Eachdraidh nam Brat Ribe agus an Luchd-ealain an Chéticamp.
Anselme Chiasson agus Anna-Ròs Deveau
Tha baile Chéticamp suidhichte air cladach an iar Cheap Bhreatainn an Albainn Nuaidh. Tha 3500 neach a’ fuireach ann agus se Acàidianich a th’ unnta gu beagnaich. Fada mus do lorg Jacques Cartier Canada, bhiodh Eòrpaich is Bascaich agus iasgairean eile tadhal ann. Bhiodh na h-iasgairean sin a’ tiormachadh an truisg air a’ chladach aig La Pointe. Ach, cha robh tuineachadh maireannach ann gu deireadh na 18 linn. B’ ann cuideachd aig La Pointe de I’lle (an leth-innis) an Chéticamp a chuir am marsanta Tearlach Robin a Eilean Shearsaidh air bhonn stèisean iasgaich an 1767. Thàlaidh seo feadhainn a thàinig agus a rinn fuireach ann.
Bean a' dìleab a cuid eòlais ribeachaidh an Cheticamp.
Les Trois Pignons Cultural Centre.
An Chéticamp, agus anns gach àit’ eile, nach eil fhios, bhiodh fuachd nan ùrlar a’ toirt air na mnathan bratan a chruthachadh, gu h-àraid anns a’ gheamhradh, chum an casan a chumail bho ’n fhuachd agus airson barrachd comhfhurtachd. Leis cho riatanach sa bhiodh seo, nach eil fhios gum biodh na mnathan a’ deanamh nam brat bho thùs an Acàdia; agus tha fios gun tug iad a’ cheaird leotha as an Fhraing, ged a thug mì-fhortain ar n-eachdraidh bhuainn dearbhadh sgrìobhte. Seo na bratan as sine air a bheil cuimhe an diugh an Chéticamp, bratan air an deanamh le défaisures, (luideagan) bratan pleatach, bratan fighte, bratan ròsagach agus bratan air an deanamh le breillons.( stiallan)
Feumalachd agus tùs nam brat ribe an Chéticamp
Mus tàinig dealan an Àigh gu Chéticamp ann an 1937, se stòbh fiodha a bhiodh a’ teasachadh an taighe. Sa gheamhradh, bhiodh na h-ùrlair daonnan fuar. Bhiodh seo gu h-àraid follaiseach nuair a ghluaiseadh tu astar goirid bho ’n stòbh. Cha robh guth fhathast air còmhdach-làir bho bhalla gu balla a bhithear a’ reic ann an stòraichean an là ’n diugh. Ach, ann an grunn math de thaighean, bhiodh bratan breillon no pleatach air uachdar cuid de ’n ùrlar anns gach seòmar. Seo mar a bhathar gan cur gu feum.
Bha cuid de na bratan ròsagach no breillon seo glè mhaiseach, gu h-àraid na bratan a b’ ùire. Uaireannan, bhiodh an fheadhainn a b’ àille air an cur ma-seach airson amannan sònraichte. Mar sin, cha toireadh cuid a-mach na bratan a b’ àille ach aig fèilltean sònraichte agus nuair a bhiodh uaislean a’ tadhal, leithid an t-sagairt parraiste, uair sa bhliadhna.
Sealladh aig Bàgh Peigi.
Les Trois Pignons Cultural Centre.
Seo mar a dheanta bratan breillon: bhiodh seann aodach, ach clòimh a-mhàin, air a ghearradh na stiallan fada mu thimchioll òirleach gu leth an leud. Bha na breillons, mar a theirte riutha, air an cur an sàs le ribe ann an canabhas a thigeadh bho phocannan cainbe. Tha fios againn gum biodh bàtaichean siùil, beathaichean, eòin, craobhan is eile air an dealbhadh air cuid dhiubh sin.
Thàinig bratan clòimhe a-steach dhan bhaile na b’ anmoiche na an fheadhainn a bh’ ann an Chéticamp bho thus, iadsan a bh’ air an deanamh le breillons is canabhas. Tha e coltach gum b’ i Mairi (Forest) Fiset, a bhean aig an Dotair Napoléon Fiset, a thug a’ chiad bhrat clòimhe gu Chéticamp.Tha na bratan clòimhe air an deanamh anns an aon dòigh ris na bratan breillon, ach tha an cruth nas grinne agus nas fhìnealta. Tha na bratan sin a’ freagairt ro mhath air dealbhadh an iomadh cumadh is dath. A bharrachd air an dealbhadh is air measgachadh nan dath, tha maise nam brat sin cuideachd an urra ri fuaigheal ealanta an t-snàth troimh ’n lion, gach lùb co-ionnan agus uachdar a’ bhràit mìn, còmhnard, gun aon bhad molach ann idir.
Triùir bhan a' cruthachadh brat an Cheticamp.
Les Trois Pignons Cultural Centre.
Nach eil fhios gum biodh mnathan Chéticamp a’ cur an cèill an ealantais fhèin anns na bratan a bhiodh iad a’ deanamh, ach b’ ann gu h-àraid airson feumalachd an taighe a bha iad riutha. Bha seo fìor mu gach brat a bhathar a’ deanamh san sgìre.
