Back To Home Page

Anne Morrell Robinson: Quilting in Kingross

Tha Anna Morell Robinson a’ fuireach anns an Intearbhal Mhòr, Ceap Bhreatainn, far a bheil i air a bhith deanamh chuibhrig na stiùideò Roisrigh fad corr is 30 bliadhna. Tha i air ainm agus duaisean eadar-nàiseanta a chosnadh agus tha i air cuibhrigean a chur ri chèile, an dà chuid airson ionadan poblach agus airson na dachaigh. Bidh ise cò-roinn a dealas fhèin ri muinntir an ealain, oir bidh i dol gu cò-labhairtean nàiseanta, gu comainn agus gu sgoiltean a theagasg. Bidh i dealbhadh a pàtrain fhèin airson chlasaichean agus chaidh an clò-bhualadh ann an leabhraichean is irisean. Tha na pìosan àlainn, mhionaideach aice a’ toirt a-steach oilein is alt, aodach agus margaidean. Fhuair sinn eachdraidh Anna air a h-obair tro thìm ann an agallamh sa Ghearran, 2009.

Cha tig crìoch air obair mnatha.
Cha tig crìoch air obair mnatha. Anne Morrell Robinson

Christie: An innis sibh beagan dhuinn air mar a thàinig sibh gu Ceap Bhreatainn.

Anna: Thàinig mi chèilidh air mo bhràthair a bha fuireach an seo. Bha e an aghaidh a’ chogaidh ann a Bhietnam a thaobh a chogais. Dh’aontaich iad leis, ach bha iad a dh’aindeoin sin a’ dol ga chur air falbh gu àite uamhasach air choireigin.Chuir e roimhe tighinn a Chanada.

Chuir mo chiad chèile agus mo leannan aig an àm, Garaidh, chuir esan roimhe gun tigeamaid a nuas aig an Nollaig a choimhead air. Chòrd e cho math ruinn is gun do thill sinn nuair a bhe e ullamh sa cholaisde. Fhuair sinn obair a’ cumail sùil air àite Mhìcheil Roosevelt; thug sinn làmh chuideachaidh a’ tionndadh seann taigh-cartach na chabain agus am baile fearainn air ais gu seòrsa àiteachais. Nuair a bheir mi sùil air ais, tha seo dìreach suaitheanta oir cha chuala mise riamh guth air Albainn Nuaidh no Ceap Bhreatainn! Cha do dh’ionnsaich sinne mu dheidhinn roinnean Chanada ann an cruinn-eòlas san sgoil. Ma dh’fhaoidte aon latha a-mhàin.

Thàinig sinn a-nuas fad-ùine nuair a chuir Garaidh crìoch air an fhoghlam. Thàinig sinn suas air chèilidh aig an Nollaig agus cheumnaich esan as t-earrach. Lìon sinn an Studebaker 1946 leis gach stuth agus thàinig sinn a-nuas le $700 nar pòcaid (à Pennsylvania.)

Tha mi smaoineachadh gun tàinig sinn an toiseach an 1971. Ma dh’fhaoidte 1972, nuair a rinn sinn inimrich cheart—an dara cuid. Thàinig sinn suas dhan Intearbhal Mhòir nuair a rugadh Amish (1974) agus mar sin, bha sinn shìos gu h-ìseal bliadhna no dhà (am Margaraidh an Ear-thuath)


Fàilte gu Rois Righ!Fàilte gu Rois Righ!
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Bha beathaichean againn, shìos anns an Ear-thuath agus cha do rinn sinn ach an gluasad suas. Mheudaich sinn beagan. Thòisich mise brideachadh eich rèise agus bha grunnan mhart againn airson bainne agus feòil, cuide ri caoraich is coilich-Fhrangach is cearcan. A h-uile sian ach gobhair—cha robh iad idir again. Bha gobhair glè dhona gu feansaichean agus uamhasach gu teicheadh is gu bhith faighinn ann an crois.

Anns an Intearbhail Mhòir bhriagha air latha fuar sa Ghearran.Anns an Intearbhail Mhòir bhriagha air latha fuar sa Ghearran.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: Dè cho fada’s a mhair am baile?

Anna: Reic mi am mart mu dheireadh dìreach mus deach Amish dhan cholaisde. Sia no seachd bliadhn’ deug, tha seansa. Chùm mise dol airson greis as dèidh bàis Gharaidh. Nuair a dh’fhalbh a’ chlann dhan cholaisde, bha e tuilleadh ’s a chòrr. Chan urrainn aon neach cumail ris na tha sin.

Christie: Am b’urrainn dhuibh bàrrachd ùine chuir seachad air cuibhrigeadh an uair sin?

