Back To Home Page

Obair nam Ban aig Cidhe Whitney

Ealasaid Pheutanach

Anns a' chidhe, chagair!Anns a' Chidhe, chagair!
The Whitney Pier Historical Society.

Aig an toiseach, cha robh mòran bhoirionnach aig Cidhe Whitney. A dh’innse na fìrinn, bha àireamh nam ban (caileagan nan luib) na bu lugha na cairteal de ’n t-sluagh uile gu lèir aig toiseach an 20mh linn: b’ iadsan gu beagnaich mnathan nan tuathanach, nan iasgair agus an luchd-ceairde a chaidh fhasdadh airson a’ Ghàrraidh Stàilinn. An ceann deich bliadhna, bha gainnead nam ban na bu nochdte buileach, nuair a thàinig mìltean fhear a-steach do luchd-obrach na Stàilinn.

Anns na bliadhnaichean sin, se frithealadh do luchd obrach na Stàilinn an teachd-an-tìr bu chudthromaiche a bh’ aig boirionnaich. Bha fir shingilte a’ bòrdadh cha mhòr anns gach taigh, agus se mnathan a bha càirdeach do dh’fhear an taighe a bha ris a’ bhàrr-airgid seo. Bhiodh mnathan singilte cuideachd os cionn thaighean bòrdaidh agus “thaighean-òsda.”
Ann an 1901, bha trì mnathan òga Gàidhealach far na dùthcha an Ceap Bhreatainn os cionn taigh-bòrdaidh air rathad a’ Chladaich airson dhaoine a Pòland, na Stàitean, Talamh an Èisg agus a Ceap Bhreatainn. Bha iad a’ fasdadh searbhanta Ghàidhealach far na dùthcha an Ceap Bhreatainn agus bhiodh ise a’ fuireach aca. Bhiodh boirionnaich eile a’ sealltainn ri bùithean beaga nan dachaighean fhèin, a’ reic bidhe is ghoireasan riatanach ris an luchd-obrach. Bhiodh iad cuideachd ri fuaigheal is nigheadaireachd. Bhiodh na mnathan Iudhach a’cumail sùil air gnìomhachas an teaghlaich—gròsaireachd mar bu trice—fhad ’s a bhiodh an athraichean is an cuid fhear a-muigh a’ reic le pac air an dùthaich.

Ghlèidh mnathan a' Chidhe an dualchas tro dheasachadh bidh is deas-ghnàthan eile san dachaigh agus air feadh na sgìre.Ghlèidh mnathan a' Chidhe an dualchas tro dheasachadh bidh is deas-ghnàthan eile san dachaigh agus air feadh na sgìre.
The Whitney Pier Historical Society.

Cha robh cothroman obrach nam ban ach gann, taobh a-muigh na dachaidh, nuair a b’ àirde obair na Stàilinn ann an Sidni. Tha Cunntas 1901 a’ sealltainn gun robh beagan bhoirionnach ri tàillearachd is rùnaireachd leithid clàr-chunntas. Bha aon tè aig Cidhe Whitney ri obair telefon, tè eile na ban-sgoilear. Se searbhantachd an obair bu chumanta bh’ aig mnathan taobh a-muigh na dachaidh. Gu dearbh, bha uidhir feum air searbhantan cho fad air ais ri 1909, is gun d’ fhuair mnathan dubha as na h-Ìnnsean an Iar a-steach ged a bha polasaidhean cruaidh an aghaidh inimrich nan daoine dubha. Chionns gun robh obraichean mar seo cho pailt ann an Sidni, b’ e mnathan imrich as na h-Ìnnsean an Iar a’ chiad àireamh bhan bu mhotha a bh’ aig Cidhe Whitney.

As dèidh a’ Chogaidh Mhòir, thòisich mnathan ri tighinn nan drobhannan gu Cidhe Whitney; mnathan is clann a’ tighinn còmhla a rithist, cuide ri athraichean is fir-chèile. Nuair a thàinig na mnathan is a’ chlann agus a thuinich iad mar theaghlaichean, sin far an deach Cidhe Whitney a stèidheachadh mar “choimhearsnachd.”