Leis mar a thàinig an obair air adhart agus leis an fhèill a th’orra an Amaireaga a Tuath, an diugh, se prìomh chruthachadh rìomhachd is ealantais a th’ ann am bratan Chéticamp, ged a thathar a’ cur cuid dhiubh fhathast gu feum taighe.
Tha feadhainn de “luchd-ealain an t-snàth” air fàs ainmeil mar thoradh air coileantachd an saothair, an dealbhachd annasaich, no ri linn thachartasan a tharraing iad fa chomhair an t-sluaigh.
A’ bhean-phòsta Anna (ni’ n Eòis mhic Iain) Chiasson (1902-1972)
Ceathrar bhan an Cheticamp a' sealltainn brat mòr a rinn iad.
Les Trois Pignons Cultural Centre.
Rinn a’ bhean-phòsta Anna (ni’ n Eòis mhic Iain) Chiasson grunn bhratan mòra airson Lillian Bhurcach. Fhuair i urram nuair a chaidh iarraidh oirre am brat bu mhotha chaidh riamh a dheanamh an Chéticamp a ghabhail os làimh. Thathar ag radh gum b’ e mac-samhail de bhrat anns an Louvre am Parais a bh’ ann. Chuir Lillian Bhurcach seachad trì mìosan a’ tarraing an dealbhaidh air a’ chanabhas. Chuireadh 200 punnd snàth gu feum; bho na prìomh dhathan dearg, buidhe is gorm, thàinig air Anna Chiasson sin a dhath na 120 fiamh a rèir mar a bha dhìth anns an dealbhadh. Seach nach robh uisge ruith na dachaigh, thug Anna an snàth, an dath, an t-searbhag, na h-amair agus stòbh beag fiodha leatha gu allt faisg air “ la source Bouillante” agus an sin, sa bhogaich, dhath i an snàth air fad.
Bha am brat 18 air 36 troigh, se sin 648 troigh cearnagach am farsaingeachd. Bha feum air mòran a bharrachd rèilich na bha ri fhaighinn anns an dachaigh airson beairt a ghabhadh brat de ’n mheudachd seo. Chaidh beairt a chur suas air ùrlar bualaidh sabhail. Fo stiùireadh na mnatha phòsta Mairi (ni’n Uilleim) Aucoin, neach-tagraidh Lillian Bhurcach, shaothraich naoinear fad sia mìosan air a’ bhrat: na mnathan-pòsta Anna Chiasson, Emma Haché, Ester agus Edna Boudreau agus na mnathan singilte Ealasaid Haché, Liùsaidh Yvonne Aucoin, Philoméne agus Liùsaidh Bourgeois agus Mairi Aucoin.
Bhiodh na mnathan ag obair fad na seachdain bho ochd sa mhadainn gu còig, agus an sin bho shia gu naoi uairean feasgair. Cha bhiodh bhuapa aca deich mionaidean sa mhadainn agus feasgar airson beagan fois agus airson am biadh fhèin a ghabhail, aran is ìm. Leis na bha ag obair còmhla fad mhìosan, bha caidreamh domhainn a’ dol agus roinn mhath fealla-dhà is bigireachd. Cho luath sa thòisicheadh na mnathan ri obair sa mhadainn, bhiodh iad a’seinn dhuan a bha co-cheangailt’ ris an aifhrinn.
A chum brat de ’n mheudach seo a dheilbh, bhiodh feum air còig rolairean airson a’ chuid a bha deiseal a phasgadh suas. Bhiodh na rolairean a’ sìor dhol am meud agus a thaobh sin, glè duilich an tionndadh. Se obair da rìreabh sgìtheil a bh’ ann, ach bha muinntir Chéticamp glè leòmach às a’ bhrat a bha cho sònraichte ann an ealantas is ann an greadhnachas. Tha am brat an diugh an àiteigin am Bhirginia. Ach, a dh’aindeoin na rinneadh de rannsachadh, cha deach am brat no an neach leis an leis e a lorg.
A’ bhean-phòsta Catriona (ni ’n Iain mhic Eòis) Poirier (1901-1994)
Catherine Poirier.
Les Trois Pignons Cultural Centre.
A’ bhean-phòsta Poirier—Catriona à Mose (bean Mhaois) mar a b’ fhearr a b’ aithne dhuinn i, nighean Iain (mhic Eòis) Chormier a St-Joseph-du-Moine, thòisich ise ris na bratan breillon nuair a bha i glè òg agus bha i riamh riutha. Tha ise an lùib nan uaislean ann an gnìomhachas nam brat gu h-àraid a thaobh cho annasach sa bha dealbhachd a h-oibre. Bhiodh Catriona a’ cruthachadh a dealbhachd fhèin agus ga chur an cèill gu sìmplidh agus le mòr-thlachd.
Cha b’ fhada gus an d’ fhuair i ainm sa chiùird seo, oir bha mac-meanmna agus sgil innte gu nàdarra. Cho fad air ais ri 1940, thog i dealbh bho chairt-puist agus rinn i brat anns an robh 12 troigh cearnagach. Na stoidhle aon-fhìllte fhèin, bha ròsan is cuartagan mealbhaid ann an iomadh fiamh gorm air grunnd dubh, cuartaichte le gorm.