Anna: B’urrainn. Agus cuideachd, thuig mi seo. Bhithinn a’ cumail mart fad bliadhna, a’ toirt an aire dhi agus dhan laogh, a’ cinntinn stèigean feòla agus a’ reic na bh’ann airson $600. Thèid agam air cuibhrig a dheanamh ann an trì mìosan agus a reic airson $600. Bha seo fada na bu ghlice dhomh.


Mu thimchioll a' ghàrraidh ghlasraich, air a dhealbhadh is fhuaigheal le Anna Morrell Robinson, 2009Mu thimchioll a' ghàrraidh ghlasraich, air a dhealbhadh is fhuaigheal le Anna Morrell Robinson, 2009.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: Cuin a thòisich sibh an toiseach air cuibhrigeadh?

Anna: Aig an aon àm ’s a thàinig sinn a-nuas an seo—a’ bhliadhna roimhe sin, leis an fhìrinn.

Christie: An robh seo anns an teaghlach?

Anna: Bha, ach glùin no dhà air ais. Trì, leis an fhìrinn. Se mo shin-shìn-shìn seanmhair a bha ris—tha cuid de na cuibhrigean aicese agam. Rinn ise mòran. Ach, gu mì-fhortanach, reic mo mhàthair cuid de ’n fheadhainn a bu bhòidhche anns na 50an: ach ghlèidh i cuid agus thug i dhòmhs’ iad. Cha robh i buileach eòlach air an eachdraidh, ach, nuair a lorg sinn na tùs-litrichean agus an dèit, rachadh againn air a dhol gu craobh-teaghlaich agus deanamh a-mach cò bh’ ann. Thachair rud fìor annasach bho chionn ghoirid; bha mi ann an stòr anart agus cheannaich mi dhà no trì phìosan ath-nochdte oir bu toil leam iad. Nuair a thug mi sùil air na seann chuibhrigean agam an ceann bliadhna ma dh’fhaoidte, bha an dearbh aodach unnta-san. An tùs aodach, ceart? Bha mi air ath-nochdadh de’n aodach sin a cheannach.

Nuair a chuir mi crioch air an sgoil an toiseach agus a bha mi fuireach am Pennsylvania, bha mi ag obair air baile-fearainn each; mar sin, bhithinn a’ cuibhrigeadh anns na feasgair seach nach robh an corr a’ dol. Cha robh T.V no sian agam. Bhiodh tu muigh fad an latha ri obair chorporra. Bha e caran laghach gabhail air do shocair anns na feasgair agus do làmh a chur ri rudaigin foiseil.

Christie: Dè ghabh sibh anns an sgoil?

Anna: B’ e eòlas marcachd mo phrìomh-chuspair, mar sin, giullachd an stàbaill is nan each agus rudan mar sin. Rinn mi foghlam ealain mar fo-chuspair.


Seann inneal fuaigheil Singer, prop bho Oilthigh Phrinceton,a thug màthair Anna dhith.Seann inneal fuaigheil Singer, prop bho Oilthigh Phrinceton,a thug màthair Anna dhith.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: Bhiodh sibh ag obair’s na feasgair mar bu trice?

Anna: Bhitheadh. Nuair a thòisich mi, fhios agad, chionns gun robh clann is obair is rudan mar sin an urra rium. Ach bhiodh barrachd ùine agad sa gheamhradh. Bhithinn a’ deanamh barrachd sa gheamhradh. Agus nach eil fhios gun do dh’atharraich cùisean nuair a fhuair mi stiùdiò. Nuair a thòisich mi, bhithinn ag obair san t-seòmar cadail agus sin an inneal bheag a bh’ agam fo ’n uinneig (a’ comharrachadh inneal fuaghail) chionns nach robh dealan againn nuair a thàinig sinn an toiseach. Cheannaich mo mhàthair sin dhomh. Se prop a bh’ ann aig taigh-cluiche Oilthigh Phrinceton. Thòisich mi leis an sin agus an uair sin, fhuair mi fear dealain. Bhithinn nam shuidhe fo ’n uinneig san t-seòmar cadail agus bha beairt chuibhrig agam a bha crochte ris a’ mhullach. Rachadh agad air a toirt a-nuas agus a sgioblachadh suas feasgar.

Christie: Sin na bha de rèileach agaibh?

Innealan na ciùirde.Innealan na ciùirde.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Anna: Se, agus bha seann chlàr-gearraidh agam de phàipear-cruaidh a ghabhadh pasgadh. Chan eil fhios-am an do rinn thu fhèin riamh fuaigheal ach sin a bh’ agamsa agus a bhithinn a’ cur air an leabaidh. Nuair a dh’fhàs Garaidh tinn, chaill mi an tàite seo. Ach, chaidh e feabhas, agus thog sinn a’ chuid sin de’n taigh.

