Aig an taigh aig Douce: Latha am beatha neach-tionnsgain, 1815
Seumas O.St.Clair
Thèid mìltean dhaoine seachad le cabhaig air cladh beag faisg air taigh-solais taobh Cheap Breatainn, nuair a shiùbhlas iad air ais ’s air adhart air Cabhsair Chanso.Cha bhi mòran, no gin idir, a toirt sùim do na seann charragh-cuimhne.Ged a gheibhear an t-ainm Belhaché air mapaichean mar ainm rubha anns an àite, chan fhaic thu e ann an leabhar telefon agus chan eil eòlas aig mòran dhaoin’ air an diugh. Ach tha Douce Belhaché agus an aon phàisde bh’aice, nighean òg, nan laighe anns a’ chladh sin glè fhaisg air far an robh an t-seann dachaigh aca ann an Còbh a’ Phlaistear. Rinneadh ise na banntraich nuair a chailleadh a cèile, Captain Belhaché, aig muir. Dh’fhuirich Douce anns an sgìre an dèidh bàs a cèile agus chaidh dhith glè mhath mar neach-tionnsgain. Ged a bha i na h-aonar mar bhoirionnach gun teaghlach ann an Ceap Bhreatainn, rùnaich i nach tilleadh i air ais gu fasgadh a teaghlaich air Eilean Shearsaidh anns a’ Chaolas Shasunnach.
Fad bhliadhnaichean, chualas sgeulachdan mu dheidhinn taibhs a bhiodh a’ coiseachd a’ chladaich faisg air a’ chladh. Bha mòran a’ creidsinn gum be Douce Belhaché a bh’ ann a’ feitheamh ri tilleadh a cèile, an sgiobair. Ach b’ e sgeul bu mhotha bh’ ann, mar a sheall i ri gnothach fhèin agus mar a chuidich i le leasachaidh an eaconomaidh nuair a bha luchd-imrich as gach àite a’ tuineachadh ann an Eilean Cheap Bhreatainn. B’ ise a’ chiad bhoirionnach a bha na neach-tionnsgainn air a bheil eòlas againn anns a’ chearnaidh ud de dh’Albainn Nuaidh.
Aig an Taigh aig Douce: Latha ann am beatha neach-tionnsgain, 1815
Sealladh de Chaolas Chanso à Baile Chlamhain.
The Port Hastings Historical Society
Bha soirbheas tais bho’n iardheas a’ togail ceò na maidne far Caolas Chanso agus bha dùil ri latha math grianach. Ach, bha sreath thana sgòthan a’ bagairt uisg’ is gaoth an taobh a-staigh de cheithir uairean fichead. An dràsta, ged tha, bha na bàtaichean siùil a bha aig acair goirid bho ’n chladach a’ marachd gu socrach air a’ chuan shèimh. Bha faileas an cuid chrann air uachdar meanbh-chorrach na mara. Bha seòladairean trang mu thràth air grunn shoithichean a’ deisealachadh airson togail rithe gu calaidhean cèin le lòdan fiodh, baraillean èisg sàillte agus casgaichen ime.
