Cùnntas goirid air Catriona Nic ’Ill Fhinnein, Cùradair Urramach Taigh Tasgaidh Louisburg
Oighreachd Achadh Pheadair
Unknown. 82-928-7628. Beaton Institute, Cape Breton University.
Bha Catriona Nic ’Ill Fhinnein (1892-1975) fad a beatha a’ cumail suas agus ag àrach iomadh cuspair is àdhbhar, a’ mhòr chuid dhiubh chum maith a coimhearsnachd. ’S ann an eachdraidh bu mhotha bha dh’ùidh aice, gu h-àraid eachdraidh na Daingnich an Louisburg, an Albainn Nuaidh.
Seach gun robh an teaghlach aice math dheth agus beairteach, fhuair ise a cuid foghlam bho thaotairean prìmheideach agus troimh shiubhal air feadh Chanada, nan Stàitean agus na Roinn Eòrpa. Bha i air a cuartachadh leis an teaghlach gus an robh i suas ri fichead bliadhna, a’ cur seachad gach geamhradh a’ siubhal agus gach samhradh air oighreachd Mhic ’Ill Fhinnein an Achadh Pheadair an Ceap Bhreatainn. An 1912, nuair a dh’eug a màthair Louise, thòisich Catriona ri h-athair a chuideachadh: bha I.S. Mac Ill Fhinnein a’ rannsachadh na Daingnich an Louisburg airson an leabhair aige, Louisburg: Tùs gu Tuiteam.
Chaidh iad gu Lunnainn, Parais, Boston agus Ottawa a shireadh fiosrachaidh a bhiodh feumail a thaobh eachdraidh na Daingnich, eadar bhaitealan a ghabh àite an sin agus beatha làitheil nan daoine a bha tàmh an Louisburg anns na 1700an. Fhad ’s a bha an rannsachadh seo a’ dol, bha saothair aig Catriona ag ath-sgrìobhadh gach pàipear a bha buntainneach, chum is gum biodh iad ri làimh aig I.S Mac Ill Fhinnein an Ceap Bhreatainn airson an leabhar aige a chur a-mach. Fhuair Catriona eòlas air eachdraidh na Daingnich an Louisburg a thaobh an rannsachaidh, agus is dòcha gur e seo a bhrosnaich a h-ùidh anns an àite.
Goirid as dèidh toiseach a’ chiad Chogaidh, chaidh aona bhràthair Catriona a mharbhadh ann am blàr. Bha Catriona de ’n bheachd gum bu chòir dhith taic a thoirt do dh’adhbhar a’ Chogaidh agus ghabh i anns a’ Chrois Dheirg mar neach-cuideachaidh bhanaltram. Chaidh i dhan Fhraing a dh’obair ann an ospadail na Croise Deirge a bha glè theann air sreathan-aghaidh a’ chogaidh. Chithear ann an cunntaisean agus dealbhan bho na trì bliadhna a chuir i seachad thall thairis gun robh buaidh throm agus mhaireannach aig a’ Chogadh air a’ bhoirionnach òg seo a fhuair togail cho cùramach agus Bhictorian. Cha do phòs i riamh, ach bha a beatha loma-làn spàirn ann an seirbheis na coimhearsnachd.
Catriona, neach cuideachaidh bhanaltram na Croise Deirge.
The Cape Breton Regional Library.
As dèidh a’ Chogaidh, chuidich Catriona a h-athair agus luchd-taic eile, leithid Àrd-dhiacon T.F. Draper, a’ toirt ionnsaigh air an Riaghaltas chum làrach na Daingnich a ghlèidheadh. Chuir i fìor ùidh ann an tobhtaichean Louisburg agus thug i taic a’ maoineachadh agus a’ stiùireadh togail an taigh-thasgaidh air an làraich; bhiodh seo a’ foillseachadh greadhnachas na Daingnich do luchd-tadhail agus a’ bhuaidh a bh’aige seo ann an eachdraidh Chanada is Shasainn, na Frainge agus na Stàitean. Mar thoradh air an saothair, dh’fhosgail taigh-tasgaidh Louisburg an 1936. Chaidh Catriona ainmeachadh mar chùradair urramach agus bha i ris an seo fad 20 bliadhna.