Chaidh pìos a chur ris an taigh seo turas no dhà, sin agad a’ chiad stiùdiò. Bha muileann-sàbhaidh againn aig an àm agus ghearr sinn a-huile sgath fiodh air a shon agus thàinig na h-uinneagan uile bho àiteachan eile.

Christie: Am biodh sibh a’ togail ur beairtean fhèin?

Anna: Dh’iarr mi air Raghnall Hart a’ chiad bheairt a dheanamh dhomh—sin agad i an sin—tha mi ga cur gu feum fhathast. Agus thog Joel an tè seo. Cha robh anns a’ chiad tè ach ceithir bùird le clabhdain air seathraichean mar a b’ àbhaist a bhith aca. Agus bha an tè a ghabhadh pasgadh caran grinn—bha fiaclan fiodh innte agus bha i na b’ fhasa. Thog Garaidh an tè sin.


Tha na cairtean sgeilp feumail ann a bhith cur air n-adhart a cuid obrach. Tha na cairtean sgeilp feumail ann a bhith cur air n-adhart a cuid obrach.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: Agus na ciad cuibhrigean air an do thòisich sibh, an robh iad sin gu beagnaich airson na dachaigh no an robh sibh an dùil an reic sa bhad?

Anna: Tha mi smaoineachadh gun do rinn mi a’ chiad fhear dhuinn fhìn. Agus thòisich daoin’ air a radh; “An dean thu fear airson cuirm-bhliadhnail m’antaidh, an dean thu fear airson na bainnse…” Mar sin, a-mach bho ’n chiad fhear a bha sin, cha robh cuibhrig againn air ar leabaidh fhìn gu ceann deich bliadhna. Agus am fear a bha air an leabaidh, se Garaidh a dhealbhaich e. Cha robh ann ach pìosan mòra agus chaidh e ri chèile ann an aon latha! (Gàire) Sin agad clann a’ ghreusaiche, nach e? Tha mi cinnteach gun robh mi cuibhrigeadh fad 20 bliadhna mus robh fear dòigheil agam air mo leabaidh fhìn.

Rinn mi fear de ’n chiad fheadhainn do dh’Amish nuair a bha e na leanabh. Agus tha fear agam a rinn seanmhair Garaidh dhà-san. Aithnichidh tu an fheadhainn far an abair màthair: “Chan fhaod thu seo a chur gu feum, tha e tuilleadh ’s breagha,” agus thèid a chrochadh air a’ bhalla; agus na màthraichean a chanas, “Suain iad mun cuairt orra, nach ann airson sin a tha iad!” Bha an dà sheòrs’ againne.

Christie: Cuin a thòisich sib’ fhèin a’ reic?

Anna: Thòisich mise nuair a bha sinn fhathast aig an Ear-thuath, agus bhiodh sin tràth anns na 70an. Reic mi chiad fheadhainn anns an T-Sealladh Bhreagh, a’ bhùth aig Steafag May. Sin mar a thòisich mi agus na dhèidh sin, bhithinn aig Fèilltean Ealan an Sidni. Mu dheireadh thall, thòisich mi gan reic a-mach as an t-seann stiùdiò.

Christie: Am biodh mòran luchd-turais a’ tadhal no dìreach muinntir an àite?

Anna: Cha bhiodh an toiseach. Ach, seo sinne aig ceann rathaid greabhal an teis meadhain fàsaich. Cha bhiodh ann mar sin ach neach a bhiodh a dh’aona ghnothach a’ lorg cuibhrig agus chuireadh cuideigin suas an seo iad. No dh’amaiseadh iad orm. Ach, san àm, cha robh ann ach airgiod pòcaid no prìne mar a chanadh iad bho chionn fhada. An uair sin, nuair a bha mi ag obair dha-rìreabh, b’ fheudar dhomh mòran shanasan a chur a-mach. An uair sin, thàinig Loids a’ Bhradain. Chanainn-sa gu bheil leth dhen ghnìomhachas agam an urra ri daoine a th’ air an rathad seachad suas an sin agus an leth eile ri sanasachd.

Christie: Càit am bi sibh a’ cur shanas?

Anna: Ann an Iùl Cheannach nan Ealan is nan Ciùird, Ralaidh nan Stiùdiò agus a nis tha Map nan Triall an Ceap Bhreatainn againn no Map Luchd-ciùird nan Triall–unnta sin. Bidh mi cur a-mach chairtean air feadh an àite—taighean-òsda, taighean-seinnse agus anns na h-Ionadan Turasachd.