Luchd-obrach Banca Rìoghal Chanada aig Cidhe Whitney, 1945.Luchd-obrach Banca Rìoghal Chanada aig Cidhe Whitney, 1945.
The Whitney Pier Historical Society.

Lean am fasan sin feadh na 1920an agus na 1930an agus a rithist as dèidh an Dara Cogaidh. Uaireannan, cha bhiodh cus cuimhn’ air na h-imrichean ùra leis na fir a thàinig air thoiseach orra. Is iomadh briseadh-dùil a thachair.

Nuair a bha iad ag obair aig a’ Ghàrradh Stàilinn aig àm an Dara Cogaidh, fhuair mòran mhnathan a Cidhe Whitney cothrom neo-chumanta air a bhith cò-ionnan ris na fir. Bha iad ri iomadh seòrs’ obrach—eadar na h-àmhainnean gual-fhiodha agus am muileann stàilinn, obair chranna agus obair cheàirdeil. Ach dh’fhoghlaim iad gun robh roinneadh eatnaic a’ beantainn riutha-san, cho cinnteach sa bha iad ris na fir. Nuair a sguir an Cogadh, fhuair na fir a thill sealbh air na h-obraichean agus na duaisean àrda a bh’ aca.

Leis cho buileach cruaidh sa bha an saoghal nan dùthchannan fhèin, lean cuid de bhoirionnaich òga am bràithrean is an cò-oghaichean a-steach a shireadh fortain, mar bu trice ri obair taighe, ach an dòchas cèile a lorg. Bha cuid eile fo ghealladh ri fir ris nach do choinnich iad riamh. Thèid aig barrachd is aon bhoirionnach a Cidhe Whitney air bruidhinn mu dheidhinn obair baile no seirbheis a rinn iad chum airgiod faraidh a chosnadh agus tochradh aodaich is anartan a chur ri chèile—an dùil pòsadh ri fear òg air nach do chuir i eòlas ach bho dhealbh a thàinig anns a’ phost. Air an turas fhada thar a’ chuain gu Halafags, ma dh’fhaoidte gun coinnicheadh a leithid seo a thè ri mnathan òga eile leis na h-aon rùintean, as gach cearn de ’n t-saoghal. Tha fios gun robh cianalas agus iomadh teagamh anns a’ chuid mu dheireadh de ’n t-slighe air an trèan gu Sidni gus an d’ rachadh a’ toirt gu sàbhailte gu taigh chàirdean as an t-seann dùthaich far an coinnicheadh i ris an duine bhiodh i dol a phòsadh.

Mar a dh’ fhàs teaghlaichean cumanta, bha an gnothach dà rìreabh doirbh do mhnathan singilte anns a’ chuideachd agus a thaobh obrach. Bha seann bhoirionnach, banntrach, a’ glanadh sgoil na Beinne ’n Ear fad iomadh bliadhna, a’ còmhnaidh air an lobhtaidh, as aonais uisge. Bha aice-sa ri sguabadh, ri dustadh agus ris na teinntean guail a chumail a’ dol. Leis cho gann sa bha seirbheisean sòisealta, dh’ fheumadh boirionnach singilte aig an robh clann goireasan a shireadh mar a b’ fhearr a b’ urrainn dith—is gun an còrr air ach ionad nan dìlleachdan. Nuair a dh’eug a cèile agus gun i fhèin ach òg, thug banntrach marsanta Iudhaich a-steach fuaigheal airson a triùir nighean a chumail agus oileanachadh. Bha banntrach Fhrangach a Talamh an Èisg ri obair taighe ann an dachaidhean dhaoin’ eile agus i fiachainn ri cuid cloinne a chumail aice. Mar a thachair gu tric agus gu cianail, cha b’ urrainn do ’n bhoirionnach shingilte a cuid cloinne a chumail aice. Mar a thachair ann am bailtean mòra gnìomhachais an Canada far an robh ceannas aig fir, dh’fheumadh cuid de na boirionnaich tionndadh ri strìopachas no bhith reic stuth làidir gun chead. Thèid aig na seann daoine air na taighean sin a chomharrachadh fhathast, ach an diugh, tha barrachd tuigse againn air tighinn beò a bha caran suarach sa choimhearsnachd aig a’ Chidhe.