Bha toit na maidne ag èirigh bho shimilear garbh an taighe anns an robh lobhta gu leth, meadhoin slighe suas cnoc bho ’n chladach aig Còbh a’ Phlaistear. Bha clach snaidhte gu h-ìseal agus fiodh gu h-àrd, agus mar sin, cha robh an taigh seo idir coltach ris na taighean fiodh is logaichean a bh’ anns a’ choimhearsnachd bhig. A-staigh na bhroinn, bha Douce Belhaché deiseil airson obair an latha. Bha càirdeas fad às aice ri Sara Hubert, a searbhanta, a chuir air dòigh a bracaist—aran ùr, silidh nan suibheagan fiadhaich agus tì. Shuidh iad le chèile aig a’ bhòrd ann an oisean a’ chidsin, a’ bruidhinn nan cainnt mhàtharail a Eilean Shearsaidh. Chluinnte a’ chainnt, anns an robh measgadh de Bheurla is Frangais Normanach, cuideachd nan adhradh-maidne nuair a bhiodh iad a’ toirt taing airson biadh is beatha. Bha Douce air a bhith na banntraich a nis fad dheich bliadhna agus bha dùil aice ri feadhainn air an robh i eòlach a thaobh malairt, feadh an latha. Dh’fhalbh a cèile bho ’n taigh air madainn earraich glè choltach ris an tè seo—an iarmailt soilleir agus an soirbheas socair, agus chaidh an soitheach aige fodha faisg air Phial air cladach Mhadeira. Iomadh miòs na dheidh sin, thàinig fios bho sgiobair eile a Eileanan a’ Chaolais gun tàinig smodal bho ’n t-soitheach aig Belhaché, an Esperance, air tìr air cladach Mhadeira. Thàinig stoirm eagallach air an àite sin san Iuchar a chreach iomadh soitheach. Bha uallach air Douce roimhe sin aig cho fada ’s a bha e gun tilleadh, agus ghabh i ris gun robh an dòchas fann a bh’ aice gun tilleadh Philippe a nis mar a bha an soitheach aige, air a chur as a chèile.
Nuair a bha na mnathan deiseil aig a’ bhòrd, sgioblaich Sara air falbh na soithichean feòdair agus na cupannan is na trùinnsearan air an robh iomall dealrach donn. Se pàrantan Douce a thug dhaibh an siuga air an robh an aon dealbhadh nuair a phòs i fhèin is Philippe ann an Searsaidh an Eileanan a’ Chaolais ann an 1786. Se tiodhlag mhùirneach a bh’ ann, a bha na chuimhneachan air an taigh làidir, chloiche an St. Aubin far am biodh na ròsaichean a bhiodh a’ sreap suas nam ballachan cloiche fo bhlàth aig an àm seo de ’n bhliadhna. Chaidh an dealbh gu clis a inntinn Douce nuair a chuir i an cuimhne Sara gum biodh Philip Ingouville aca airson biadh nòin agus gura dòcha gum biodh e fhèin is a nighean a’ fuireach feadh na h-oidhche mus seòladh iad dhachaigh gu Sidni aig ceann Bàgh nan Spàinnteach air taobh an ear thuath Eilean Cheap Bhreatainn. Thàinig Ingouville a Searsaidh cuideachd chun a’ chladaich seo an 1788, an aon bhliadhna riutha fhèin. Bhiodh iad an lùib malairt le chèile fad iomadh bliadhna, nan caraidean is nan càirdean fad às.
Bha an soitheach aige aig acair anns a’ chala taobh thall Cidhe Belhaché. Thill Douce dha seòmar cadail mionaid no dhà airson am blobhsa geal cumanta a chur oirre agus sgiort fhada, ghorm. Chuir i arasaid mu guailnean a bha Iain is Iseabail Bhucach air ùr fhighe nan taigh-beairte dìreach tarsainn a’ ghàrraidh. Se leathar dubh a bha na bòtannan a thàinig as an Fhraing. Ged a bha i na banntraich, bha Douce air aodach cumanta nam mnathan brònach a chur bhuaipe, agus shocraich i currac geal, liosa le grèiseadh òir gu cùramach air a ceann. Bha a falt air a dheagh chìreadh na chiudha teann aig bun a h-amhaich. Se iomhaigh boirionnaich meadhoin-aoise le sùilean a bha fhathast fìor ghorm le strìochan gàire mun cuairt orra a chunnaic i anns an sgàthan mu coinneimh. Nuair a bha i cinnteach gun robh i deiseil airson cùisean an latha, chaidh i gu seòmar beag air aghaidh an taighe. Bho na h-uinneagan le ’n cuid lòsain bheaga, chitheadh i sealladh air an rubha gu h-ìseal a bhathar an iomas ainmeachadh mar Rubha Bhelhaché suas dhan Ghut. Ghabh i beachd air gach soitheach a bha deanamh deiseil gu seòladh agus air gach bratach a bha ris gach crann. Bha fios aice gum feumadh i dhol sìos am bruthach a rithist anns a’ mhadainn ud a dheanamh cinnteach as an àireamh chascaichean ime a bha i cur gu Tìr Nodha agus airson na bha anns an baraillean a bha tighinn a Liverpool an Sasainn a sgrùdadh. Dh’fheumadh i na cunntaisean a thoirt gu Jean Langlois, am fear-cunntais aice aig an robh oifis bheag faisg air a’ chidhe.