Inntreadh an stiùdio.Inntreadh an stiùdio.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: An e Roisrigh a bha riamh oirbh?

Anna: Chan e; bha mi cur m’ ainm fhìn gu feum roimhe ach cha b’ urrainn dhomh a chleachdadh nuair a chaidh mi air an eadar-lìon.

Christie: B’ àbhaist dhuibh a bhith cleachdadh Anna Comfort Morrell?

Anna: Ceart; se Comfort a bh’ orm mus do phòs mi agus se Morrell m’ ainm pòsta. Nuair a phòs mi fhìn is Joel, ghabh mi ri Robinson ach cha chùm duine sam bith am Margaraidh cuimhn’ air an sin agus ghlèidh mi Morrell. A nis—tha cus ainmean agam. Thuirt fear-deasachaidh aon iris rium gun robh a bhith sgrìobhadh m’ ainme coltach ri sgrìobhadh bàrdachd! (Gaire) Dh’fheumainn Comfort a chumail seach gun robh mo phiuthar-cèile cuideachd ri cuibhrigeadh, agus se Anna Morrell a bh’ oirre-se. Is ise Anna B. Morrell agus mise Anna C. Morrell.

Christie: Dar a bhios sibh a’ tòiseachadh. Am bi sibh a’ dealbhadh na bhios ’n ur n’ inntinn?

Obair a' dol air n-adhart.Obair a' dol air n-adhart.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Anna: Bhiodh e na b’ fhasa shealltainn dhut. Tha mi dìreach a’ tòiseachadh air fear ùr. An turas seo, chaidh fear iarraidh orm le daoine aig a bheil ùidh mhòr ann an eòin agus a bhios a’ siubhal an t-saoghail ag eunadaireachd. Seo mar a bhios mi tòiseachadh, le dealbh. Ni mi dealbh agus bheir sin dhom tuairmse air meudachd, agus tha h-uile sian air a dheanamh ri scèile. Chi thu nach eil ann ach tuairmse. A nis, seo am meadhain. Bidh mi tòiseachadh anns a’ mheadhain mar is trice agus ag obrachadh a-mach bho ’n sin.

Christie: Am bi daoine uair sam bith a’ buileachadh air an aodach agus air na dathan a bhios bhuapa?

Anna: Dathan. Uaireannan. Glè thric. Tha an t-aodach suidhichte gu ìre mhòir. Bidh mise cleachdadh deagh chotan. Ma gheibh mi coimisean, bheir iad dhomh prìs, meudachd agus dath. Bheir mi cead dhaibh coimhead troimh ’n mhàileid agam agus chi iad na chòrdas riutha agus gach rud nach cord. Bheir sin toiseach tòiseachaidh dhomh-sa. Leis an fhear seo, bha mi fortanach, oir lorg mi aodach air an robh mapa de ’n t-saoghal agus tha e cho freagarrach airson a’ ghrunnd.


Thig brosnachadh glè thric bho aodach sean is ùr.Thig brosnachadh glè thric bho aodach sean is ùr.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: Càit am bi sibh a’ceannach an aodaich?

Anna: Anns gach àite. Bùithean aodaich—chan eil mòran dhiubh mun cuairt an seo, ach thèid mi unnta a h-uile turas a bhios mi siubhal. Bidh mi dol do bhùithean eile ge b’ rith càit an tèid mi. B’ àbhaist dhomh bhith ri mòran teagaisg–a’ siubhal is a’ teagasg. Nuair a bhios tu ris an sin, bidh thu fuireach còmhla ri neach cuibhrigidh eile mar is trice, agus bheir iad thu dhan stòr is fhearr leotha fhèin. Tha fios-am far a bheil mòran dhiubh air feadh Amaireagaidh a Tuath!

B’ àbhaist dhomh bhith teagasg air feadh Amaireagaidh a Tuath. Bidh mi fhathast ris gu ìre ach tha e dol sìos. Agus tha sin caran math oir bha mi cho trang a’ teagasg aig aon àm, thuirt mi gun robh mi dol ga chumail aig uair no dhà sa mhìos. Thachair dhomh bhith— am Maryland tha mi smaoineachadh—agus bha mi ’n dùil gun robh mi am Massachussets! Thuirt mi: “Stad ort mionaid, tha ’n t-àm agam-sa deanamh air mo shocair!” (Gaire)

Cò dhiùbh, (a’ bruidhinn air na dealbhan) sin agad a’ chiad rud agus chi thu mar a chuir mi iad an òrdan. Chuir iad thugam liost de ’n fhichead eun is fhearr leotha agus a bu
mhath leotha bhith air a’ chuibhrig. Faodaidh mi gin sam bith eile chuir ris. Seall, tha 24 cearnag an seo. Bidh na h-eòin is fiachaile air an cur an sin. Ni mise dealbh de ’n mheudachd cheart—a’ chearnag—agus bho ’n sin, ni mi na pàtrain. Tha am fear seo deiseil airson fhuaigheal.