Chuir Catriona ùine agus saothair anabarrach ris an taigh-thasgaidh. Chuir i gu feum eòlaich agus airgiod a’ lorg sa toirt air ais nithean a bhuineadh do linn nam Frangach. Leithid na h-oidhirp a rinn i aon turas air Crois Louisburg fhaighinn air ais; thug Trupairean Tìreachail Mhassachussets a’ chrois gu Boston an 1745, agus bha i air a cumail ann an Seòmar an Ionmhais an leabharlann Colaisde Harvard. Nuair a dh’fhosgail an taigh tasgaidh anns na 1930an, dh’fhasdaidh i fear-lagha a Boston agus thug i ionnsaigh ma seach air a’ chrois a thoirt dhachaigh. Ged a chaidh mòran a sgrìobhadh eatorra, cha deach aice aig an àm ach air leth-bhreac a dheanamh de ’n chiad chrois. Cha do thill Harvard a’ chrois gu ruige 1995 mar iasad mhaireannach. Tha uidhir litrichean air an glèidheadh an Leabharlann Sheumais Mhic Conail an Sidni a sheallas gun do chuir Catriona seachad mòran ùine a’ sgrìobhadh gu daoine is gu bùidhnean, a’ fiachainn ri nithean a lorg dhan taigh-thasgaidh agus ri stuth a dhearbhadh a chaidh a thoirt dhaibh no a chaidh a cheannach. Fo stiùireadh Chatriona, bha fìor chruinneachadh stuth aca a bhuineadh do bhliadhnaichean na Daingnich. Bha fiosrachadh cho mionaideach aice air Daingnich Louisburg is gun deach aice air modail a thogail ri scèile; tha seo gu math fiachail ann an cruinneachadh na Daingnich an diugh agus chithear e san t-seann Taigh-thasgaidh.
Mar chùradair urramach, dh’fheumadh Catriona stuth a chlàradh, gach taisbeanadh a chur air dòigh agus tachartasan sònraichte a cho-òrdachadh. Bha saothair sgìtheil eile an urra rithe cuideachd, a’ cur bhigeachan sìna air ais ri chèile agus a’ fuaigheal shuaicheantais Shasainn is na Frainge air bhrataichean a bha crochte os cionn na modail aice san taigh-thasgaidh. Se Catriona a sgrìobh leabhran an làraich, Eachdraidh ghoirid air Louisburg, agus nuair a bha e duilich leabhar a h-athar fhaighinn, mhaoinich i fhèin iomadh clò-bhualadh ùr. Chuidich i a’ foghlaim muinntir an àite ann an eachdraidh na Daighnich le bhith toirt seachad òraidean do bhùidhnean seirbheis agus air rèidio.
Cha do lasaich Catriona Nic ’Ill Fhinnein a’ fiachainn ri taigh-tasgaigh Louisburg a thogail. Glè thric, bhiodh i ris an seo gu comasach, air a socair fhèin, air chùl gnothaich. Uaireannan, cha bhiodh buil a h-obrach follaiseach aig an àm, ach se sin a chuidich le oidhirpean a rinneadh chum Daingnich Louisburg ath-thogail.
Modal scèile Louisbourg.
The Cape Breton Regional Library.
Tha Catriona a’ mìneachadh a dàimh ris an taigh-thasgaidh ann an Eachdraidh ghoirid air Louisburg:“Chaidh an taigh-tasgaidh a chur suas an dùil gum bi cuimhneachan faicsinneach na cheangal riatanach ri tìm a dh’fhalbh ach a tha beò, agus a bhios mòran nas soilleire na briathran fìor-ealanta.” An diugh, tha cuid mhòr de ’n Daingnich air ath-thogail agus tha beòadairean ann an aodach eachdraidheil a’ cur fàilte air luchd-turais as gach àite mar sin, tha cuimhneachan faicsinneach Louisburg dà rìreabh a’ toirt beò nan làithean a dh’ fhalbh.
Thuirt Iain Lunn, Fear-stiùiridh Louisburg aig aon àm, ann an aiste Globe & Mail san t-Sultain 1971: “Stèidhich agus mhaoinich i Taigh-tasgaigh Louisburg na h-aonar agus bha i na cùradair dìchiollach an sin fad 20 bliadhna. Iomadh bliadhna bharrachd, bha i na ball de Chomann an Ath-thogail agus, na dòigh ghrinn fhèin, chum i ris an ùghdarras gus an deach rudaigin a dheanamh.”