Rubha Belhache.
The Port Hastings Historical Society.
Mus do shuidh i aig deasc daraich a thàinig a Sasainn bho chionn iomadh bliadhna, stad i ri taobh na cagailt a-staigh ma ’n ghrèata far an robhar a’ losgadh gual a Glasbaigh, aig ceann eile Cheap Bhreatainn. Air a’ bhalla os a cionn bha dealbh silhouette a ghearr André Jervais a pàipear dubh. Se dealbh aodann nighinn òig le falt tiugh, cràsgach a bh’ ann, a h-aona leanabh agus bean a h-ainme a bha tiodhlaigte air cnoc beag air a’ mhaol a bha sìneadh a-mach do Chaolas Chanso. Ach bha lorg air a h-àite laighe cò dhiùbh—bha a cèile air aon de dh’iomadh seòladair a chaidh a bhàthadh anns an domhainn mhòir.
Se fiabhras a thug am bàs do Douce Ealasaid Belhaché aig aois sia bliadhna is ochd miòsan, suas ri fichead bliadhna air ais. Cha tàinig latha nach do do chuir am màthair a corragan air samhla an aodainn air an robh i cho eòlach. An diugh, thuirt i rithe fhèin gum feumadh i leac-uaghach òrdanachadh le ainm a cèile nach maireann oirre airson a cur ri taobh leac an leanaibh anns a’ chladh, faisg air a’ chuan aig Rubha Belhaché. Bha sàl an Atlantaig a bha cho cudthromach nam beatha a sìor thighinn gu cladach, beagan an taobh thall de ’n uaigh.
An uaigh aig Ealasaid, nighean Douce Belhache.
The Port Hastings Historical Society.
Ach an dràsta, dh’fheumadh i coimhead ri pàipearan a bha air ùr-thighinn le earraid bho’ n Bhritheamh Sgìreil. Bha Rianadair Cheap Bhreatainn air cead a thoirt dhith air tiùbhradh fearainn eile aig a’ Ghut a bha nis air ainmeachadh na bu trice mar Port Bhaile Chlamhain. Thuig i gum b’ fhearr dhith iarrtas a chur a-steach airson am pìos fearainn ud nuair a chual i gun robh na teaghlaichean Paint agus Bailleul a’ cur suas ghàrraidhean ùra airson bàtaichean a thogail anns a’ chamas sin. Thàinig e steach oirre gum feumadh i fhèin teannadh air togail an sin a dh’aithghearr, chum a bhith faisg air a’ghnìomhachas.
Fhuair i cuideachd litir le cead tuilleadh plaistear a chur air falbh as a’ chaolas far an robh còirichean cladhaich aice air a’ chloich bhuig. Thàinig iarrtas airson luchd eathar bho ’n sgìre thuathanais shìos am Màbu: bha an ùir an sin caran searbh agus bhiodh iad ga chaoineachadh le plaistear, an dèidh dhaibh a losgadh ann an àthaidh aoil. Chuir i litir chabhagach gu Iain Baillie aig an robh sgoth a bhiodh furasda a lòdadh leis a’ mhèinneirich. Na sgrìobhadh soilleir fhèin, dh’iarr i prìs air airson an stuth luachmhor a ghiùlain gu Acarsaid Mhàbu. Cha bhiodh an seo ach aon de ghrunn litrichean a sgrìobhadh i agus a bhiodh air an lìbhrigeadh an latha sin le teachdaire earbsach, air a dheagh phàigheadh ro ’n àm chum a muinntireas a chumail sàmhach.