San obair seo, tha iomadh seòrsa cuibhrigeadh ann. Se appliqué tha seo, ach tha mi deanamh seo leis an inneil oir chan eil aca de dh’airgiod na phàigheas airson fuaigheal làimhe air fad. Leis an fhear seo, tha goireas ann ris an abair iad lion tàthaidh a bhios mi ag iarnaigeadh air gach pìos aodaich. Feumaidh mi a tharraing air a chùl, oir bidh e dol an aghaidh sin. Bidh mi tarraing gach pìos air an lion tàthaidh, ga iarnaigeadh ris an aodach, ga ghearradh a-mach agus ga shuidheachadh fo ’n seo. Tha na dhà sin deiseil airson am fuaigheal; rinn mi iadsan feasgar an dè. Mar is trice, thèid agad air fear slàn a dheanamh gach latha, no dhà fhaighinn deiseil airson am fuaigheal agus faodaidh tu an ath latha chur seachad a’ fuaigheal. Feumaidh tu bhith ag atharrachadh dath an t-snàithlein agus mar sin, bidh e nas fhasa ma bhios grunnan deiseil agad. Ach, bhithinn a’ fàs seachd-sgìth nam biodh fichead agam deiseil agus nam bithinn a’ fuaigheal fad cheithir latha. Tha rud ma-seach nas fhearr.

Feumar a bhith foighidneach is mionaideach ri cuibhrigeadh làimhe.Feumar a bhith foighidneach is mionaideach ri cuibhrigeadh làimhe.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: An e fuaigheal làimhe bu mhotha bha sibh a’ deanamh an toiseach?

Anna: Nuair a thòisich mise an toiseach, cha robh innealan aca a dheanadh an seòrsa fuaigheil a dh’fheumas tu airson fuaigheal inneil; agus cha robh an lion-tàthaidh seo aca. A’ chiad turas a chunnaic mis’ e ann am bùth an Normaway, far a bheil an Dà Mhac a nis, rinn cuideigin cluasag an sin le rannan chloinne oirre agus thuirt mi: “Seall thusa sin! Tha sin sgoinneil. Tha fios gun tèid agam-sa air sin a dheanamh.” Mar sin, b’fheudar dhomh falbh is inneal a cheannach. Agus a nis, bidh mi faighinn fear ùr a h-uile 10 no 12 bliadhna oir bidh barrachd ghoireasan a’ nochdadh fad na h-ùine.

Tha mi toirt an aire gur e na cuibhrigean as saoire agam is luaithe reicear, an dara cuid sin no an fheadhainn a tha dìreach àlainn fhèin, a h-uile sian deanta le làimh, oir bidh daoine gan sireadh sin mar obair ealain agus mar chnòid.


Taobh a-staigh an stiùdio far am bi Anna a' fuaigheal a cuid ealain.Taobh a-staigh an stiùdio far am bi Anna a' fuaigheal a cuid ealain.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: Cò mheud cuibhrig a tha sibh an dùil a rinn sibh?

Anna: Corr is 440. Tha mi gan cunntadh. Seo an cuibhrig sin a th’ air a’ bheairt (a’ sealltainn ris a’ mhàileid) Togaidh mi dealbh nuair a bhios an t-uachdar deiseil, dìreach air mo shon fhìn; mar sin, ma dh’èireas sian dhà, bidh dealbh agam cò dhiùbh. An sin, togaidh mi dealbh eile nuair a bhios e deiseil.

Tha rothan air a’ bhòrd seo agus bidh mi dìreach a’ gluasad a h-uile sian a-mach as a’ cheann seo agus togaidh mi an dealbh an sin. Faic an toll a th’anns a’ mhullach—sin toll eile airson nan dealbh a thogail. Uile gu lèir, thèid agam air an stiùdiò air fad a ghabhail a-steach; bidh mi ga chur air an làr ma bhios e ro mhòr airson a’ bhalla agus bidh mi togail an dealbh bho ’n mhullach mar a bhios na dealbhadairean profeiseanta a’ deanamh. Bidh brat mòr glas agad air an làr agus sgaoilidh tu an cuibhrig air uachdar sin agus togaidh tu an dealbh o ’n mhullach.