Bhuilich Catriona iomadh rud eile air an sgìre anns an robh i fuireach. An 1959, mar bhall de Bhòrd Leabharlann Roinneil Cheap Bhreatainn, ghabh i pàirt ann an dealbhadh Leabharlann Chuimhneachaidh Sheumais Mhic Conail. Chuir Catriona a h-ìnnleachd gu feum a’sireadh maoineachaidh agus bha i gu domhainn an sàs ann an dealbhadh an leabharlann ùr, phoblach. Cheannaich is thug i seachad am fearann air a bheil an leabharlann an diugh. Lean i oirre le taic, a’ co-òrdachadh iomadh tachartas àraid agus a’ toirt seachad mòran leabhraichean feadh nam bliadhnaichaen. Thug i seachad cuideachd Cruinneachadh Louisburg a h-athar. Chaidh mòran notaichean, leabhraichean agus chuimhneachain phearsanta fhàgail aig an leabharlann an deidh a bàis.
Anns a’ Ghearran 1951, rinneadh rùnaire ionadail dhith air Òrdan Bhictorian nam Banaltram. Aig àm a’ Chiad Chogaidh, chuidich i ag cur air bhonn ciad oidhirp na Croise Deirge a’ trusadh fala agus chaidh i air feadh an eilein a chumail sùil air clionaigean eile. San Òg-mhìos 1946, thugadh dhith Duais Fiùghantais na Croise Deirge a thaobh a cuid bhliadhnaichean seirbheis.
Modal scèile Louisbourg.
The Cape Breton Regional Library.
Bha i na ball-stèidh air Comann Seann Shidni a chaidh a chur air bhonn an 1966 chum làraich eachdraidheil a ghlèidheadh agus a chàradh, mun cuairt a’ bhaile. Bidh an Comann a’ trusadh agus a’ glèidheadh dualchas nàdair is chultair agus ga thaisbeineadh ann an seadh fìrinneach is beòthail. Bhiodh i ri tuilleadh carrantachd le bhith toirt taic do Thaigh Tasgaigh Naoimh Phàdraig, do Thaigh Tasgaigh Mèinneirean Cheap Bhreatainn agus bhiodh i toirt airgid sgoileireachd gun fhiosda do dh’oileinich a bhiodh airidh. Chuir i ri Maoin nan Iùdhach tro’ Chlann Israel an Teampaill.
Choisinn Catriona iomadh urram bho bhuidhnean ionadail is nàiseanta feadh a cuid bhliadhnaichean seirbheis do’n choimhearsnachd. Thug Comann Nàiseanta nan Leabharlann urram dhith an 1960 airson bliadhnaichean a chur seachad na taic agus mar bhall de Bhòrd Leabharlann Roinneil Cheap Bhreatainn. Rinn Taigh Tasgaidh Mèinneirean Cheap Bhreatainn agus Comann Cheud-bhliadhnail Shidni mar an ceudna. Rinn Comann Gnìomhachail is Proifeasanta nam Ban an Sidni Ball Urramach dhith an 1967.
Catriona Nic 'Ill Fhinnein
Unknown. MG12,189 4B SB2. Beaton Institute, Cape Breton University.
Rinneadh Oifigear de dh’ Òrdan Chanada dhith an Ottawa an 1972. Chaidh seo a bhuileachadh oirre mar thoradh air na rinn i a’ toirt beò eachdraidh na Daingnich an Louisburg, ag ath-chruthachadh an làraich agus a’ glèidheadh eachdraidh na sgìre.
Threòraich dà rud Catriona air slighean nach robh idir cumanta do mhnathan a linn fhèin—an dian-mhios a bh’ aice air eachdraidh na Daingnich an Louisburg agus a spiorad neo-eismeileach fhèin; bha i mar sin na sàr-eiseamplair do mhnathan òga ris an coinnicheadh i.
An 1971, fhuair Catriona Urram Dotair nan Lagh bho Oilthigh an Naoimh Frannsaidh Xavier an Antaigeanais. Tha an teisteanas an cois a’ cheum ag ainmeachadh Catriona mar “Ciad Bhean Uasal Louisburg”, agus a’cur an cèill: “Cha do rinn aon neach eile air eilean Cheap Bhreatainn uidhir chum eachdraidh an dà stèidh-chinneadh a ghlèidheadh na rinn Catriona Nic ’Ill Fhinnein.”Thug Ròsalaidh Nic ’Ill Iosa a Leabharlann Sheumais Mhic Conail dhuinn an dealbh seo air beatha Chatriona Nic ’Ill Fhinnein.
© 2009 Rosalie Gillis, Cape Breton Regional Library
Download a PDF version of this story. [file size = 400 KB]
© C@P Society of Cape Breton County, 2009