Nuair a dhearrs a’ ghrian bho àirde nan nèamhan a-steach air na h-uinneagan aghaidh, ghabh i tàmh greis: thug Sara thuice cupanan seoclaid theth, truinnseirean rolaichean blàth agus sliseagan de chàise na dùthcha. Fhad ’s a bha iad ag ithe a’ ghreim shìmplidh seo meadhoin na maidne, bha iad a’ bruidhinn air dè ’m biadh a dh’fheumadh iad a thoirt a-steach bho na margaidean mòra ann a Halafags. Bha e tuilleadh is tràth airson a’ chiad bhuntàt ùr a eilean Ghearnsaidh, ach ma dh’fhaoidte gum bu chòir dhaibh òrdan a chur a-steach air an son nuair a ruigeadh iad aon de mharsantan Halafags. Bha sìde Eileanan a’ Chaolais gu math na b’ fhearr airson luath-fhàs glasraich na bha sìde Cheap Bhreatainn le chuid reothaidhean anmoch. Chuir iad sìos grunnan rudan eile son na dachaigh.
Mar a bha iad a’ cur crìch air an t-seoclaid theth, dh’èisd Douce, agus i gnocadh a cinn, ri iarrtas Sara airson dithis de bhalaich òga Chlann Fhionghuin an àite fhasdadh; na balaich airson uisg-aoil a chur air ballachan amuigh an taighe agus an t-sabhail, agus am peathraichean airson cuideachadh le nighe nam plaideachan agus peantadh nan ùrlar. Bha an t-àm air tighinn airson fìor ghlanadh bhliadhnail a thoirt air an taigh. Thuirt Sara cuideachd gun cual’ i gun robh cuid de na tuathanaich taobh a’ chladaich an Siudaig an dùil ri uain òg an earraich a thoirt gu Còbh a’ Phlaistear aig deireadh na seachdain. Bha iad ag radh gun robh iad reamhar. Thuirt Douce rithe fhèin gum feumadh i brath a chur gu fear de na tuathanaich air an robh i glè eòlach airson prìs chothromach a thabhann dhà. Bhiodh fèill air na h-uain ann an Talamh an Èisg agus bha i cur ìm is fiodh gu Bail’ an Naoimh Eòin aig ceann an ath sheachdain air tè de shoithich Ingouville.Nach biodh e cho math uain òga chur air falbh cuideachd.
Sealladh gu tuath, taobh a' Chaolais dhan Ghut.
The Port Hastings Historical Society.
Mus do thill Sara air ais chun na cagailt a thòiseachadh air biadh nòin a dheasachadh, dh’innis Douce dhith gun robh dùil aice tàigh a thogail aig a’ Ghut seach gun d’ fhuair i còir air pìos fearainn an sin. Chòrd an naidheachd ri Sara, oir bha caileagan òga a peathar a’ fuireach an sin agus bha i glè mheasail orra. Bha fìor earbs’ aig an dithis mhnathan na chèile, is fios aca gun robh an càirdeas a bha eatorra mòran na bu doimhne na bhiodh àbhaisteach eadar searbhant is bana-mhaighstir; agus bha sin cudthromach do dhithis bhan leotha fhèin ann an taigh am baile puirt far am biodh seòladairean a’ tighinn is a’ falbh. Bha fios aig Sara far an robh Douce a’ cumail daga air ghleus ann an drathair deasc san rùm shìos, nan tigeadh àm far am biodh feum air a leithid de dh’armachd.
Nuair a dh’èirich Sara gu falbh air ais dhan chidsin, dh’iarr Douce oirre dhol tarsainn a’ ghàrraidh gu taigh-beairte nam Bucach agus iarraidh air Iseabail tighinn a nall airson beagan mhionaidean. Bha còrr is deich bliadhna bho ’n chuir Douce air dòigh gun tigeadh Iain is Iseabail Bhucach a Albainn. Se figheadairean eòlach a bh’annta a bhiodh a’ cur air dòigh aodaich airson a reic, glè thric ri feadhainn a bh’ air ùr thighinn dhan dùthaich agus aig an robh feum air tuilleadh còmhdaich is aodaich leaba. Ach bha comas aca cuideachd air anart caol fhighe le snàth-lìn a Èirinn. Bha Douce a’ cur gu feum mòran de ’n seo na taigh fhèin, no mar thiodhlagan do cò-oghaichean an Arichat is Quebec agus uaireannan do mhnathan nan sgiobair a thigeadh le ’n cuid dhaoine do ’n chidhe aice bho àiteachan an Amaireaga. Thàinig iomadh soitheach gu Caolas Chanso nuair a thàinig crìoch air a’ chogadh eadar Breatann is na Stàitean Aonaichte, agus bha barrachd theaghlaichean a sìor thighinn cuide ris na sgiobairean.