Christie: Ciamar idir a dhealaicheas sibh ris na cuibhrigean?

Anna: Bha cuibhrig agam an uiridh air an robh a h-uile duine measail agus choisinn e iomadh duais aig na fèilltean nàiseanta. Thàinig am fear seo a-steach agus thuirt e: “Sin am fear a tha bhuainn.” Agus, nuair a thug e leis e mach an doras, thuirt e: “Am bi sibh ceart gu leòr?” Thuirt mise: “Tha sibh a’ dol a thoirt deagh dhachaigh dhà, nach eil?”

Christie: Mar sin, tha fios gu bheil na cuibhrigean air feadh an àite?

Anna: Tha, tha iad anns a’ Ghearmailt; reic mi fear an uiridh dhan Eilbheis, chaidh fear gu Parais agus air feadh Amaireagaidh a Tuath. B’ àbhaist a’ mhòr-chuid de cheannaichean a bhith far Cladach an Ear nan Stàitean, ach bho chionn bliadhna no dhà, tha barrachd a Alberta an Columbia Bhreatannach. Tha mi smaoineachadh gun robh barrachd dhiubh ann na bha as na Stàitean bho chionn bliadhna no dhà.

Obair a' dol air n-adhart.Obair a' dol air n-adhart.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: Am b’ fheudar dhuibh a radh aig aon àm, “Thug mi cuibhrigean gu leòr seachad, tha mi nis a’dol gan reic?” No bheil cuibhrigean agaibh fhathast a h-uile bliadhna dìreach airson an toirt seachad.

Anna: Cha b’ fheudar. Dh’atharraich cùisean nuair a chaidh m’ fhàgail leam fhìn, màthair chloinne as aonais airgid. Feumaidh tu airgiod a chosnadh air dhòigh air choireigin. An toiseach, nan reicinn fear, bhiodh agam na dheanadh an ath fhear. Sin mar a bha thu cumail a’ dol.

Mar a bha sinn ag radh roimhe, bidh thu duilich a’ dealachadh riutha ach tuigidh tu gu bheil thu sìor gluasad air adhart nad inntinn chun an ath fhear. Sa ghnìomhachas agamsa, cha bhi mi deanamh poil’ airgid ach tha mi gam chumail fhìn ann an aodach fuaigheil agus thèid agam air a dhol gu cuilidh chuibhrige agus clasaichean a ghabhail cuide ri neach a tha ri obair as toigh leam. Tha seo gam chumail a’ dol.

Bidh mi ri bùithean obrach an seo cuideachd. Cuilidh uair no dhà sa bhliadhna mar is trice. Tha seòmar chlas agam gu h-ìseal. Bidh iad a’ fuireach aig an Loidse agus thig iad a-nuas an seo agus ni iad latha no dhà de chlasaichean.


Cuid de chòrr is leth-cheud brat ribichte a rinn Anna.Cuid de chòrr is leth-cheud brat ribichte a rinn Anna.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: Ciamar a thòisich sibh air na bratan ribichte?

Anna: Bha ath-leasachadh ann de ’n t-seann stoidhle a Chéticamp—ribe thraidiseanta mar a chanas iad, leis na luideagan a-mhàin, agus chòrd sin rium. Bha mi faighinn barrachd duilghiodais le m’ fhradharc ri appliqué làimhe agus mar sin, bha mi ’n dùil gum biodh bratan ribichte na b’ fhearr airson nam feasgar. Tha na lùban leathainn agus chan fheum thu fradharc tuilleadh is math. Mar sin, thadhail mi air Deanne Fitzpatrick, bidh ise deanamh bhratan uamhasach math. Tha ise a Tìr Nodha. Tha ise ann an dòigh na ceannard air ath-leasachadh nam brat ribichte san t-seann nòs an Roinnean na Mara. Mar sin, stad mi aice agus thog mi paca fiach an còrdadh e rium agus tha mi smaoineachadh gun do rinn mi suas ri 50 bho ’n uair sin! Tha fios gun do chord e rium!

Se spòrs a th’ unnta! Cuiridh tu barrachd as do dhèidh oir cuiridh tu crìoch orra nas luaithe. Aon uair is gum bi iad ribichte, cuiridh tu fèitheam orra agua tha iad deiseil—cha leig thu leas an cuibhrigeadh.

Bha mi deanamh sreath air beathaichean. Tha mi ’n dùil gun do rimnn mi 12 no 15 dhiubh. Bha taisbeanadh agam aig a’ cheann thall aig Ionad nan Ealan an Inbhir Nis.

Christie: Seo a’ bheairt air am bi sibh riutha?

