Ill Fheòlain
Unknown. 77-1415-1549. Beaton Institute, Cape Breton University.

Se “Ciad Bhean-Uasal” Cheap Bhreatainn a theirte rithe, ise bha cho dealasach mu
gach nì a bhuineadh do’ n eilean. Dar a bha i fhathast na h-oileanach, thòisich i air dreuchd rèidio agus telebhsion a mhaireadh 20 bliadhna agus a bheireadh eòlas do mhuinntir Cheap Bhreatainn air a’ phearsa a bh’ air cùl nam facal. Bu mhòr an call do ’n eilean air fad nuair a dh’eug i air 15 de’n Òg-mhìos, 1985.

Bha Teiridh air aon de ’n dithis chloinne a rugadh do Bhrìd agus do Thearlach Mac Ill Fheòlain. Se seinneadair proifeasanta a bha na màthair, ach ròghnaich Nic Ill Eòlain oilean chàinnte cuide ri Olaibh Guthrie Nic Dhòmhnaill, dar a bha i an Àrd-sgoil nan Ainglean Naomha; cheumnaich i as an sin an 1941. Bha i gu mòr an sàs ann am bùidhnean dràma san sgoil, mar bu trice mar fhiorionnach, leis an àird a bh’ innte; choisinn i duais an neach bharraichte a’ chiad turas a chaidh a thoirt seachad aig Fèis Dhràma is Chàinnt Cheap Bhreatainn.

Dar a bha i aig Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier ri foghlam B.A. ann am Beurla is Cainnt, thòisich i air dreuchd chraobh-sgaoilidh aig CJFX le Naidheachdan Teiridh. Chaidh i air adhart as an sin dhan CBC mar neach-naidheachd rèidio agus ghabh i an t-ainm Anna Teiridh; seo mar a dh’aithnicht’ i, fad a beatha tuilleadh. An toiseach, bhathar ga meas tuilleadh is òg airson prògram banas-taighe a stiùireadh, ach thill i air ais dhan Eilean an 1954 a ghabhail àite Beitidh Brùn air Prògram Maidne nam Ban aig CJCB.


(Anna) Teiridh Nic 'Ill Fheòlain(Anna) Teiridh Nic 'Ill Fheòlain
Unknown. 97-138-27976. Beaton Institute, Cape Breton University.

Bha fèill mhòr oirre mar chathraiche coimhearsnachd, leis cho measail ’s a bha an sluagh oirre air rèidio is telebhision. Gu ruige toiseach na 70an, bhiodh i ri obair spèisealta air telebhision, ri agallaimh is ri sanasan; bhiodh i a’ toirt iomradh air tadhal luchd-rìoghail agus nochd i iomadh turas air Front Page Challenge aig a CBC. A-mach bho h-obair, bhiodh i na cathraiche air taisbeanadh fhasan agus na cathraiche is sgeulaiche air consairtean Còisir Cheap Bhreatainn. Bha i dìchiollach mar bhall-stèidh ann an Caidreachas nam Ban san Oilthigh agus ann am meur Cheap Bhreatainn de Chomann Chanada. B’ ise a’ chiad bhoirionnach a bh’ air Bòrd Rianadairean Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier; bha i cuideachd na ball-urramach de dh’iomadh comann eile an Ceap Bhreatainn; chaidh a taghadh mar Bhean na Bliadhna le Comann Nam Ban Profeiseanta is Gnìomhachail an Sidni. Mar an ceudna, thuirt i fhèin gum biodh i ri cur-seachadan bho àm gu àm agus daonnan a’ siubhal.

Thug Teiridh Nic Ill Eòlain suas a h-obair aig an CBC san Lùnasdal 1972 agus ghabh i dreuchd Neach-Stiùiridh na Turasachd aig Comann Leasachaidh Cheap Bhreatainn (DEVCO) Bha a h-eòlas air craobh-sgaoileadh na chuideachadh mòr dhith an seo. Bha ise de ’n bheachd gum biodh turasachd a’ gabhail pàirt ann an adhartas an eilein agus bha seo follaiseach anns na pròiseactan aice. Bha i an sàs ann an leasachadh Inbhir Nis mar àite turasachd, a’ tarraing mhapaichean, a’ dealbhadh thaighean chowder, a’ cur air dòigh agus a’ cur a-mach bhileagan turasachd agus a’ cur air adhart àiteachan Leab’ is Lòn. Chaidh a cur air adhart gu inbhe Stiùireadair nan Cùisean Corparra an 1980 agus mhair seo gus an do chaochail i an 1985.

Gu dè thug Anna Teiridh air adhart cho fad ’s a dh’iarradh neach sam bith a dhol ann am meas luchd-èisdeachd? Se sàr neach conaltraidh a bh’ innte, a thogadh cuspairean àrd is ìseal agus a dhùisgeadh ùidh anns gach neach leotha. Bha guth sònraicht’ aice agus alt anabarrach air dealbh chunntas a chuir loinn air iomadh tachartas. Air Prògram nam Ban, ghabh i cothrom air a dhol taobh a-mach na h-àbhaist. Chionns gun robh cuspairean aice anns am biodh ùidh aig fireann is boirionn, dh’fhàg sin luchd-èisdeachd dhìleas aice agus a h-ainm air bhilean gach neach.


Ciad Bhean Cheap Bhreatainn. Ciad Bhean Cheap Bhreatainn.
Terry's portrait in wool, Les Trois Pignons Cultural Centre..

Bha daoine anns gach suidheachadh a’ toirt fa-near cho fìor chàirdeil ’s a bha i. Bha i sireadh fìrinnteachd anns gach nì a ghabh i as làimh. Bha meas aic’ air daoine agus air deagh chòmhradh, agus bha i daonnan fialaidh leis na chòrdadh rithe fhèin. Bha i làn àbhachd, ach bha dà rud ann a chuireadh fearg oirre, mì-rùn agus dearmad mhothachail. Bha uidhir meas aice air an eilean agus air a mhuinntir is gun tugadh “Ciad Bhean Cheap Bhreatainn” oirre, mar thoradh air an sin. Bha fìor bhàigh aice ris na daoine agus ris na bha dol air adhart anns a’ choimhearsnachd. Tha an deagh dhùrachd sin beò an diugh ann am Pròiseact Outreach Anna Teiridh.

Bidh muinntir Pròiseact Anna Teiridh a’ toirt comhairle an asgaidh do mhnathan a tha sireadh obrach, gu h-àraid iadsan a tha tilleadh air ais a dh’obair. Le bhith cuideachadh mhnathan à Sgìre Gnìomhachais Cheap Bhreatainn a’ lorg deagh chosnaidh, tha am pròiseact dà rìreabh a’ cumail beò an t-sùim a bh’ aig Anna Teiridh dhan eilean agus dha chuid dhaoine.

Se Pròiseact Anna Teiridh a thug dhuinn an dealbh seo air beatha Teiridh Nic Ill Eòlain.

 

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 388 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map