Seann chairt-puist le sealladh de 'n Ghut bho 'n Laimrig.
The Port Hastings Historical Society.
An ceann beagan mhionaidean, gnoc Iseabail Bhucach aig doras an t-seòmair a bha Douce a’ cur gu feum mar oifis. Bha an cuid còmhraidh anns a’ Bheurla a sìor thoirt gàir’ orra agus iad a’ cluinntinn fuaimean eadar-dhealaicht am faclan a chèile—Iseabail le blas Albannach agus Douce le guth caoin Eileanan a’ Chaolais. Dh’ainmich Douce cho math sa bha an earasaid ùr chotain is chlòimh mhìn a bha mu guailnean a’ còrdadh rithe. Thuirt i ri Iseabail gun robh i ’n dùil gum biodh fèill air a leithid agus am b’ urrainn Iain is Iseabail tuilleadh fhighe agus caileag òg fhasdadh airson nan earasaid a dheanamh, fo ’n stiùireadh fhèin. Bha i ’n dùil gum biodh mòran gan iarraidh. Chòrd seo ri Iseabail oir b’ fhearr leatha an seòrsa fighe bha sin na bhith bhith fighe shlatan is shlatan de chlò.
Dh’ fhaighneachd Douce do dh’ Iseabail cuideachd an robh feum aca air àite na bu mhotha airson an dà bheairt agus an cùibhlean snìomh. Bha i smaoineachadh gun robh ’n t-àm ann airson an gnìomhachas a chur beagan am meud. Bha deagh bhreithneachadh aig Iseabail agus bha ise coimhead ri cùisean gnìomhachais fhad ’s a bha Iain a toirt an aire dha na beairtean agus a’ deilbh phatran nan dlùth. Bha an clann bu shine nis comasach air coimhead as dèidh nan caorach a bh’ aca airson sàr chlòimh a chumail riutha. Dh’aontaich Iseabail gun toireadh barrachd rèilich dhaibh cothrom meudachaidh agus foghlannach no dhà fhasdadh; bheireadh sin beagan obrach do bhoirionnaich òga anns a’ choimhearsnachd. Thuirt Douce gum bruidhneadh ise ri Ailig MacFhionghuin, an saor, agus gun iarradh i air an obair a ghabhail os làimh.
The C@P Society of Cape Breton.
An ceann beagan mhionaidean, gnoc Iseabail Bhucach aig doras an t-seòmair a bha Douce a’ cur gu feum mar oifis. Bha an cuid còmhraidh anns a’ Bheurla a sìor thoirt gàir’ orra agus iad a’ cluinntinn fuaimean eadar-dhealaicht am faclan a chèile—Iseabail le blas Albannach agus Douce le guth caoin Eileanan a’ Chaolais. Dh’ainmich Douce cho math sa bha an earasaid ùr chotain is chlòimh mhìn a bha mu guailnean a’ còrdadh rithe. Thuirt i ri Iseabail gun robh i ’n dùil gum biodh fèill air a leithid agus am b’ urrainn Iain is Iseabail tuilleadh fhighe agus caileag òg fhasdadh airson nan earasaid a dheanamh, fo ’n stiùireadh fhèin. Bha i ’n dùil gum biodh mòran gan iarraidh. Chòrd seo ri Iseabail oir b’ fhearr leatha an seòrsa fighe bha sin na bhith bhith fighe shlatan is shlatan de chlò.