Anna: Bidh mi deanamh na feadhainn mhòra air an fhear sin, ach leis an fheadhainn bheaga, tha beairt bheag ùrlair agam a thèid nad uchd.

Beairt nam brat.Beairt nam brat.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: Dè cho fad ’s a thug sibh air Cuibhrige Cheap Bhreatainn a dheanamh?

Anna: Dh’fheumainn coimhead sa mhàileid airson sin innse dhut—ceudan uairean. Bha iad a’ sireadh seòrsa cuibhrig air Ceap Bhreatainn agus chuir mi romham na ceithir prìomh chuspairean a dheanamh—gnìomhachas is iasgach, àiteachas agus turasachd.

Am fear eile—Triall Chabot—am faca tu am fear sin? Tha mi smaoineachadh gu bheil e anns an taigh-tasgaidh an Grand Etang; is ann air Triall Chabot an Dubh is an Geal a bha e (a’ ciallachadh an leabhair) Chi thu gu soilleir e. Se Triall Chabot a bha sa mheadhain agus seallaidhean bho ’n àm a dh’fhalbh air na h-oirea.


Cuibhrig Cheap Bhreatainn mu dheireadh aig Anna, air fhoillseachadh aig <em>Fiddle Stitches</em> am Màbu. Cuibhrig Cheap Bhreatainn mu dheireadh aig Anna, air fhoillseachadh aig Fiddle Stitches am Màbu.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Seallaidh mi dhut an cuibhrige mu dheireadh air Ceap Bhreatainn—ma thèid agam air a lorg. Seo am fear a rinn mi airson pàtrain a reic as—tha mnathan an Sidni ag obair air an fhear seo. Nan robh barrachd ùine air a bhith agam, bhiodh fear Triall Chabot na bu choltaiche ris an fhear seo, le barrachd obair làimhe.

Bidh sinn gan cur gu feum airson pàtrain a reic. Bidh mise reic nam pàtran ann an dà àite, fear dhiubh an Sidni aig Cuibhrigeadh air a’ Mhira. Tha seo math oir bidh muinntir nan cuibhrig a’ dol mun cuairt agus is àbhaist dhaibh pàtran a cheannach mar chuimhneachan. Nuair a thèid iad a Mhàbu, chi iad cuibhrige Cheap Bhreatainn agus faodaidh iad an ainm a chur sìos agus na pàtrain a cheannach. Faodaidh iad an ceannach uile gu lèir no cuiridh an stòr thuca fear gach mìos, leis an aodach no as aonais. A’ mhìos seo chaidh, aig Ionad nan Ealan is an Dealbhaidh, bha dithis bhan ag obair air fear agus chuir iad ad mèinneadair anns a’ mheadhain an sin, rud a shaoil mise glè innleachdach.

Christie: Cò às a tha sibh a’ togail ur beachd-smuain? Bha sibh a’ bruidhinn air mòran bheathaichean…

Brat ribichte à sreath air beathaichean.Brat ribichte à sreath air beathaichean.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Anna: Tha mi smaoineachadh gun robh mi ag ionndrainn nam beathach nuair a leig mi bhuam am baile—agus thòisich iad a’ nochdadh air mo chuibhrigean! Sin aon àite. Se eachdraidh fear eile. Tha mi glè mheasail air na seann fheadhainn a bhiodh freagarrach an taigh-tasgaidh. Ma dh’fhaoidte 6 no 7 bliadhna air ais, chaidh mi gu taisbeanadh a bh’ aig Comann Eachdraidh Mharyland—cuibhrigean a Màileid Bhaltimore—sin na cùibhrigean appliqué eireachdail bho na 1800an; shuidh sinn anns an taigh-tasgaidh fad an latha gan coimhead. Rinn mi mach carson a bha iad cho speisealta agus carson a mhair iad cho fada; cha b’ e an t-aodach a-mhàin ach an obair a chaidh unnta , an cùibhrigeadh. A nis, tha mòran cùibhrigidh air an obair agamsa oir tha mi creidsinn gur e sin aon rud a ghlèidheas iad. Rinn mi sreath le aodach ath-nochdte, a’ fiachainn ri ’n deanamh coltach ris an t-seann fheadhainn. Sin beachd-smuain eile. Nach eil fhios—na tha mun cuairt orm. Is toigh leam ealan nan daoine agus faoineas isrudan mar sin.

Rinn mi sreath slàn air Amaireacana nuair a bha mi fuireach anns na Stàitean. Glè thric, bi an t-aodach fhèin gam bhrosnachadh.