Clionaig V.O.N airson Slàinte Phàisdean, 1924; Ionad na Coimhearsnachd, Cidhe Whitney.Clionaig V.O.N airson Slàinte Phàisdean, 1924; Ionad na Coimhearsnachd, Cidhe Whitney.
The Whitney Pier Historical Society.

Mean air mhean, mar a thàinig leasachadh air foghlam nam ban, theann iad ri àite nam fear a ghabhail os làimh a thaobh ionmhasaireachd is clarcaireachd agus thug iad a-mach a bhith nam ban-sgoileirean, nam ban-altruim, nan teicneolaichean x-ray agus lab, agus nan rùnairean. Chinnich na h-adhartasan sin a iomadh àird: ri linn obair shòisealta an t- Soisgeul a bha fo làimh mhnathan-crabhaidh na h-Eaglais Chlèirich agus Shaslaich a bha teagasg Beurla agus eòlas slàinte: obair slàinte phoblach a rinn Mabal Dubbin, a VON ainmeil sin a thug mìltean phàisdean chun an t-saoghail aig a’ Chidhe: obair shòisealta mhnathan-cràbhaidh Naoimh Marta agus mhnathan Feachd na Slàinte a chaomhain iomadh neach bho bhochdainn a thaobh an ùidh a ghabh iad ann an trioblaidean teaghlaich: agus uile luchd teagaisg a’ Chidhe, cha mhòr mnathan a mhàin gu ruige 1960. Tha dìleab na fèin-earbsachd is na saothrach follaiseach gach latha anns an àireamh bhan a tha sàs ann an gnìomhachas aig Cidhe Whitney.


Eibhlìn Moraff na stòr, 
<em> Snàth is Làmh-ealain Moraff.</em>. Eibhlìn Moraff na stòr, Snàth is Làmh-ealain Moraff..
The Whitney Pier Historical Society.

Feadh eachdraidh a’ Chidhe, chuir mnathan ri teachd-asteach an teaghlaich le ’n cuid sgilean dùthchais is gnìomhachais: ach mar an ceudna, bha cùram airgid agus slàinte an teaghlaich an urra riutha mar a bha an t-siorraidheachd de dhleasdanais eile a chumas an teaghlach a’ dol. Bha obair nam ban anns an dachaigh a’ dol na b’fhaide na cùram a thaobh feumanan làitheil an teaghlaich. Se na mnathan a ghlèidh an dualchas a tha na chomharra cho teann air cridhe a’ Chidhe. Rinn iad seo troimh dheasachadh bidhe, troimh èideadh deas-ghnathach a chur ri chèile agus troimh chumail suas na riaghailtean cràbhaidh anns an dachaidh agus anns a’ choimhearsnachd.

Bha mnathan a’ Chidhe a’ gabhail pàirt ann an obraichean saor-thoileach riamh bho ’n chaidh a’ choimhearsnachd a stèidheachadh: ach, bho chionn beagan bhliadhnaichean, tha mnathan air a bhith faighinn taing fhollaiseach airson sin. Bhuannaich na h-eaglaisean agus an Sineagog aig a’ Chidhe gu mòr a thaobh na chruinnich iad de dh’airgiod, a thaobh an tàlantan ann an drama agus an comas eanchainn ann a bhith cruinneachadh eachdraidh choimhearsnachd. Comainn charthannach, iomadh comann altarach agus comainn thaiceil nam ban—sin eiseamplairean air cuid de na tha ri fhaotainn aig Cidhe Whitney. An diugh, chì sinn nach do dh’fhuirich mnathan a’ Chidhe aig inbhe ionadail a thaobh cheannardachd ach gu bheil iad a’ gabhail pàirt ann an comainn roinneil agus nàiseanta ann an dreuchdan proifeiseanta is eatnaic a thaobh creideimh agus foghlaim.

Thàinig an aiste seo am follais an toiseach an seo: “Bho’n Chidhe, a Chagair! Dealbhan a coimhearsnachd ioma-chultaral” a chaidh a chur an clò le Comann Eachdraidh Cidhe Whitney, 1993.

WorkThroughTime LogoDownload a PDF version of this story. [file size = 404 KB]


 


© C@P Society of Cape Breton County, 2009

Site Map