Dh’ fhaighneachd Douce do dh’ Iseabail cuideachd an robh feum aca air àite na bu mhotha airson an dà bheairt agus an cùibhlean snìomh. Bha i smaoineachadh gun robh ’n t-àm ann airson an gnìomhachas a chur beagan am meud. Bha deagh bhreithneachadh aig Iseabail agus bha ise coimhead ri cùisean gnìomhachais fhad ’s a bha Iain a toirt an aire dha na beairtean agus a’ deilbh phatran nan dlùth. Bha an clann bu shine nis comasach air coimhead as dèidh nan caorach a bh’ aca airson sàr chlòimh a chumail riutha. Dh’aontaich Iseabail gun toireadh barrachd rèilich dhaibh cothrom meudachaidh agus foghlannach no dhà fhasdadh; bheireadh sin beagan obrach do bhoirionnaich òga anns a’ choimhearsnachd. Thuirt Douce gum bruidhneadh ise ri Ailig MacFhionghuin, an saor, agus gun iarradh i air an obair a ghabhail os làimh.
Rubha Belhache.
The Port Hastings Historical Society.
Dh’fhalbh Iseabail an dèidh naidheachd èibhinn innse do Douce. Seo mearachd Bheurla a rinn na Gàidheil a bh’ air ùr-thighinn dhan dùthaich nuair a bha iad dhen bheachd gum b’ e “tarbh chaora” bh’ann an caora fhireann, chionns gun do dh’fhoghlam iad am facal tarbh a thaobh cruidh. Bhiodh na strìochan gàire mu na sùilean aig Douce Belhaché air ghluasad nuair a bhiodh còmhradh taitneach aice ri Iain is Iseabail, a nàbannan is a luchd-obrach. Thòisich i air cùmhnant a chiad sgrìobhadh far an toireadh i dhaibh am fearann air an robh iad a’ fuireach is ag obair, mar thoradh air a’ cho-chòrdadh a rinn iad rithe gun deanadh iad fighe airson feumalachd a dachaigh agus airson a cuid malairt. Bha i cur luach air an obair ghasda agus an dìchioll.
Mar a bha an latha dol air adhart, bha na sgòthan fada tana a’ teannadh ri solas na grèine a mhùchadh. Bha a’ ghaoth a dol dhan iar, agus bha ‘faoileagan’ bàna ri ’m faicinn air a’ chaolas eadar Eilean Cheap Bhreatainn agus tìr-mòr na h-Albann Nuaidhe. Thug Douce an aire gun robh a’ ghlainne ’tuiteam, comharradh air droch shìde bhith tighinn. Ach cha mhùchadh sian a toil-inntinn nuair a chuir i fàilte air a seann charaid agus a’ fear-cinnidh fad-às, Philip Ingouville agus a nighean, Anna, a rugadh mu’n aon àm ri pàisde fhèin. Rinn i gàirdeachas nuair a ghabh Anna “Tante Douce” oirre agus a phòg i air gach gruaidh i. Chaidh an smuain troimh h-inntinn ach cò ris a bhiodh a leanabh fhèin coltach aig an aois seo. Ach gun dàil, dh’iarr i orra suidhe sìos agus chuir i ceist le mòran ùidh air Anna mu dheidhinn a gealladh-pòsaidh.
Sealladh de 'n Ghut bho 1902.
The Port Hastings Historical Society.
Ged a bha Douce agus Philip a’ fuireach an sgìrean air leth de Cheap Bhreatainn, agus ged a bhiodh siubhal nan ròidean cha mhòr do-dheanta aig amannan, bhiodh iad a’ cèilidh grunn thursan sa bhliadhna agus bhiodh iad a’ sgrìobhadh mu ghnothaichean gnìomhachais. Chaidh aig Douce air rèiteachadh glè bhuannachdail a chur air dòigh le Philip aig an robh baile fearainn mòr an Sidni agus a bha fasdadh mòran dhaoine. Bha grunn bhàtaichean aige cuideachd air ais is air adhart tarsainn an Atlantaig agus dh’fhoghlaim i gum biodh àite aige daonnan do na lòdan mòra de throsg sàillte a bhiodh aice airson nam margaid anns an Roinn Eòrpa agus Amaireaga a Deas. Bha fios aca le chèile gum biodh an càirdean fad iomadh linn a’ gabhail pàirt ann an cò-chomann malairt mara. Bu toil le Philip a bhith deanamh gnothaich ri Douce agus cha do ghabh e riamh brath oirre. Bha meas ac’ air a chèile gu pearsanta agus mar mharsantan.