Christie: An tug sibh an aire gun robh ur cuibhrigean ag atharrachadh feadh nam bliadhnaichean?

Mairidh cuibhrig na 's fhaide ma bhios mòran fuaigheil na lùib.Mairidh cuibhrig na 's fhaide ma bhios mòran fuaigheil na lùib.
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Anna: Thòisich mise mar a thòisich a h-uile duine—tradiseanta, sìmplidh, naoi cearnagan is reultan ochd bhinnein—rudan mar sin. Ach cha toigh leam a bhith deanamh an aon rud ris a h-uile duine, agus thòisich mi cur mo dhreach fhìn orra. Thòisich mi deanamh chuibhrig ealain a bha na bu phearsanta is na b’ inntinniche. Agus a nis, tha mi air a dhol air ais gu barrachd traidisean chionns nach eil mòran ris a nis. Sa Chèitein seo chaidh, mar eiseamplair, bha mi nam bhritheamh air an Fhèill Nàiseanta, agus bha na bu lugha chuibhrigean anns na roinnean traidiseanta agus obair làimhe.

Tha mi cinnteach gu bheil barrachd luchd-cùibhrigidh tradiseanta ann na th’ ann de dh’fheadhainn cho-aimsireil ach cha bhi iad a’ taisbeanadh (ancùibhrigean) Nuair a theid thu gu fèilltean mòra, bidh barrachd chuibhrigean co-aimsireil ann.

Christie: An fhearr leibh mar sin an stoidhle traidiseanta?

Anna: Uell, air mo shon fhìn, chionns gu bheil mi gan reic; cha tàinig ach aon duine riamh a-steach dhan stiùdiò agam-sa a thuirt ; “Seo tha bhuam-sa—cùibhrig co-aimsireil.” Fhios agad—a-measg mhìltean?


Cha b' fhada gus an do ghabh Anna ùidh ann an ribeadh bhrat thradiseanta à Cheticamp (a' cleachdadh luideagan is stiallan aodaich.)Cha b' fhada gus an do ghabh Anna ùidh ann an ribeadh bhrat thradiseanta à Cheticamp (a' cleachdadh luideagan is stiallan aodaich.)
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Christie: An robh sibh an dùil, nuair a bha sibh na b’ òige air a’ bhaile, an sàs an obair nan each, gum b’ e cùibhrigeadh a bhiodh sibh ris?

Anna: Cha robh—seo mar a dh’ èirich. Cha do chuir mi riamh cus sùim ann—bha e caran nàdarra dhomh.

Christie: Am bi sibh a’ reic sa gheamhradh?

Anna: Cha bhi mi reic idir sa gheamhradh. Bidh mi dìreach ri obair coimisean. Ma dh’fhaoidte gun tig duine no dithis a-steach, ach is ann ainneamh a thachras sin. Aon uair is gum bi na Dathan Ceilteach seachad, tha e cheart cho math dhomh an sanas a leagail agus an doras a ghlasadh.

Christie: Nuair a bhios sibh a’ siubhal mun cuairt, a bheil sibh an dùil gu bheil ùidh aig mòran an seo?

Anna: Tha, tha mi’n dùil gu bheil. A rèir na thig a-steach an seo, chanainn gu bheil.

Christie: Mar sin, fuaigheal—sin ur roghainn?

An Geamhradh san Intearbhail MhòirAn Geamhradh san Intearbhail Mhòir
Anne Morrell Robinson; The C@P Society of Cape Breton.

Anna: Rinn mi beagan snìomh. Bha cuibheal agam greis, bha i anns an taigh, agus cheannaich mi tè bheag Ashford an uair sin. Bha caoraich againn, agus bha mi smaoineachadh gum biodh e cheart cho math dhomh rudaigin a dheanamh leis a’ chlòimh. Rinn mi beagan snìomh is peilliceadh ach, fhios agad, bha figheadaireachd a’ coimhead cho doirbh.

An seòrsa cuimhne th’agamsa—tha e doirbh dhomh sreathan a chumail nam cheann. Thug mi làmh air macramé ach bhithinn a dìochuimhneachadh càit am bu choir gach cnot a dhol. Is fhearr leam deòntas, tha mi creidsinn.

Chaidh an t-earrann seo a thoirt a agallamh le Anna Morrell Robinson, na dachaigh, sa Ghearran 2009; se Ciorstaidh Nic Nìll is Eirica Shea, buill de chomann pròiseact Obair Tro Thìm, a rinn an t-agallamh. Ma bhios iarraidh agaibh air barrachd fiosrachaidh air Anna agus air a h-obair, thigeabh air an làrach-lìn aice: http://www.kingrossquilts.com

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 456 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map