A’ bhliadhna sin, leig luchd-turais ris gun robh iad an dùil tadhal, agus thàinig a’ chiad làn bus dhiubh gu Chéticamp. Chuir na mnathan air dòigh taisbeanadh bhrat is oir-ghreus airson an luchd-tadhail sin ann an talla na parraiste, agus bha duais ri thoirt do ’n tè aig an robh an obair a b’ fhearr. Chaidh onair an taghaidh fhàgail aig an luchd-turais agus thagh iad am brat aig Catriona airson na duaise. Anns na bliadhnaichean na dhèidh sin, rinn Catriona iomadh leth-bhreac de ’n bhrat a choisinn an duais. Bhiodh a’ phrìs a gheibheadh i a’ dol suas gach bliadhna. Bho1979, bhiodh Catriona ri oir-ghreus beag a-mhàin, an eaglais, càrn-cuimhne na 14 neach a stèidhich am baile, bàtaichean, iasgairean agus eòin baile.
Nuair a bha i 81, chaidh i gu Montreal a dh’fhaicinn taisbeanadh de cuid obrach fhèin aig taigh-tasgaidh McCord. Fhuair i fàilte mar a gheibheadh banrigh. Bha muinntir rèdio is telebhision an làthair airson an tachartais. Bhruidhinn Catriona gu fosgarra mu dheidhinn a cuid bhrat is oir-ghreus, dh’innis i sgeulachd agus ghabh i òrain.
A’ bhean-phòsta Ealasaid Lefort-Hansford (1914-2005) )
Élizabeth LeFort.
Les Trois Pignons Cultural Centre.
Nuair a bha i glè òg, dh’ionnsaich Ealasaid Lefort bho màthair mar a dheanadh i bratan ribe. An 1940, dh’iarr tè de peathraichean oirre oir-ghreus a dheanamh airson caraid. Aig an àm sin, bha Ealasaid gun tòiseachadh air a dealbhachd fhèin a chruthachadh, ach bha meas aice air cairt Nollaig àraid a fhuair i. Tharraing Ealasaid an dealbh air pìos canabhais, 25 air 30 òirleach, agus dhath i an snàth ann an 28 fiamh de dhonn. Leis cho math ’s a riochdaich i an oir-ghreus, bhrosnaich seo cùrsa-beatha a choisinn inbhe dhith agus cliù eadar-nàiseanta.
Nach eil fhios gum biodh Ealasaid a dath an t-snàth a dh’fheumadh i airson a cuid oir-ghreus. Bha comas anabarrach aice air an dearbh dhath a bha bhuaipe a chruthachadh. Bhiodh i cuideachd a tarraing a dealbhadh fhèin air a’ chanabhas, obair far am biodh feum air cunntas gu math mionaideach an am meudachadh a rèir sgèile. Bhiodh mòran obrach air an dealbhadh ro làimh, agus nuair a rachadh a tharraing air a’ chanabhas agus a bhiodh an snàth air a dhath anns na ceudan fiamh air am biodh feum, bhiodh Ealasaid an dùil gun robh an oir-ghreus cha mhòr ullamh. Bha ise am beachd gum b ’e ribeadh a’ bhrait a’ chuid a b’fhasa choilionadh.
Brat le iomhaigh a' Phrìomhaire, Pierre Trudeau.
.Les Trois Pignons Cultural Centre.
A thaobh a sgil fhèin agus a h-oileanachadh, rachadh aig Ealasaid air 55 lùb sa mhionaid a ribeadh, 3300 san uair, 26, 400 ann an latha ochd uaireach agus 158, 400 ann an sia latha. Nuair a thug i seachad a dealbh dhan Bhanrigh Ealasaid an 1959, thuirt Ealasaid rithe gun robh an dealbh a’ riochdachadh 11 là obrach. Fhreagair a’ Bhanrigh gu tuigseach: “11 latha obrach, ach is cinnteach saoghal eòlais.”
Fhuair Ealasaid LeFort Òrdan Chanada anns a’ Ghiblean, 1987, mar thoradh air a h-obair a’ cur air adhart cultar Acàidianach agus cuideachd mar a shoirbhich leatha ann a bhith tionndadh gnìomhachas ionadail nam brat gu àrd-ealain. Chuidich i gu mòr ann a bhith glèidheadh cultar is dùthchas Acàidianach tro h-obair a cruthachadh oir-ghreus ùr agus maiseach.
Nochd na h-earrannan seo an toiseach ann an “Eachdraidh nam Brat Ribe agus an Luchd-ealain an Chéticamp” a chaidh a chlò-bhualadh an 2006 le Leabhraichean Breatann. Se Mgr. Anselme Chiasson a rinn an deasachadh, Anna-Ròs Deveau a rinn an rannsachadh agus Marcel LeBlanc a rinn an t-eadar-theangachadh.
© 2006 La Société Saint-Pierre
Download a PDF version of this story. [file size = 416 KB]
© C@P Society of Cape Breton County, 2009