Cha mhòr nach robh iad an aon aois, agus chunnaic iad Ceap Bhreatainn a sìor fhàs cudthromach anns a’ mhalairt a bha cho buannachdail do mhuinntir Eileanan a’ Chaolais. An toiseach, chunnaic iad an t-eilean a’ cinntinn na thìreachas le chuid riaghladairean fhèin ann an Sidni. Agus a nis, bha iad a’ faicinn mòran eilthireach a’ tighinn a Èirinn is Albainn, glè thric air soithich a Eileanan a’ Chaolais. Uaireannan, bhiodh iad a beachdachadh air cò ris a bhiodh an saoghal coltach nan robh iad air fuireach air Eilean Shearsaidh. Bha Philip cho dàna aon turas ’s gun do dh’fhaighnich e dhith carson nach deach i air ais, nuair nach do thill a cèile far an turais gu Madeira le soitheach làn èisg is fiodh. Le cràdh anns na sùilean a b’ àbhaist a bhith sona, chuir i na chuimhne gun robh a h-aona leanabh tiodhlaigte an seo agus gum b’ fhearr leatha fuireach, chan e mhàin far am bu duilghe a beatha, ach cuideachd far am bu toilichte bha i riamh. Leig i ris cuideachd gun robh e còrdadh rithe a bhith strìth ris a’ghnìomhachas a chuir i fhèin agus a cèile Philippe air bhonn.
Rubha Belhache, ris an abrar Rubha Mhic Mhaoilein cuideachd.
The Port Hastings Historical Society.
Thug Douce an aire nach robh a deagh charaid a’ coimhead ro mhath dar bha i fhèin is esan is a nighean Anna nan suidhe aig biadh-nòin anns an t-seòmar ithe san taigh thacail os cionn a’ chidhe. Ach cha do dh’ainmich i sian ris aig an àm. An dèidh ithe agus naidheachdan math innse nan dual-chainnt Shearsach, chaidh Anna an ath dhoras gu taigh na beairte airson pìos aodaich a thaghadh a bha Douce airson a thoirt dhith mar thiodhlag bainnse. Chaidh Douce is Philip dhan t-seòmar bheag thar an trannsaidh agus chuir iad air dòigh an cuid ghnothach gu sgiobalta.
Dh’innis Douce dhà an uair sin gun robh dùil aice ministear Saslach a thoirt dhan àite, an dara cuid a Sasainn no a Eileanan a’ Chaolais; bha i smaoineachadh gun robh ’n t-àm ann airson eaglais a chur air bhonn chum is gun cuireadh a’ choimhearsnachd fàilte air daoine a coithionalan eile. Thuirt i gun do chòrd seirbheis a’ mhinisteir Shaslach rithe, esan a bha air chuairt grunn sheachdainnean air ais. Dh’aontaich Ingouville rithe agus gheall e gun deanadh a chuid tagradairean rannsachadh thall thairis. Agus an uair sin, dh’innis e dhith nach robh e faireachdainn cho math is a b’ àbhaist agus bha e bagairt air turas a thoirt gu Halafags a bhruidhinn ri dotair. A bharrachd air an sin, bha e airson gum biodh fios aice gun robh gach cò-chòrdadh eatorra gu dòigheil agus gun coimheadadh an tagradair as an dèidh, ged a bhiodh e tinn no…..Cha do chuir e crioch air an seo. Ach thuig Douce dè bha e ciallachadh agus bha i taingeil airson a dhìlseachd dha taobh.
Dhiùlt iad an aoidheachd oidhche a thabhainn Douce, oir bha iad de ’n bheachd gum bu chòir dhaibh togail rithe an diugh agus deanamh air an dachaigh; bha Douce agus Sara glè dhuilich oir bha iad air deisealachadh romhpa. Ach dh’fhalbh Philip agus Anna, a’ gealltainn gun tilleadh iad a rithist ann an ùine ghoirid. Rinn iad an rathad gu luath sìos an cnoc agus thug bàta beag a-mach do ’n t-soitheach iad.
Bha Douce a’ cumail sùil air a’ Chaolas greis fhad ’s a bha soitheach Ingouville a’ fàgail a’ phuirt. Dh’iarr i air Sara glainne fìon a Searsaidh a ghabhail cuide rithe. Chaidh iad thairis le chèile air cùisean an latha agus thug iad sùil air adhart ris na dh’fheumte dheanamh, an còrr dhen t-seachdain. Nis, seach gun robh an t-earrach ann, bha fios aig Douce gum feumadh i turas a thoirt gu Arichat a bhruidhinn ri muinntir nan soitheach an sin. Bha a cò-oghaichean an sin an dùil gun deanadh i tadhal còmhla riutha grunn lathaichean. Ach an dràsta, rachadh i chun a’ chidhe a dheanamh cinnteach gun robh gach nì air dòigh a thaobh nan gnothaichean a bha ri falbh agus a thaobh na thàinig a-steach.
A’ cur clèoca blàth mu guailnean, dh’fhàg i an taigh agus ghabh i sìos am bruthach. Chunnaic i gun robh na sgòthan a sìor thighinn nuair a thug i sùil tarsainn nan speur. Bha a sùil chomasach a’ teannadh ri mheas mar a bhiodh buaidh aig atharrachadh sìde air na soithich a bha ’n iompais seòlaidh. Ach, mar a bha i cumail sùil air an talamh cuideachd airson a casan a chumail air a’ cheum coise, thug i an aire gun robh ciad suibheagan fiadhaich an t-seàsain fo bhlàth anns an achadh. Bha silidh nan suibheagan fiadhaich air aon de thoileachais an t-samhraidh a bha tighinn; agus b’ iad na measan air an do bhlais i fhèin agus a cèile an toiseach, nuair a thàinig iad an seo mar chàraid nuadh phòsta.
Air bràigh a’ chnuic, thàinig i air na clachan a chaidh a chàrnadh, deich thar fhichead bliadhna air ais nuair a thàinig i fhèin is Philippe is an leanabh aca chun a’ bhruthaich seo a chòmhnaidh. Bha iad a chòrr, nuair a thogadh an taigh. An sid ’s an seo ameasg nan clach, thug i an aire do na dìtheanan Maigh mu dheireadh fo bhlàth, agus fàileadh cùbhraidh nam flùraichean beaga a’ gluasad an àile thais an fheasgair. Bha am fàileadh cho drùidhteach, cho ao-coltach ri sian air an do chuir i eòlas an dachaigh a h-òige, ged a bha flùraichean eile cho pailt an sin. Ach, chuir fuaim bruidhne gu h-ìseal air a’ chidhe na cuimhne gum feumadh i greasad air adhart gu gnothach an latha. Dh’fhàg i air chùl samhlaidhean an earraich, is fios aice gun tilleadh i thuca air a rathad air ais. A’ tarraing a h-arasaid gu teann mun cuairt oirre, ghreas i oirre. Bha aice ri coimhead ri gnothach agus ri h-ainm a chur ri pàipearan.
The C@P Society of Cape Breton.
Sin ma dh’fhaoidte mar a rachadh latha seachad ann am beatha ciad neach tionnsgain air Eilean Cheap Bhreatainn. Douce Hubert Belhaché, boirionnach glè chomasach agus tè nach gèilleadh. Tha soirbheas tìm air lorgan follaiseach a beatha a sguabadh air falbh, ach fairichidh tu fhathast a buaidh dar a choisicheas tu taobh chladaichean na h-eachdraidh is nan sgeul..
Nochd an stòiridh an toiseach anns an leabhar aig Seumas O. St. Clair agus Yvonne LeVert, “Banais Nancaidh agus Naidheachdan blasd’ eile” a chaidh fhoillseachadh an 2007 le Clò Oilthigh Cheap Bhreatainn.
© 2007 James O. St. Clair/ Yvonne C. LeVert.
Download a PDF version of this story. [file size = 448 KB]
© C@P Society of Cape Breton County, 2009

